Trusadh - ME : An Sgiths Nimheil
Diluain 23mh Faoilleach 2012 aig 9.00f air BBC ALBA
Sealladh air an fhulangas agus a' chruadal a tha a' cur orrasan a tha beò le ME.
Thathar a'dèanamh tuairmse gu bheil còrr is 250,000 neach anns an Rìoghachd Aonaichte a' fulang le ME . Ann an saoghal an saidheans ge-tà tha diofar bheachdan mu na tha ga adhbhrachadh, na comharran, an leigheas ceart, agus fiù 's an e tinneas 'fìor' a th'ann. Sealladh air an fhulangas agus a' chruadal a tha a' cur orrasan a tha beò leis an tinneas ris an canar ME.

Dè a dhèanadh tu ma bha tinneas ort nach ainmeachadh duine? Dè ma bha thu cho sgìth 's nach cuireadh tu cas air beulaibh cois, no nach b' urrainn dhut fiù 's glainne uisge òl? Agus dè a dhèanadh tu mur an robh an dotair agad a' creidsinn gun robh an leithid ann? Fàilte gu saoghal ME....
Thathar a' dèanamh tuairmse gu bheil còrr is 250,000 neach anns an Rìoghachd Aonaichte a' fulang leis an tinneas air a bheil ME (Myalgic Encephalomyelitis), agus diofar ainmean eile. Ann an saoghal an saidheans tha diofar bheachdan mu na tha ga adhbhrachadh, na comharran, an leigheas ceart, agus - 's dòcha an rud as draghaile buileach dhaibhsan a tha a' fulang leis - fiù 's ceist ann a bheil e na 'fhìor' chor chorporra, no 'tinneas fuadain' a tha san inntinn. Tha aon rud cinnteach ge-tà, tha beatha dhaoine ga sgrios leis, agus às aonais rannsachadh deimhinnte tha an luchd-fulaing air fhàgail ann an saoghal iomagaineach, mì-chinnteach.
Anns a' chiad phrògram sònraichte de dhà aig Trusadh mun tinneas, cluinnidh sinn na sgeulachdan aig còignear a tha a' fulang le ME - mar a thug e grèim orra, agus an strì airson leigheas : Alison NicColla, banaltram agus màthair à Leòdhas; Sean Ankers, oileanach ann an diadhachd à Inbhir Nis; Niall MacGilleathain, poileas à taobh Sear Rois; Kim Ayres, dealbhaiche agus neach -gnothaich soirbheachail à Dùn Phris; agus Nasim Marie Jafry, ùghdar an leabhair iomraitich, 'The State of ME'
Anns an darna prògram sònraichte de dhà, tha Trusadh a' toirt sùil nas dlùithe air saoghal ME, (Myalgic Encephalomyelitis), tinneas lagachail a tha a' toirt buaidh air barrachd na 250,000 neach anns an Rìoghachd Aonaichte. Tha diofar bheachdan ann an saoghal an saidheans mu na tha ga adhbhrachadh, agus mun leigheas ceart. Seallaidh am prògram seo air obair chonnspaideach Daibhidh Mickel, dotair Albannach a tha den bheachd gu bheil e air leigheas a lorg - le bhith a' trèanadh luchd-fulaing ann a bhith a' dèiligeadh rim faireachdainnean ann an dòigh eadar-dhealaichte, agus ag ùrachadh structair an eanchainn - uile tro chòmhradh.
Chan eil dearbhadh saidheansail air a' chùl, ach tha Mickel a' cumail a-mach gu bheil e air a bhith soirbheachail gu ìre iongantach. Leanaidh sinn dithis 's iad a' dol fon leasachadh aige, agus cluinnidh sinn beachd gu tur eadar-dhealaichte air an tinneas bhon eòlaiche eanchainn, An t- Oll. Peter Behan, a choisinn cliù le a obair rannsachaidh air leth air ME aig Ospadal an Southern General ann an Glaschu.
Tha an dithis luchd-fulaing, Allison NicColla à Nis ann an Leòdhas, agus Kim Ayres à sgìre Dhùn Phris, beò an dòchais gun tig buannachd as dhaibh. As dèidh a bhith a' fulang fad bhliadhnaichean , 's ME air buaidh mhòr a thoirt air am beatha, bha iad air gèilleadh do bheatha le tinneas nach robh cuid de dhotairean fiu 's a' creidsinn a bha fìor. Tha an Comann ME fhèin, a' bhuidheann a tha a'riochdachadh luchd-fulaing anns an Rìoghachd Aonaichte, gu math teagmhach. A bheil adhbhar dòchais da-rìribh ann dha Allison agus Kim ma-thà?