TRUSADH : SLIGHE DHAN FHÀSAICH
Dimàirt 5 Dùbhlachd aig 9f air BBC ALBA
Coinnichidh sinn ri cuid a th' air gabhail ri fhearann fhiadhaich na h-Alba, agus bheir sinn beachd air a bheil dha-rìribh fìor fhàsach air fhàgail.

Le sluagh air feadh an t-saoghail a' gluasad gu gnàthaichte gu na bailtean mòra, cha robh an iomadh buannachd a gheibhear bhon àrainneachd nàdarra, agus an tarraing a th' aig na h-àiteachan iomallach sin, a-riamh cho follaiseach. Dha mòran, tha fuireach anns na h-àiteachan sin air a thighinn gu bhith na dhòigh-beatha cunbhalach, fad air falbh bho chomhfhurtachd na beatha làitheil.
A-measg nan daoine ris an coinnich sinn - teaghlach òg a bhios a' cur seachad gach samhradh air eilean uaigneach Mhiùghlaigh; sgrìobhadair-turasachd à rubha iomallach Chnòideirt a bhios a' togail dhealbhan fhiadh-bheatha; fear a tha stèidhte sa bhaile mhòr agus a bhios a' sgrìobhadh leabhraichean-iùil 's e ag amas air brosnachadh dhaoine a dhol dhan bhlàr a-muigh; dithis pheathraichean bhon Eilean Sgitheanach a stèidhich boot camp anns an fhàsaich; agus cuid de Chlub Churach Steòrnabhaigh 's iad air turas campachaidh gu aon den iomadh eilean far chosta chorrach eilean Leòdhais.
Ann a bhith gan leantainn bheir sinn beachd air a bheil dha-rìribh fìor fhàsach air fhàgail ann an linn far a bheil an duine air uimhir
de ar cruth-tìre atharrachadh.