SEALLADH AIR GNÌOMHACHAS A’ BHÀIS AIR BBC ALBA
Diluain 19 Giblean aig 9f air BBC ALBA
Tha am bàs a' bualadh oirnn uile aig aon àm ach de am fios a th’againn air gnìomhachas a’ bhàis agus an obair a tha na lùib?
Tha prògram ùr aithriseach anns an t-sreath Trusadh air BBC ALBA a cur a’ phrosbaig air cuid na tha ag obair anns a’ gnìomhachas.
Nam measg na bhios a’ gabhail pàirt anns a phrògram bidh ministear, clachair, dotair, luchd-obrach comhairle agus stiùirichean tiodhlacan‘s eile bhon Eilean Sgiathanaich, Inbhir Nis agus Siorrachd Peairt.
Chaidh Gnìomhachas a’ Bhàis a riochdachadh le macTV airson BBC ALBA. Chìthear am prògram air Diluain 19 Giblean aig 9f