AN LÁMH A BHEIR: AIR BBC ALBA
Diluain 12 Iuchar aig 9.00f air BBC ALBA
Tha prògram aithriseach ùr air BBC ALBA gu bhith a’ coimhead air na tha ag obair gu saor-thoileach ann an Alba le rannsachadh ag innis gu bheil barrachd air 1.3millean daoine ann agus a tha a’ cur £2.2billean ri eaconomaidh na h-Alba.
Bith An Làmh a Bheir a’ cur a’ phrosbaig air cuid na tha ag obair gu saor-thoileach agus a’ bruidhinn ri cuid de na buidhnean saor-thoileach mu dheidhinn ciamar as urrainn dhaibh fàs a’ thoirt air an suidheachadh aig àm duilich do eaconomaidh na h-Alba.
A measg a bhios nochdadh anns a’ phrògram tha Chrissie NicRath (82) a tha a’ toirt taic aig Ospadal nan Eilean agus aig ionad Alzheimer’s agus a tha a’ fighe gu math tric airson carthannas. Thòisich Chrissie ag obair gu saor-thoileach barrachd air dà fhichead bliadhna air ais. Tha i ag innis mar a tha an obair còmhla ri Alzheimer’s cho cudromach dhith agus an duine agus mac aice a’ fulang leis an tinneas.
Tha Seonag NicChoinnich anns an Eilean Sgiathanach a’ bruidhinn mu dheidhinn an obair a tha i a’ dèanamh air an eilean.
agus thèid coimhead air am buaidh a tha aig riaghailtean slàinte agus sàbhailteachd air cuid a tha ag obair gu saor-thoileach. Thèid beachdan fhaighinn cuideachd bho Comhairle Buidhnean Saor-Thoileach an Alba.
Chaidh ‘An Làmh a Bheir’ a’ riochdachadh le mactv le Daibhidh Màrtainn a’ stiùireadh airson BBC ALBA. Chìthear am prògram air BBC ALBA air Diluain 12 Iuchar aig 9f.