SNÀMH TOIRMISGTE AIR BBC ALBA
Diluain 22 Màrt aig 9f
Thèid coimhead air mar a tha na h-àireamhan a bhios gabhail pàirt ann an cur-seachad snàmh toirmisgte le prògram aithriseach air BBC ALBA air Diluain 22 Màrt aig 9f.
Dan Martin bho Peterborough
Am measg na bhios a’ nochdadh air am prògram tha Sean MacLeoìd a tha na oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig. Thuirt e “Se cur seachad math a th’ann airson gheibh thu tòrr a mach as dìreach mar a tha cuid a’ faighinn leis a bhith a’ cluich geama mòr ball-coise. Gheibh thu cothrom barrachd rudan fheuchainn na gheibh thu ann an amar-snàmh Àbhaisteach”
Tha Sean O’ Drisceoil air a bhith a’ gabhail pàirt ann an cur-seachad seo a h-uile latha bhon thòisich e ann an 1992. Thuirt e “Tha mise air iomadh rud inntinneach fhaicinn leis a bhith dèanamh seo”

Julie Brook bho Sleite san Eilean Sgitheanach
Tha am prògram ag innis mu dheidhinn cho tarraingeach a tha an cur-seachad ach cuideachd gu bheil cunnartan ann agus gu feum daoine cùram a’ ghabhail.
Chaidh Snàmh Toirmisgte a riochdachadh le MacTV airson BBC ALBA. Chìthear am prògram air BBC ALBA air Diluain 22 Màrt aig 9f
Chaidh an naidheachd seo a sgaoileadh 'sa Bheurla
Leugh an stòiridh 'sa Bheurla an seo