Lìog Eòrpach Nam Ban air BBC ALBA
Diardaoin 10 Samhain aig 6f: Glasgow City FC v FFC Turbine Postdam
Tha sgioba ball-coise Glasgow City a’ cur fàilte air FFC Turbine Postdam san dàrna geama eatorra ann an Lìog Eòprach Nam Ban air Diardaoin 10 Samhain.
Tha BBC ALBA air na còraichean a ghlèidheadh airson geamannan sgioba ball-coise Glasgow City, aig an taigh agus air falbh, ann an Lìog Eòrpach Nam Ban a shealltainn air feadh an R.A.
Chithear gach breab den bhàla bho Phàirc Petershill ann an Springburn (Glaschu) bho 6f.
Chithear na geamannan air feadh Alba air BBC ALBA air Freeview channel 8 a-bharrachd air Virgin Media 188, Sky 168 agus Freesat 110.
’Se sgioba Ghlaschu a’ chiad sgioba ann an Alba a fhuair troimh chun an ìre seo den cho-fharpais agus bidh iad a’ coimhead air adhart ri cluich aig an taigh.
’S i Anna Mhoireasdan a bhios a’ libhrigeadh a’ gheama le còmhradh bho Derek MacAoidh.
Chaidh am prògraman seo a riochdachadh airson BBC ALBA le mneTV