
Anns an darna prògram sònraichte de dhà, tha Trusadh a' toirt sùil nas dlùithe air saoghal ME, (Myalgic Encephalomyelitis), tinneas lagachail a tha a' toirt buaidh air barrachd na 250,000 neach anns an Rìoghachd Aonaichte. Tha diofar bheachdan ann an saoghal an saidheans mu na tha ga adhbhrachadh, agus mun leigheas ceart. Seallaidh am prògram seo air obair chonnspaideach Daibhidh Mickel, dotair Albannach a tha den bheachd gu bheil e air leigheas a lorg - le bhith a' trèanadh luchd-fulaing ann a bhith a' dèiligeadh rim faireachdainnean ann an dòigh eadar-dhealaichte, agus ag ùrachadh structair an eanchainn - uile tro chòmhradh.
Chan eil dearbhadh saidheansail air a' chùl, ach tha Mickel a' cumail a-mach gu bheil e air a bhith soirbheachail gu ìre iongantach.... Leugh tuilleadh an seo