Na Companaidhean Riochdachaidh
MacTV Logo
Bees Nees
’S e companaidh riochdachaidh neo-eisimileach a th’ ann am Bees Nees Media a chuireas tionndadh ùr air dèanamh phrògraman aithriseach, fiosrachaidh, ciùil is ealain. On a thòisich sinn ann an 2003, tha sinn air obair a choileanadh do dh’iomadh buidheann leithid chraoladairean nàiseanta, chompanaidhean eadar-nàiseanta agus chlàradairean ciùil. Tron bhliadhna sa chaidh, riochdaich Bees Nees grunn phrògraman mòra, a’ gabhail a-steach Na Trads, ciad chraoladh Dhuaisean Ceòl Tràidiseanta na h-Alba; sreath chòig prògraman Cuibhlichean an Fhortain; agus ciad chomharrachaidh Oidhche Challainn BBC ALBA, Bliadhna Mhath Ùr.

Eyeline Media
Eyeline Media
’S e companaidh-riochdachaidh stèidhichte a th’ann an Eyeline Media, a tha a’ dèanamh prògraman aithriseach agus prògraman fiosrachaidh ann an Gàidhlig agus Beurla. Tha sinn a’ riochdachadh iomadach prògram airson na sianail Gàidhlig, a’ gabhail a-staigh an sreath càr measail, ‘Air an Rathad’, prògraman aithriseach, ealain agus fearas-chuideachd.

MacTV Logo
mactv
Stèidhichte ann an Eilean Leòdhais, cridhe nan Eileanan Siar, tha Mactv air a bhith a’ fàs agus a’ leudachadh, a’ togail an sealladh sònraichte fhèin air na cuspairean mu bheil iad a’ dèanamh phrògraman. Le còrr is deich bliadhna de eòlas ann a bhith a’ cruthachadh phrògraman telebhisein a tha air iomadach duais fhaighinn anns a’ mhargaid Bheurla agus Ghàidhlig, tha Mactv gu sònraichte a’ dèanamh phrògraman cruthachail, ùra ealain agus prògraman aithriseach. Tha an companaidh fhathast a’ leudachadh agus a’ dèanamh phrògraman a tha susbainteach anns a h-uile raon anns am bi iad a’ suathadh. Bidh iad cuideachd a’ toirt cothroman trèanaidh dhaibhsan a tha ag iarraidh an dreuchd ionnsachadh agus gabhaidh iad oileanaich tro sgeamaichean greis gnìomhachais.

madmac logo

madmac
madmac productions is an independent production company producing a wide range of innovative programmes. madmac’s versatility, creativity and enthusiasm brings an originality and fresh perspective to our productions. We are committed to producing the highest quality programmes with bold editorial ambition in the face of ever challenging budgets. We work with the best and brightest talent in the industry and passionately believe in the programmes we produce.

Midas Media logo
Midas Media
Tha Midas Media stèidhichte ann an Obar Dheathain agus a riochdachadh prògraman telebhisean an dà chuid ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Chaidh an companaidh a chuir air chois ann an 1999 agus chaidh a chuir air adhart airson BAFTA. An diugh, tha mòran eolais aig Midas, bho phrògraman aithriseach mar “Turas Trump” agus “Firinn is Feise” airson BBC Alba agus prògraman air an claradh a muigh ann an HD mar “Duan Nollaig” airson STV. Tha Midas airson cothroman a thoirt do luchd na Gàidhlig a tha ag iarraidh a bhi sàs ann an craoladh.

mneTV logo
mne TV
mne TV is one of Scotland's leading independent television production companies with an outstanding reputation for producing high quality broadcast programming. As an international award winning company, mne TV consistently delivers high-rating, innovative and original programming.

Sorbier-logo
Sorbier Productions
Chaidh Sorbier a stèidheachadh ann an 2006, le priomh amas – prògraman telebhisein Gàidhlig a riochdachadh gu àrd ìre, agus aig a’ cheart àm companaidh neo-eisimileach a leudachadh gu cùramach le comas, sgil is proifeasantachd aig a’ chridhe. Tha fichead bliadhna de dh’eòlas againn ann an craoladh, an dà chuid ann an gniomhachas na Gàidhlig agus anns an fharsaingeachd. Le bhith a’ taghadh sàr luchd-obrach anns gach roinn air am bheil feum, tha cliù againn mar chompanaidh tàlantach, eusgaidh is comasach. Ge bith de’n cruth phrògraim neo dè a’ chànan anns am bheil sinn an sàs, tha sinn de’n bheachd gum bu chòir do gach neach a bhith air an taghadh air a shon ri linn an cuid sgilean pearsanta, sònraichte.