Tha MG ALBA air dearbhadh gum bidh iad a’ toirt taic do farpais Cupa Dùbhlan aig Lìog Ball-coise na h-Alba ann an 2010. Chaidh seo ainmeachadh aig Pàirc Hampden far an deach taghadh a dhèanamh airson a’ Chiad Chuairt den fharpais.
'S e seo am 20mh bliadhna den fharpais, agus an treas bliadhna de thaic bho MG ALBA. Mar phàirt den aonta eadar MG ALBA agus Lìog Ball-coise na h-Alba, thèid aon de na geamannan bho na Iar-Chuairtean Dheireannach agus an Cuairt Deireannach fhaicinn beò air BBC ALBA.
David Longmuir, Àrd Oifigear an SFL, comhla ri Murchadh Moireasdan bho MG ALBA
Gheibhear toraidhean bho taghadh airson a’ Chiad Chuairt den Cupa Dùbhlan ALBA aig www.scottishfootballleague.com