ALBA CHALLENGE CUP 2009
Bidh MG ALBA a' toirt taic do dh'farpais Challenge Cup aig Lìog Ball-coise na h-Alba ann an 2009. Tha an fharpais air a bhith a’ dol airson 19 bliadhna, agus 's e seo an dàrna bliadhna de thaic bho MG ALBA. A rithist am bliadhna bidh an geama deireannach agus aon gheama san iar-chuairt dheireannach gan craoladh air BBC ALBA.
Scottish Premier League
Bidh BBC ALBA a’ sealltainn aon gheama SPL mar-beò gach Disathairne aig 8.00f. Chì sibh agallamhan còmhla ri cuid de na h-ainmean as motha ann am ball-coise. Cumaibh ur sùil air a' chlàr ama airson na h-ath-aithris Didòmhnaich.