Duaisean FilmG – MG ALBA a’ cur tàlant ùr air spiris
A dh’aindeoin cur is cathadh an t-sneachda, chruinnich filmeadairean dòchasach, sgoilearan, pàrantan, caraidean, na meadhanan is luchd-poileataics – fiù pearsa iomraiteach no dithis, ann an Inbhir Nis airson soirbheas FilmG a mhealtainn is na buannaichean fhaighinn a-mach.
Bha àile bheothachail san àite fad ’s a bha na h-ainmean às gach gnè gam foillseachadh. A’ toirt seachad nan duaisean bha britheamhan FilmG còmhla ri cleasaiche Gàidhlig cliùiteach, Dàibhidh Walker, neach-lìbhrigidh Janice Ann NicAoidh, stiùiriche a choisinn BAFTA Don Coutts agus, airson na duais ‘Roghainn an t-Sluaigh’, an rionnag às Eilbheas agus Still Game, Greg Hemphill.
Dh’fhosgladh an dàrna leth dhen chuirm le ceòl beò bho chòmhlan a tha stèidhte an dà chuid san Eilean Sgitheanach is Glaschu, Injuns, agus chuir cuirmearan na h-oidhche, Calum ‘Cagsaidh’ MacAmhlaidh às a’ phrògram chloinne Dè a-Nis? agus Fiona NicCoinnich a bhios a’ lìbhrigeadh air BBC ALBA, gleans is loinn dhà-rìribh air an tachartas.
Mar sin, cò bhuannaich? Uill, tha liosta slàn dhe na daoine a choisinn duais air làrach-lìn FilmG ach innsidh sinn gum b’ e Tuathach às Uibhist, Ùisdean Moireach, a ghlèidh a’ phrìomh dhuais ann an gnè nam proifeiseantach leis an fhilm ghrinn aige, Siùbhlachan. Am measg Inntrigidhean Ùra, choisinn Seonaid NicDhòmhnaill às Inbhir Nis an duais Film as Fheàrr airson an fhilm dhuirche gheasaich aice, Oidhche Shathairne. Agus mar Fhilm as Fheàrr an gnè nan Daoine Òga b’ e Àrd-sgoil Bhagh a’ Chaisteil a rinn a’ chùis air càch leis an fhilm iongantach acasan, An Dùsgadh.
Gu h-ìseal tha corra dhealbh ann bhon oidhche, is tuilleadh ri thighinn. Meal-an-naidheachd a h-uile duine!

Dòmhnall Caimbeul, Àrd-oifigear MG ALBA a’ bruidhinn
Meagan NicIllFhinnein, a’ togail a duais airson Cluich as Fheàrr anns a’ ghnè Daoine Òga, còmhla le britheamh FilmG, Iseabail NicIllFhinnein agus neach-lìbrigidh Aileag, Janice Ann NicAoidh.

Rionnag Eilbheas agus Still Game, ’s e a’ dol a dh’innse cò a gheibh an duais Roghainn an t-Sluaigh.

Injuns

Oidhche shneachdail aig Taigh-cluiche Chùirt Eden

Ùisdean Moireach a’ togail a dhuais bho Carole Sherridan, Scottish Screen agus cleasaiche Gàidhlig Dàibhidh Walker.

Sgoilearan bho Àrd-sgoil Phort Rìgh len duaisean airson Sgriobt as Fheàrr anns a’ ghnè Daoine Òga

Na preseantairean iongantach againn Fiona NicCoinnich agus Calum MacAmhlaidh

Seonag Anderson a bhuannaich Aithriseachd as Fheàrr, Inntrigeadh Ùr agus Billy Matheson, às leth Theatre Hebrides a choisinn an duais Roghainn an t-Sluaigh

Sgoilearan bho Àrd-sgoil Inbhir Pheofharain a bhuannaich Beachd as Àraid am measg Dhaoine Òga

An fheadhainn a fhuair duaisean

Alasdair Moireasdan a’ cur fàilte air an luchd-èisteachd

Seonaid Nic Dhòmhnaill a bhuannaich Film as Fheàrr, Inntrigeadh Ùr

Linda Fabina MSP opens the evening

Niall Iain MacDonald after picking up his award for Best Performance

Interval reception in the Bishops Palace

Seonag Anderson and friends during interval

Janice Ann from Aileag mingles during interval

Eden Court entryway before the awards begin

Hector MacInnes of Injuns

Magnus Graham of Injuns