Fèis nam Meadhanan Ceilteach 2010 - Bursaraidh nam Proifeasantaich
Fèis nam Meadhanan Ceilteach
Baile an Iubhar, 21-23 Giblean, 2010

Tha MG ALBA a’ tabhainn taic do phroifeasantaich a tha, neo a tha ag amas air a bhith, an sàs ann an gnìomhachas nam meadhanan Gàidhlig airson a’ bhith an làthair aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach na bliadhna-sa.
Slatan tomhais
- Gu bheil fianais aig an neach gu bheil i neo e ag amas air dreuchd sna meadhanan sgrìn Gàidhlig neo
- Gu bheil an neach ag obair le companaidh riochdachaidh neo-eisimeileach, neo ann an dòigh neo-cheangailte, ann a bhith a’ dèanamh phrògraman Gàidhlig airson BBC ALBA, agus
- Nach eil an neach air a bhith ag obair barrachd is trì bliadhna sa ghnìomhachas
Tabhartas
- Clàradh airson Fèis nam Meadhanan Ceilteach 2010 agus airson na dìnnearach air an 23mh
- Àite fuirich B&B faisg air Baile an Iubhar air 21mh, 22mh agus 23mh
- Cosgais siubhal is bith-beò suas gu £100
Tagradh
- Lìonaibh a-steach am foirm tagraidh a tha an cois seo agus cuiribh a-steach e gu katie.macleod@mgalba.com ro mheadhain latha 19mh Màrt 2010.
- Thèid beachd a thoirt air gach tagradh a tha coileanta mu choinneimh nan slatan-tomhais. Ma tha cus thagraidhean ann taca ris na tha ann de dh’àite thèid prìomhachas a thoirt don fheadhainn a tha an dràsta fhèin an sàs ann a bhith dèanamh phrògraman airson BBC ALBA (max 3 gach companaidh).
Faigh foirm-tagraidh an seo:
Word format
pdf format