Ceistean Cumanta
Ceist: Dè th’ ann am BBC ALBA?
Is e BBC ALBA an sianal ùr telebhisean airson prògraman Gàidhlig – co-bhanntachd eadar MG ALBA agus am BBC.
Ceist: Ciamar a gheibh mi an sianal?
| Air saideil |
SKY sianal 168 agus air Freesat sianal 110 |
| Càball |
Virgin Media sianal 188 |
| Freeview |
Freeview sianal 8 (bho 8 Ògmhios 2011) |
| Siostaman didseatach eile |
Ma tha thu a’ faighinn telebhisean didseatach tro meadhan sam bith eile, cuir fios gu buidhinn lìbhrigidh na seirbhis agad ma tha ceistean agaibh air mar a gheibh thu BBC ALBA
Tionndaidh gu Didseatach: Airson comhairle agus fiosrachadh mun tionndaidh gu didseatach, cuir fios gu Digital UK le bhith a’ coimhead air www.digitaluk.co.uk neo a toirt fòn gu 0845 650 50 50
Taic a’ bharrachd: Cuir fòn gu 01851 705550 |
Chìthear taghadh de phrògraman BBC ALBA air-loidhne aig www.bbc.co.uk/iplayer.
Ceist: Cuin a thòisich BBC ALBA?
Dihaoine 19 Sultain 2008 aig 9f
Ceist: Cuin a bhios BBC ALBA ga chraoladh agus dè seòrsa phrògraman a bhios ann?
Bidh BBC ALBA air an adhair a h-uile latha bho 5f gu anmoch air an oidhche. Chi thu:
- spòrs de dh’iomadh seòrsa
- naidheachdan
- prògraman chloinne
- aithris is cur-seachad airson sean is òg
Bidh tòrr ann a chòrdas ri luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus ri daoine aig a bheil ùidh ann an ceòl, cànan is cultar. Gheibhear barrachd fiosrachadh mu phrògraman agus clàr-ama BBC ALBA
an seo neo aig
www.bbcalba.co.uk
Ceist: Càit a bheil an sianal stèidhichte agus cia mheud obair a tha ann?
Tha e na bhuannachd mhòr dhan choimhearsnachd gu bheil obraichean co-cheangailte ris an t-sianal air feadh Alba. Bidh an clàr prògram agus na meadhanan didseatach gan deasachadh ann an Steòrnabhagh, bidh na naidheachdan a’ tighinn bho Inbhir Nis, agus thèid na prògraman a chur air an adhair bho Ghlaschu.
Thèid a mhòr chuid de na prògraman airson BBC ALBA a dhèanamh le companaidhean riochdachaidh neo-eisimeileach air feadh na dùthcha.
Eadar MG ALBA, am BBC agus na riochdairean tha eadar 80 agus 100 neach ag obair làn ùine, a’ chuid as motha dhuibh air taobh riochdachaidh.
Ceist: Dè chosgas e an sianal fhaicinn?
Thèid BBC ALBA a chraoladh an asgaidh. Mar sin, ma tha sibh a’ faighinn telebhisean didseatach tro shaideil mar-thà cha leig thu leas an còrr a phàigheadh airson an sianal ùr fhaicinn.
Mur eil telebhisean didseatach agad mar-thà, feumaidh tu uidheamachd ùr fhaighinn mus faic thu BBC ALBA. Bidh prìsean ceangal is uidheamachd eadar-dhealaichte airson diofar siostaman, agus bu chòir dhut comhairle a shireadh bho bhùthan telebhisein san sgìre agad fhèin. Airson comhairle is fiosrachadh mu ùrachadh uidheamachd telebhisein agus mun tionndadh gu didseatach, cuir fios gu Digital UK air
www.digitaluk.co.uk.
Ceist: Cò tha a’ ruith na seirbheis?
Tha MG ALBA agus am BBC a’ lìbhrigeadh BBC ALBA ann an co-bhanntachd. Tha MG ALBA maoinichte le Riaghaltas na h-Alba agus air a riaghladh le Ofcom. Tha an sianal ga chraoladh fo chead-craolaidh a’ BhBC agus ga riaghladh le Urras a’ BhBC.
Ceist: Cò na daoine a tha an sàs ann?
Tha Alan Esslemont (MG ALBA) na Cheann Phrògraman, ’s tha Mairead Màiri Mhoireach (BBC) na Ceann Seirbheis. Tha an dithis aca a’ freagairt gu Bòrd ALBA, am bòrd a chaidh a stèidheachadh eadar an dà bhuidhinn gus BBC ALBA a lìbhrigeadh. Gheibhear barrachd fiosrachadh mun cho-bhanntachd
an seo.
Ceist: Ciamar a tha an sianal ga mhaoineachadh?
Is e £14m am buidseat airson 2011/12 – £10m bho MG ALBA agus £4m bhon BhBC. Tha MG ALBA maoinichte le Riaghaltas na h-Alba agus air a riaghladh le Ofcom.
Ceist: Càit am faigh mi barrachd fiosrachadh?
Gheibhear barrachd fiosrachadh mu phrògraman agus clàran a dh'aithghearr mu BBC ALBA aig
www.mgalba.com neo
www.bbcalba.co.uk