FilmG – Ag Àrach Tàlann Ùr
'S e co-fharpais fhilmichean goirid Gàidhlig a tha ann an FilmG le duaisean luach £35,000 gu h-iomlan agus cothroman poidhleat craolaidh a dhèanamh do BhBC ALBA. Tha i fosgailte dhaibhsan a bhios ag obair gu proifeiseanta, do luchd-inntrigidh is do dheugairean, ach leis a’ chuideam cho math ri duais as motha air luchd-inntrigidh ùra. ’S ann gus tàlann is guthan ùra a bhrosnachadh a tha seo as urrainn dol an sàs ann am BBC ALBA.
Ged a dh’fheumas na filmichean mu dheireadh a bhith sa Ghàidhlig, chan fheum an fheadhainn a’ dèanamh film a bhith nan luchd-bruidhinn – mar sin, a’ toirt spionnadh do dhaoine aig nach eil a’ Ghàidhlig pàirt a ghabhail ann an dèanamh fhilmichean is fiù ’s craoladh sa chànan.
Tha FilmG cuideachd a’ tabhann chothroman trèanaidh tro bhùithtean-obrach agus chomhairleachadh gus taic is ionnsachadh a thoirt do dh’fharpaisich film a dhèanamh. Tha còig cuspairean sa cho-fharpais a dh’fhaodadh farpaisich a leantainn agus feumaidh gach film a bhith eadar 3-5 mionaidean de dh’fhaid, ach airson filmichean fòn-làimhe, nach fhaod a bhith nas fhaide na 60 diog.
’S e a’ chiad iomairt cruthachaidh a tha ann am FilmG aig MG ALBA fon ainm ùr agus tha Cànan Earr. gu math toilichte a ruith às an leth. Thuirt ceannard Chànan Donella Beaton:
“Tha e a’ toirt mòr-thoileachas dhuinn a bhith a’ cur a’ phròiseict seo air dòigh do MG ALBA agus a bhith an sàs ann a bhith ag àrach tàlann ùr agus a’ leasachadh sgilean is misneachd luchd-dèanamh òga fhilmichean”.
Theirig chun an làraich-lìn airson fiosrachaidh!
www.filmg.co.uk