Tha dà stiùideo aig MG ALBA a tha rim faotainn air màl. Tha na goireasan agus an uidheamachd anns gach àite aig ìre àrd phofeiseanta a thaobh teicneòlas agus craoladh. Tha làr 16m x 9m againn ann a Fàs air an t-Eilean Sgitheanach. Ann a Steòrnabhagh, tha stiùideo againn a tha 11m x 11m.

Tha comas aig gach stiùideo ochd camara a chleachdadh le Sony BVP-E30WSP air peds Vinten. Tha gach gailearaidh riochdachaidh a’ cleachdadh Ross Synergy 2 switcher, deasca sòlais Congo, Clarity 100 agus autocue.
Anns gach gailearaidh riochdachaidh fuaim tha deasca Calrec Zeta, protools, Spot-On agus iomadh pìos uidheamachd eile airson ar cuideachadh nar h-obair.

Faic làrach-lìn an stiùideo an seo
Chan e obair stiùideo a mhàin leis an cuidich sinn sibh. Tha sinn cuideachd a cuir a-mach camara Sony Z5 air màl. Gheibh sibh iad bho Stiùideo Steòrnabhaigh, Stiùideo Fàs anns an t-Eilean Sgitheanach neo bhon oifis againn ann am meadhan baile Ghlaschu.