RABODIRECT PRO12 LEAGUE
Tha BBC ALBA air fhoillseachadh na bhios ri fhaicinn bhon cho-fharpais rugbaidh RoboDirect PRO12 airson a’ chiad leth den t-sèasan. Thèid na geamannan a-mach beò oidhcheannan Dihaoine agus Disathairne.

Bidh BBC ALBA a-mhàin a’ sealltainn na geamannan ann an Alba, agus bidh na còraichean seo aca son tri bliadhna suas gu sèasan 2013/14.
‘Se RaboDirect PRO12 am prìomh co-fharpais rugbaidh phroifeasanta ann an Alba, Èireann, A’ Chuimrigh agus an Eadailt agus bidh BBC ALBA a’ craoladh co-dhiù ochd geamannan le Dun Èideann neo Glaschu a thèid an cluich aig an taigh.
Le co-obrachadh le craoladairean Èireannach agus Cuimreach chithear cuideachd cuid de na geamannan aig Glaschu agus Dun Èideann a bhios air an cluich air falbh bhon taigh.
Thèid na geamannan an riochdachadh airson BBC ALBA le mneTV, le aithris ann an Gàidhlig agus còmhradh agus agallamhan le daoine sa Bheurla.
A’ tòiseachadh air a’ chiad deireadh sheachdain den t-Sultain, seo na bhios ri fhaicinn:
Aig an-taigh |
Air falbh |
A' tòiseachadh |
|
|---|---|---|---|
| Didòmhnaich 4 Dùbhlachd | Newport Gwent Dragons |
Glasgow |
16.30 |
| Diluain 26 Dùbhlachd | Edinburgh |
Glasgow |
17.35 |
An ath phàirt
Tha Glaschu agus Dùn Èideann fhathast a’ strì agus bidh am pàirt seo den fharpais cudromach airson an dà sgioba. Bidh cuairtean 13-19 a’ ruith bho Faoilleach gu Màirt 2012 agus bidh BBC ALBA a’ toirt thugaibh seachd geamannan beò bho sgiobaidhean Albannach mar a leanas:
| Cuairt | Deit | Aig an taigh |
Air falbh | Kick-off |
|---|---|---|---|---|
| 14 | Diardaoin 9 Gearran | Glasgow Warriors |
Scarlets |
19.05 |
| 14 | Dihaoine 10 Gearran | Edinburgh Rugby |
Ospreys |
19.35 |
| 15 | Disathairne 18 Gearran | Connacht |
Glasgow Warriors |
17.30 |
| 16 | Disathairne 25 Gearran | Glasgow Warriors |
Leinster |
18.00 |
| 18 | Dihaoine 23 Màrt | Glasgow Warriors |
Aironi |
19.35 |
| 19 | Dihaoine 30 Màrt | Edinburgh Rugby |
Scarlets |
19.35 |
Bidh cuideachd fear de na geamannan bho chuairt 17 air Dihaoine 2 Màrt a’ tòiseachadh aig 19.05 nuair a bhios Glasgow Warriors an aghaidh Ospreys agus Dun Èideann an aghaidh Ulster. Bidh fiosrachadh mun seo ri fhaighinn nas fhaisg air an àm.
A thilleadh air nan geamannan Albannach, bidh an geama cudromach seo ri fhaicinn beò:
| Cuairt | Deit | Aig an taigh |
Air falbh | Kick-off |
|---|---|---|---|---|
| 19 | Disathairne 31 Màrt | Munster |
Leinster |
19.30 |
Bidh rugbaidh cuideachd ri fhaicinn air BBC ALBA aig àm na Nollaig le Glaschu agus Dùn Èideann an aghaidh a chèile ann an Cupa 1872 le cuideachd puingean lìog rim faotainn. Bidh a’ chiad gheama beò bho Phairc Murrayfield air Diluain 26 Dùbhlachd aig 5.35f agus an dàrna geama a’ tighinn beò bho Phairc Firhill air Didòmhnaich 1 Faoilleach aig 5.35f.
Thèid na geamannan aig an taigh an riochdachadh airson BBC ALBA le mneTV, le aithris ann an Gàidhlig agus còmhradh agus agallamhan le daoine sa Bheurla.
Thoisich an lìog san t-Sultain 2011 agus bidh e a’ ruith gu 4 Cèitean 2012. Gheibhear fiosrachadh mu na cuairtean mu dheireadh (20-22) nas fhaisg air an àm.
