AN CEATHRAMH LA BHO13 GEAMANNAN EILEANACH NATWEST

Tha a’ ghrian fhathast a’ deàrrsadh ann an Åland agus an-de bha mi fortanach gu leòr ùine a chur seachad còmhla ris an sgioba goilf ‘s iad a’ cluiche an dàrna là a-mach a ceithir. Tha na cùrsaichean goilf ann an Åland ann an àite bòidheach, ri taobh caisteal agus le loch ri thaobh. Ach nas cudromaiche ciamar a fhuair na balaich air adhart? Thuirt Andy Dòmhnallach:
“An-dè bha sinn a’ cluich aig Cùrsa an Rìgh agus tha sin fada nas duilghe nan cùrsa eile. An-diugh chluich sinn aig Cùrsa a’ Chaisteil agus tha mi toilichte a ràdh gun do chluich sinn beagan nas fheàrr an-diugh. Fhuair mi fhìn agus Kevin MacRath 76 agus bha Norrie faisg oirnn le 77. Fhuair Daibhidh Black le 83 agus chluich e fada nas fheàrr na tha sin.. Tha sinn air ais a-màireach aig Cùrsa an Rìgh agus tha mi an dòchas gun urrainn dhuinn ar geama a leasachadh mar a tha na làithean a’ dol seachad”.

‘S e là mòr eile a bha ann do ar lùth chleasaichean agus rinn feadhainn aca fìor mhath. Bha Chirsty NicLeòid a’ gabhail pàirt ann am farpais 5000m agus chrìochnaich e as an t-seachdamh àite leis an ùine 19.46 - uine fior mhath!

Gu fear eile de Chlann Ic Leòid a-nise, Donnie MacLeòid. Bha e na thlachd a bhith ga choimhead. Fhuair e troimhe chun iar-chuairt dheireannachan 400m leis an ùine 49.54. Sheall e cho làidir agus cumhachdach sa tha e, gu h-àraidh air as an 100m mu dheireadh – balach tàlantach dha rìreabh. Bidh e a’ farpais as an iar chuairt dheireannach an-diugh fhèin aig 12.50f.

Bha Donnie cuideachd na bhall de sgioba an 4 X 400m agus còmhla ris as an sgioba bha Stiùbhart Chalmers, Cameron Ross agus Rory McLure. Fhuair iad troimhe chun an ath chuairt gu furasta agus tha iad as an dàrna àite a’ dol a-steach den chuairt dheireannach leis an ùine 3.36.28 air cùl Guersney aig an robh 3.23.31. Bidh a’ chuairt dheireannach a’ gabhail àite a-màireach.

Bha Stiùbhart Johnston a’ gabhail pàirt ann am farpais an leum fada agus ged nach robh e a-measg an fheadhainn a fhuair duais rìnn e fìor mhath pàirt a ghabhail idir oir ghoirtich e fèith na h-iogsaid. Thuirt Stiùbhart:
“Tha e na bhristeadh dùil dhomh nach deach cùisean cho math dhomh ach as aonais an leigheis agus an comhairle bhon anaclair-cuirp Careen NicAoidh cha bhithinn air a bhith a’ gabhail pàirt idir. Tha an turas a’ còrdadh rium fìor mhath agus tha mi air deagh eòlas fhaighinn a bhiodh feumail dha rìreabh dhomh”.

Bha là dheth aig balaich a’ bhall-coise – rud a bha iad gu math airidh air. Agus chaidh feadhainn aca a dh’iasgach air an loch a tha faisg orra – uill faodaidh tu balach a thoirt a-mach as na Lochan. No balaich mar a dh’fhaodadh a chùis a bhith! Cluichidh iad Menorca airson an còigeamh no an t-seachdamh àite a-màireach aig 12.45f.

Ach cha robh là dheth aig na caileagan ‘s iad a’ cluich an aghaidh Sgioba Hitra à Nirribhidh. ‘S e oidhche air leth a bha aig an sgioba agus iad a’ buannachadh 4-1. Fhuair Sinead NicLeòid trì tadhail agus fhuair Jenna Stiùbhart breab peanas. Bidh iad a’ cluiche an aghaidh Guernsey a-nochd anns a’ gheama mu dheireadh as a Bhuidheann aca. Tha sinn an dòchas gum bidh e comasach dhaibh trì puingean eile fhaighinn.

Ged nach d’ fhuair ar Sgioba Snàimh troimhe chun an ath chuairt tha iad air piseach mòr a thoirt air a’ chlàr pearsanta. Tha sinn math dha rìreabh oir cha robh ach còig mionaidean aig Kathryn Offer eadar gach farpais. Tha Ceitlin Russell Nic a’ Ghobhainn a-nise deiseil ach bidh Grant NicLeòid agus Kathryn Offer a farpais anns a freestyle agus am backstroke.

Bidh Eve Carrington a fhuair duais umha ann an Rhodes a’ farpais as an triple jump an-diugh. Tuilleadh fiosrachaidh a-màireach!