THA NA GEAMANNAN AIR TÒISEACHADH!

Thòisich na 13mh Geamannan Eileanach NatWest gu h-oifigeil air Disathairne 27 Òg Mhìos air eilean Åland anns an Fhionnlainn. Ràinig Sgioba nan Eilean Siar ann an ùine a dhol gu Seirbheis Fosglaidh na Geamannan a ghabh àite ann an Ionad Wiklöf, anns a’ bhaile as motha ann an Åland, Mariehamn. Eu-coltach ri Rhodes ann an 2007, tha an sgioba a’ fuireach ann an diofar àitean air feadh an eilean agus tha farpaisean sgapte ann an làraich eadar-dhealaichte cuideachd, mar sin tha a h-uile duine a’ fàs gu math cleachdte ri bhith a’ siubhal air na busaichean!

Airson a mhòr chuid de na lùth-chleasaichean chaidh Là na Sabaid a chur seachad a’ gabhail air an socair agus a’ fàs cleachdte ris an teas, rud nach robh dùil ris. Ach do chuid, thòisich na farpaisean air a’ chiad là. Bha an sgioba Urchaireachd, Dòmhnall Iain MacAonghais, Dòmhnall Iain Camshron agus Mìcheal Cole a’ gabhail pàirt ann an Farpais Sgioba agus chrìochnaich iad as an darna àite deug. Thuirt Mìcheal, Manaidsear na Sgioba:
“Tha sinn air leth toilichte le goireasan urchaireachd Åland agus tha sinn gu mòr a’ coimhead air adhart ris an t-seachdain a tha air thoiseach oirnn. Tha sinn a’ gabhail pàirt ann am farpaisean Skeet agus farpaisean aon duine agus tha sinn an dòchas gun cùm sinn oirnn a’ dol bho neart gu neart. Bha an teas ann an Rhodes na dhuilgheadas dhuinn, agus ged a tha e gu math blàth an seo, tha sinn an dòchas nach bidh e na thrioblaid”.

Chluich Sgioba Ball-coise nam Fear a’ chiad gheama aca an aghaidh Gotland. Air sgàth gun deach an goirteachadh mus do dh’fhalbh iad, chan eil Scott MacIomhair no Murchadh ‘Gress’ MacIllFhinnein air siubhal gu Äland. Nan àite tha Don ‘Lava’ MacLeòid agus Eachann Mac-a-Phì. Tha Sgioba nan Eilean Siar gu bhith a’ cluich an aghaidh na Falklands, Eilean Mhanainn agus Gotland as an t-Suain ann am Buidheann D. Fhuair Daibhidh Mac a’ Mhaoilein a’ chiad tadhal dha na h-Eileanan tràth as a’ chiad leth. Fhuair Gotland a chiad fhear tràth as an dàrna leth agus b’ ann as an dàrna mhionaid de ùine leòn a fhuair Niall Gibson an tadhal a bhuannaich a’ gheama do bhalaich nan Eilean Siar. Cluichidh iad an aghaidh Eilean Mhanainn a-nochd (Oidhche Luain).

Bha Eilidh NicChoinnich, rionnag nan Eilean Siar as dèidh mar a bhuannaich i bonn òr ann an Rhodes, a’ farpais ann an 1500m agus fhuair i air adhart math dha rìreabh a’ faighinn troimhe leis an ùine as luaithe a-mach as na farpaisich gu lèir as a’ chuairt sin. Bidh i as a’ chuairt dheireannach oidhche Mhàirt.

‘S e là trang dha rìreabh a bhios ann an Diluain do farpaisich nan Eilean Siar leis a h-uile sgioba ach na golfairean a-mhàin a’ sàs ann am farpaisean. Cluichidh iad a’ chiad gheama aca a-màireach (Dimàirt).