SGIOBA NAN EILEAN SIAR A’ DEISEALACHADH AIRSON ÄLAND

Tha cuid de na lùth-chleasaichean as fheàrr bho air feadh nan Eilean Siar an t-seachdainsa a’ deisealachadh airson falbh chun na 13 Geamannan Eileanan NatWest a ghabhas àite air Eilean Äland anns an Fhionnlain. As dèidh mìosan de dh’obair chruaidh, dhìcheallach falbhaidh an sgioba air Disathairne 27 Òg Mhìos air itealan sònraichte a dh’Äland. Seo an treas turas a tha sgioba nan Eilean Siar air pàirt a ghabhail aig na Geamannan, bha iad ann an Sealtainn ann an 2005 agus ann an Rhodes ann an 2007. As dèidh a bhith a’ farpais aig sàr àrd ìre agus as dèidh cho math sa chaidh dhaibh aig na Geamannan eile, tha an sgioba gu math dòchasach gun urrainn dhaibh, a-rithist, àrd ìre a’ ruighinn.

Thuirt Cathraiche Comann Geamannan Eileanach nan Eilean Siar, an Comhairliche Iain Moireasdain:
“Tha e duilich a chreids gu bheil dà bhlìadhna air a dhol seachad on a bha sinn aig na Geamannan mu dheireadh. ‘S e cothrom air leth a tha seo do lùth-chleasaichean nan eilean a bhith a farpais an aghaidh daoine a tha aig an aon ìre riutha fhèin. Airson feadhainn de na lùth-chleasaichean, ‘s ann aig na Geamannan a tha seo a tha iad a’ tòiseachadh cùrsa-beatha anns an spòrs aca. Bu mhath leam an cothrom seo a ghabhail taing a thoirt do na Comhairlean Coimhearsnachd, do Bhuill na Comhairle, Club Gnìomhachas nan Gàidheal agus a’ choimhearsnachd air fad airson an taic a tha iad air a thoirt seachad do ar sgiobaidhean tharis air na mìosan mu dheireadh far an robh iad a’ sireadh taic airgid. Ach as aonais an taic airgid mhìorbhaileach a fhuair sinn bho Bardon Hebrides, MG ALBA agus Harris Tweed Hebrides, cha bhiodh e idir comasach a dhol ann. Tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ris an t-seachdain ann an Äland agus tha mi an dòchas gun till sinn le ultach de bhràistean!”.

Chìthear fiosrachadh ga mu mar a tha cùisean a’ dol ann an Äland gach là air làrach-lìn Chomunn Geamannan Eileanach nan Eilean Siar aig www.wiiga.com agus aig www.mgalba.com. Bidh fiosrachadh ri chluinntin air a’ BhBC gach là air Aithris na Maidne agus Aithris an Fheasgair agus cuideachd air Spòrs na Seachdain agus gach oidhche air An Là air Sky 168 agus Freeview 110.