DUAIS UMHA DO SGIOBA NAN EILEAN SIAR!

Tha Sgioba nan Eilean Siar air a’ chiad duais fhaighinn! ‘S ann bho chionn ghoirid a rinn Alison Caimbeul suas a h-inntinn pàirt a ghabhail ann an rèis 10,000m agus tha i air an treas àite fhaighinn a’ crìochnachadh ann an 38.02. ‘S e deagh naidheachd a tha seo do sgioba nan Eilean Siar, agus tha e air iongnadh a chur air a h-uile duine oir cha robh Alison riamh air pàirt a ghabhail as an rèis seo. Thuirt Alison:
“Tha mi glan air mo dhòigh gu bheil mi air duais umha a’ ghlèidheadh agus cha robh mi a’ sùileachadh gun tachradh seo idir. ‘S ann bho chionn ghoirid a rinn mi suas m’ inntinn gu robh mi airson ruith oir ‘s ann as a leth mharathon a bhios mi a’ gabhail pàirt mar is trice. Tha seo air togail mhòr a thoirt dhomh ‘s mi a’ ruith as a leth mharathon Dihaoine agus tha mi air eòlas fìor mhath fhaighinn ann am farpais ùr”.

Bristeadh dùil dha na sgiobaidhean ball-coise againn ge-tà ‘s nam fireannaich agus na boireannaich cluich an aghaidh Eilean Ceilteach eile, Eilean Mhanainn. Thòisich Sgioba nam Ban aig 4f aig àm nuair a bha e fhathast gu math teth. Chluich iad fìor mhath aig an toiseach agus bha a’ chiad leth luath agus làn tachartasan. As dèidh leth uair a thìde fhuair Jenna Stiùbhart tadhal sònraichte dha rìreabh agus dh’fhàg sin cùisean aig 1-1. Ach as an dàrna leth sheall Eilean Mhanainn cho làidir sa tha iad a fhuair iad trì tadhail eile a’ crìochnachadh 4-1. Cluichidh iad an Isle of Wight a-màireach aig 4f.

Gu mì-fhortanach chaill Sgioba nam Fear 5-0 an aghaidh Eilean Mhanainn. As dèidh cho math sa chaidh dhaibh oidhche na Sabaid, bha iad làn spionnaidh a’ dol a-steach dhan an dàrna geama seo, ach, coltach ri boireannaich Eilean Mhanainn, sheall na fireannaich cho làidir agus cho èasgaidh sa tha iad. A-nochd cluichidh iad an aghaidh na Falkland’s as a’ gheama mu dheireadh as a’ Bhuidheann aca. Feumaidh iad buannachadh a-nochd agus dh’fheumadh Gotland buannachadh an aghaidh Eilean Mhanainn.

Bha ar lùth-chleasaichean, Rory McLure agus Stiùbhart Chalmers a’ gabhail pàirt ann am farpais 800m agus ged nach d’ fhuair iad troimhe chun a’ chuairt mu dheireadh rinn iad fìor mhath agus bu chòir dhuinn a bhith moiteil. Ruith iad an rèis as an ùine as luaithe a rinn iad a-riamh agus thug Rory ceithir diogan bhon ùine aige. As a’ chuairt aige, bha Stiùbhart a’ leantainn suas gu 600m agus chrìochaich iad as an treas àite. Tha na balaich gu math toilichte leis mar a chaidh dhaibh agus tha iad air eòlas prìseil fhaighinn ann a bhith a’ gabhail pàirt ann am farpaisean aig sàr àrd ìre.

Ann am pàirt eile den eilean, bha ar luchd snàmh a’ snàmh airson a’ chiad uair ann an togalach gu math teth. Rinn Ceitlin Russell Nic a’ Ghobhainn agus Kathryn Offer math dha rìreabh, a’ toirt diogan air falbh bhon ùine aca anns an 50m breaststroke airson an seòrsa ionad snàmh sin. Chrìochnaich Ceitlin as an 20mh àite agus Kathryn as an 17mh àite. Bidh iad a’ gabhail pàirt ann am farpaisean eile a-màireach còmhla ri Grant MacLeòid.

Tha farpaisean gu leòr a’ gabhail àite an-diugh Dimàirt le Eilidh NicChoinnich a’ ruith as a’ chuairt dheireannach de 1500m agus Eve Carrington as a’ chiad chuairt de na 100m Hurdles.