DUAIS ÒR EILE DO RIONNAG RHODES!

Tha Eilidh NicChoinnich, a bhuannaich bonn òr as an 800m agus am bonn umha anns an 1500m ann an Rhodes 2007, air bonn òr eile a’ ghlèidheadh a-nochd ann am farpais 1500m ann an Åland. Seo a’ chiad bonn òr a tha Sgioba nan Eilean Siar air a’ ghlèidheadh aig Geamannan 2009 tha e air togail mhòr a thoirt dhaibh uile. Bha Eilidh as a’ chiad àite a’ dol a-steach dhan am farpais, ged nach d’ fhuair i faisg air an t-àm bhon chlàr pearsanta aice.

‘S ann aig 7.50f, àm ionadail, a thòisich an rèis agus bha e mìorbhaileach a bhith a’ coimhead Eilidh a’ ruith. Bha i a’ coimhead comhfhurtail agus làidir tron rèis agus crìochnaich e leis an ùine 4.34.83, gu math air thoiseach air na farpaisich eile. Thuirt Eilidh:
“Bha mi gu math toilichte leis mar a ruith mi, thug na caileagan eile deagh rèis dhomh agus ‘s e rèis math dha rìreabh a bha ann. Bha Rachael Franklin a chrìochnaich as an dàrna àite air mo ghualainn fad na h-ùine. Chùm mi orm airson agus airson an 600m mu dheireadh bha mi a’ smaoineachadh ‘na tèid seachad orm’”.

Nas tràithe air an fheasgar chluinnear fonn Sgioba nan Eilean Siar, ‘Bays of Harris’ ann an Ionad Wiklöf nuair a chaidh Alison Caimbeul suas airson am bonn umha bho farpais an 10,000m agus bha e na thlachd a chluinntinn a-rithist agus Eilidh a’ nochdadh air an àrd ùrlar airson am bonn òr aice a ghleidheadh – agus gu dearbha bha i airidh air! Bidh i a’ farpais madainn Diardaoin anns a’ chiad chuairt de farpais 800m. Bidh sinn beò an dòchas na Bays of Harris a chluinntinn a-rithist!
Notes to Editors:

Bardon Hebrides is the leading supplier of aggregate, pre-mixed concrete, concrete products and road surfacing to the Outer Hebrides construction industry. Since opening Marybank Quarry in 1937, Bardon Hebrides has been the main quarrying and civil engineering contractor operating in the Outer Hebrides.
From operating centres in Marybank Quarry on the Isle of Lewis, Ceann An Ora Quarry on the Isle of Harris, and Gairbh Eilean Quarry on the Isle of North Uist Bardon Hebrides supply and carry out works from the Isle of Barra at the south end to the Butt of Lewis at the north end of the Outer Hebrides.
The combination of committed local staff and extensive resources offered by parent group, Aggregate Industries, ensures Bardon Hebrides provides an unrivalled service focused on the evolving requirements of their customers.