BONN AIRGID DO SGIOBA NAN EILEAN SIAR

As dèidh dhuinn smaoineachadh gu robh e a’ fàs beagan nas fhuara bha an-dè (Diardaoin) nas teotha na làithean eile agus ann a’ phrìomh bhaile Marihamn bha e ___. ‘S ann a’ mhiannachadh nach bidh e cho teth ri sin a tha Alison Caimbeul, Màiri NicArmaig agus Alasdair Moireach a tha a’ ruith an leth mharathon an-diugh aig meadhan là. Bidh balaich am ball-coise a’ mhiannachadh an aon rud ‘s iad a’ strì an aghaidh Menorca aig 12.30f airson an t-seachdamh àite.


An-dè thug mi sgrìob a-mach chun an àite far sibh air mòran a chluinntinn mu dheidhinn – àitean fuirich na sgiobaidhean ball-coise. As dèidh a bhith a’ trèanadh nas tràithe air an là bha feadhainn de na balaich a’ cluiche goilf air a’ chùrsa a tha as an làrach far a bheil na chalets aca agus bha feadhainn eile a’ gabhail air socair air a’ phontùn ri oir na locha. Gu dearbha bha e a’ coimhead eireachdail agus an aimsir cho brèagha. Feumaidh e a bhith air a ràdh nach eil gin de na àitean fuirich air feadh an eilean aig sàr àrd ìre. Tha na cluicheadairean gu math dòigheil, an aon rud a tha mise air gearain a chluinntinn mu dheidhinn ‘s ann gu bheil iad ann an àite iomallach agus tha e air a bhith doirbh dhaibh a dhol a choimhead air farpaisean eile.

Naidheachd dha rìreabh don sgioba snàimh nas tràithe an-dè nuair a fhuair Grant MacLeòid a’ faighinn tuilleadh atharrachadh a thoirt air a’ chlàr pearsanta aige agus fhuair Kathryn Offer troimhe chun a’ chuairt dheireannach de farpais an 50m backstroke. As a’ chuairt dheireannach fhuair i air aon diog a thoirt far a’ chlàr pearsanta aice agus chrìochnaich ann an 31.38. ‘S ann air 31.33 a chrìochnaich an caileag a fhuair am bonn umha. Tha seo a’ ciallachadh gu robh Kathryn 5/100’s de diog air falbh bhon an treas àite. Ach tha i air ùine ùr a’ chlàradh airson Sgioba nan Eilean Siar agus seo cho math sa tha i air a bhith aig Geamannan Eileanach gu ruige seo. Thuirt Grant MacLeòid a tha cuideachd na Mhanaidsear air an Sgioba:
“Tha mi glan air mo dhòigh leis mar a chaidh do Khathryn agus faodaidh i a bhith gu math pròiseil. Tha cùisean air a dhol sònraichte math don sgioba air fad agus tha sinn air uairean ùr a chur air a’ chlàr pearsanta againn ann am mòran de na rèisean a ghabh sinn pàirt ann. Tha an ìre air sìor èirigh on a bha sinn ann an Rhodes agus tha 32 clàran ùr air a bhith air a dhèanamh aig geamannan Åland an t-seachdain-sa. Faodaidh sinn a dhol dhachaigh moiteil gu bheil sinn air ar targaidean a ruighinn agus gu dearbha gu bheil sinn air a dhol seachad orra”.

As dèidh duilgheadasan calibration no co-dhiù eadar-dhealachadh as an rud air a bheil iad cleachdte tha e air a bhith na bhristeadh dùil don sgioba urchaireachd. Ach, aig an ìre seo, tha Dòmhnall MacAonghais an-dràsta as an t-siathamh àite ann am farpais ABT do aon neach. Mas urrainn dha fuireach as an àite sin air a’ mhadainn seo, tha cothrom aige duais a thogail as a’ chuairt dheireannach feasgar. Cuideachd thathar an dùil gun crìochnaich iad aig ìre nas na Rhodes ann an 2007 agus tha sin na bhuannachd leis fhèin.

Nas tràithe air an là bha Donnie MacLeòid agus Stiùbhart Chlamers as an aon chuairt den iar chuairt dheireannach an 400m. Bha Donnie sònraichte math agus bha e follaiseach ged a bhuannaich i an rèis gu furasta gu robh e fhathast a’ cumail neart air ais chun a’ chuairt dheireannach. Fhuair Chalmers cuideachd ùair ùr air a’ chlàr pearsanta aige. As a’ chuairt mu dheireadh thòisich Donnie làidir dha rìreabh ach as dèidh mu 200m chaidh Tom Druce à Guersney air thoiseach air. Faodaidh Donnie a bhith pròiseil gun do ghlèidh e an dàrna àite leis an uair 48.82 agus seo a’ chiad bonn a tha e air a’ ghlèidheadh aig na Geamannan Eileanach. Tha e an-diugh a’ gabhail pàirt as a’ chuairt mu dheireadh de farpais 4 x 400 relay aig 12.15f.

Tha an cothrom aig Eilidh NicChoinnich bonn òr eile a’ ghlèidheadh a’ tighinn nas fhaisge. An-dè fhuair i troimhe chun a’ chuairt mu dheireadh de farpais an 800m as an ùine as luaithe. Tha e na thlachd a bhith a’ coimhead Eilidh a’ ruith, tha i cho grinn a’ ruith agus tha i a’ coimhead cho comhfhurtail agus shoileadh tu gur e an rud as furasta san t-saoghal a tha i a’ dèanamh! Aig 11m an-diugh bidh Sgioba nan Eilean Siar a toirt ar làn taic do dh’Eilidh agus bidh sinn an dòchas gu faigh i bonn òr eile.

Thàinig Eve Carrington dhachaigh `a Rhodes le bonn airgid agus bonn umha agus a-raoir bha i a’ gabhail pàirt ann an farpais an triple jump. Fhuair i 10.94 air a’ chiad leum agus sin an fhear as fhèarr a rinn i. Bha i as an treas àite suas chun a’ cheathramh chuairt agus cha robh i ach trì ceudameatairean air cùl an caileag a fhuair an treas àite. Chan eil 10.94 faisg air an astar as fhèarr aice agus tha fios aice air an trèanadh a tha gu bhith air thoiseach oirre nuair a thilleas i.

Seach gu bheil mi air a bhith a’ fuireach as an aon àite fuirich ri na lùth chleasaichean tha e air a bhith math a’ faighinn eòlas air an obair ullachaidh a tha iad a’ dèanamh ro-làimh agus fear a’ faighinn beachd air na faireachdainn aca mus tèid iad gu rèis agus nuair a thilleas iad. Agus feumaidh mi a ràdh gu bheil e sònraichte math a bhith a’ faicinn an taic agus an dàimh a tha eadar an sgioba.

Sheall Sgioba Ball-coise nam Ban a-raoir cho cumhachd sa dh’fhaodadh iad a bhith nuair a bhuannaich iad 5.0 an aghaidh Guernsey. Fhuair Laura Johnston dà thadhal, agus Sine MacNeacail, Jenna Stiùbhart agus Marina NicDhòmhnaill aon tadhal an duine. Tha seo a’ ciallachadh gun do bhuannaich na caileagan dà gheama agus chaill iad dà gheama. Chrìochnaich iad as an treas àite as a’ bhuidheann agus bha i faisg dha rìreabh faighinn a-steach dhan an ath chuairt. Tha iad air a bhith a’ cluiche math dha rìreabh agus sheall iad cho sgileil sa tha iad. Faodaidh iad tilleadh air ais do na h-Eileanan an Iar gu math moiteil.

Air an treas là de dh’ fharpaisean chrìochnaich Daibhidh Black air 83, Tormod ‘Onions’ Dòmhnallach air 80, Andy Dòmhnallach air 88 agus Kevin MacRath air 76. Chan eil an sgioba cho toilichte idir leis mar a tha a’ dol dhaibh ach chan eil leisgeulan sam bith aca a-rèir Manaidsear na Sgioba, Tormod ‘Tomsh’ Dòmhnallach ged nach e eil iad cleachdte ri bhith a’ cluiche còig uairean a thìde gu leth ann an teas 30C! Cluichidh iad a-màireach aig Cùrsa a’ Chaisteil a tha a’ còrdadh riutha nas fhèarr. Aig an ìre seo tha iad as an t-seachdamh àite mar Sgioba.

Uill, dìreach nuair a thòisich mi a’ sgrìobhadh am pìos mu dheireadh, thòisich an uisge! Tuilleadh a-rithist le naidheachd bonn òr tha mi an dòchas!