Tha MG ALBA a' foillseachadh Litir Naidheachd gach cairteal. Chi sibh am fear as ùire gu h-ìosal.

Litir Naidheachd Dàmhair 2011

A chàirdean

Fàilte bho MG ALBA!

Tha samhradh trang air a bhith aig MG ALBA. On chaidh BBC ALBA a chraoladh air Freeview agus Virgin Media agus air saideal, tha cothrom aig gach dachaigh ann an Alba air an t-sianail agus tha a-nis cuibheasachd de 530,000 de luchd-amhairc a’ coimhead ris ann an Alba gach seachdain. Tha sin a’ dearbhadh gu bheil an sianail feumail agus inntinneach an dà chuid do luchd-bruidhinn is do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus do mhuinntir na h-Alba san fharsaingeachd.

Thòisich clàr ùr an fhoghair air BBC ALBA san t- Sultain agus tha sinn an dòchas gu bheil na prògraman ùra air a bhith a’ còrdadh ribh.

Ghabh sinn ceum mòr air adhart cuideachd le bhith a’ foillseachadh làrach-lìn ùr airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, LearnGaelic.net. Thàinig LearnGaelic.net gu buil tro cho-obrachadh eadar Bòrd na Gàidhlig, MG ALBA, am BBC, Bòrd na Ceiltis (Alba) agus Sabhal Mòr Ostaig le taic ionmhais bho Riaghaltas na h-Alba. Fhuair am pròiseact taic cuideachd bho Am Faclair Beag, Cànan, Clì Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Foghlam Alba, Mòr Media, An Oilthigh Fosgailte, Sealgar, SQA, Stòrlann, Ùlpan agus Ainmean Àite na h-Alba.

Bu mhath leam cuideachd a thoirt gur n-aire gu bheil fiosrachadh mu ghoireasan Stiùideo Fàs san Eilean Sgitheanach a-nis air-loidhne aig www.studiofas.com. Tha fàilte romhaibh uair sam bith sna h-oifisean againn an sin.

Cuimhnichibh gum faigh sibh fiosrachadh mu obair MG ALBA agus prògraman BBC ALBA aig mgalba.com, bbcalba.co.uk agus air Facebook. Tha sinn an dòchas gun còrd na prògraman ribh sna seachdainean a tha romhainn.

Beannachd leibh,

Dòmhnall Caimbeul
Àrd Oifigear

Dòmhnall Caimbeul



learngaelic.net logo



Rionnag pinc 'Seall Seo'


Prògraman ùra air BBC ALBA

An dèidh nan trì bliadhna bhon thòisich an sianail, tha BBC ALBA a’ leantainn air a’ tabhann farsaingeachd de phrògraman aig àrd ìre do luchd-amhairc air feadh Alba: prògraman aithris, naidheachd agus cùisean làitheil, cur-seachad, creideamh, prògraman chloinne, ceòl agus spòrs. Tha BBC ALBA air leth moiteil a bhith a’ cur ri leasachadh craoladh ann an Alba agus a bhith a’ cur taic ris na roinnean cruthachail is na meadhanan.

Seo blasad de chuid de na prògraman a tha ri thighinn air BBC ALBA:

Leanaidh Trusadh gach oidhche Luain bho 9.00f agus prògraman mar Òrain Ùra - An Gairm, a’ rannsachadh dè a tha fa-near dha saoghal nan òran Ghàidhlig, agus Camanachd Leòdhais a' leantainn sgioba iomain Leòdhais air an slighe sa lìog nàiseanta airson a' chiad turas.

Ann an Soillse, gach oidhche Chiadain aig 9.00f chithear Ana Rafaela Dion an Amason far am faicear an t-strì a thathar a’ dèanamh gus dìon a chur air Pàirce Nàiseanta Campos Amazonicos agus Razorwire Rodeo a tha a’ toirt sùil air Rodeo rudeigin eadar-dhealaichte.

Gach Creutair Beò | Am Boireannach a Dh’ith Bò | Piping Live


’S e prògram ùr, a’ tòiseachadh Diluain 31 Dàmhair aig 8.30f, a th’ ann an Gach Creutair Beò, a’ leantainn nan lighichean-sprèidh nan obair am measg nam beathaichean.

Tha Heather Dewar a’ sealltainn dhuinn diofar dhòighean air feòil mairt a chòcaireachd agus tha i ag ionnsachadh dhuinn mar is urrainn dhuinn uile airgead a shàbhaladh ann Am Boireannach a Dh’ith Bò, Dihaoine 4 Samhain aig 9f.

Piping Live - Sràidean Ghlaschu loma-làn phìobairean bho Piping Live! Gheibhear blas de na pìobairean as fheàrr bho air feadh an t-saoghail sna prògraman againn bho Dhisathairne 10 Dùbhlachd aig 9.00f.

Cuideachd air BBC ALBA sna seachdainean a tha romhainn:

  • Grinn - Dihaoine 28 Dàmhair aig 10f
  • Fèis Ciùil Blas 2011 - Disathairne 29 Dàmhair aig 8.55f
  • Eòrpa - Diciadain 2 Samhain aig 8.30f
  • Air an Rathad - Diardaoin 3 Samhain aig 10f
  • Horo Gheallaidh - Disathairne 5 Samhain aig 10f

Cumaibh sùil air www.mgalba.com agus www.bbcalba.co.uk airson clàr nam prògram agus airson nan naidheachdan as ùire.

Spòrs

Gar toirt tron Fhoghar agus a-steach dhan Gheamhradh, leanaidh spòrs air adhart air BBC ALBA. Ri fhaicinn bidh ball-coise, rugbaidh agus iomain agus cuideachd chithear na pìosan as fheàrr bho Gheamannan Eileanan na Cruinnne.

Ball-coise / Club TV
Chithear ball-coise gu leòr le geama slàn gach seachdain bho Lìog SPL Alba. Seo cuid de na geamannan SPL a tha air fàire:

Gaelic football fixtures

Tha Calum “Cagsaidh” MacAmhlaigh a’ tilleadh air an 24mh Samhain aig 9.00f, le sreath ùr de Club TV far am bi Tom Boyd agus Artair Numan a’ toirt thugainn am fiosrachadh as ùire bho chlubaichean ball-coise Rangers agus Celtic.

Tha BBC ALBA air na còraichean a ghlèidheadh airson geamannan sgioba ball-coise Glasgow City, aig an taigh agus air falbh, ann an Lìog Eòrpach nam Ban a shealltainn air feadh na R.A. Seo na bhios ri fhaicinn:

Diciadain 2 Samhain aig 4f - FFC Turbine Postdam v Glasgow City FC
Diardaoin 10 Samhain aig 6f - Glasgow City FC v FFC Turbine Post

Rugbaidh
Tha BBC ALBA a’ leantainn sgiobaidhean rugbaidh Ghlaschu is Dhùn Èidinn ann am prìomh fharpais Eòrpach Lìog RaboDirect Pro12 le na geamannan a leanas gan craoladh air BBC ALBA:

Gaelic rigby fixtures

Cuideachd chithear an dà gheama eadar Glaschu agus Dùn Èideann airson Cupa 1872 aig deireadh na bliadhna.

Iomain
Tha sreath ùr, Caman, a’ cur a’ phrosbaig air Seusan Camanachd 2011 tro shùilean luchd-leantainn, cluicheadairean agus manaidsearan a’ tòiseachadh Diardaoin 1 Dùbhlachd aig 8.30f.

Na Geamannan
Bho Dhiardaoin 27 Dàmhair aig 8.30f chì sibh sgioba bho Na h-Eileanan an Iar a deisealachadh airson Geamannan Eileanan na Cruinnne.

 

Fèis nam Meadhanan Ceilteach

Tha Fèis nam Meadhanan Ceilteach ann airson inbhe a thoirt do chultaran agus do chànanan nan dùthchannan Ceilteach ann am film, air tbh, rèidio agus sna meadhanan ùra. Bhruidhinn Catriona Logan, riochdaire ùr na Fèise, ri MG ALBA mu dè tha san amharc airson 2012:

Tha sinn air leth toilichte an Fhèis a thoirt gu Doire. Tha dualchas bheairteach aig a’ phrìomh bhaile seo agus le sùilean an t-saoghail air sa bhliadhna seo mus bi e na Phrìomh Bhaile airson Cultar ann an 2013, tha faireachdainn agus spionnadh cruthachail a’ tighinn bhon àite. Tha fhios gum bi iadsan a bhios còmhla rinn a’ coimhead air adhart ris na th’ aig Doire ri thoirt dhaibh.

Tha an ceann-latha airson thagraidhean a-nis seachad agus tha sinn gu mòr a’ coimhead air adhart ris an Fhèis ann an Doire sa Ghiblean an ath bhliadhna.


FilmG

dealbhan FilmG - ‘Air an Starsaich’

Tha farpais MG ALBA airson filmichean goirid, FilmG, a bhios a’ dùnadh air 6/1/12, air duaisean na bliadhna fhoillseachadh:

  • £1,500 an urra airson an Dràma Goirid as Fheàrr agus an Aithris Ghoirid as Fheàrr
  • Duais airson am Film Eadar-nàiseanta as Fheàrr, far am faigh an neach a bhuannaicheas dà thiocaid gu cuirm nan duaisean, agus cosgaisean-siubhail suas gu £500.
  • £1,000 airson an Fhilm Coimhearsnachd as Fheàrr
  • Airson daoine eadar 12-17 bidh duais de £1,000 ann airson an Fhilm as Fheàrr
  • Dhaibhsan a bhuannaicheas am Film as Fheàrr agus an Neach-cluiche as Fheàrr, bidh cothrom ann latha a chur seachad còmhla ri sgioba a bhios a’ clàradh prògram airson BBC ALBA.

Ma tha ùidh agaibh cur a-steach airson an fharpais, cha leig sibh a leas ach film goirid Gàidhlig a dhèanamh a bhios 3-5 mionaidean a dh’fhaid agus mura bheil Gàidhlig agaibh, tha taic ri fhaighinn aig a cheangal seo. Bidh a’ cho-fharpais a’ dùnadh air an 6mh Faoilleach 2012. Airson liosta shlàn de na duaisean agus fiosrachadh mu thrèanadh, faic làrach-lìn FilmG.


A’ cur eòlas air... Chris Dòmhnallach

Is e Chris Dòmhnallach an Stiùiriche Seirbheisean Telebhisein ùr aig MG ALBA ann an Steòrnabhagh. Bha e ag obair mar neach camara airson faisg air fichead bliadhna ron sin. ’S ann san Rubha a chaidh a thogail agus tha e a-nis a’ fuireach air na Lochan còmhla ri Màiri, a bhean agus Ruairidh, am balach beag aca.

Ciamar a thàinig tu gu bhith ag obair sa ghnìomhachas?

Thòisich mi aig Telebhisean Grampian ann an Obair Dheathain ann an 1991. Chaidh mo thrèanadh ann an obair camara, agus chòrd e rium gu mòr. Thill mi dhachaigh ann an 1993 nuair a dh’fhosgail stiùideo tbh Ghrampian ann an Steòrnabhagh airson nan naidheachdan Gàidhlig a chraoladh. Bha sinn a’ cruthachadh nam prògraman Gàidhlig air fad a bha Grampian a’ dèanamh aig an àm sin.

Bha mi an sin gus an deach mi a-mach air mo cheann fhìn agus fhuair mi cothrom tòrr siubhal a dhèanamh air feadh an t-saoghail, ag obair air sreathan eadar-dhealaichte leithid dràma, spòrs, prògraman aithris agus eile.

Dè bhios tu a’ dèanamh an lùib d’ obair?

Tha mi a’ coimhead às dèidh na sgioba an seo agus san Eilean Sgitheanach. Bidh ‘Dè Tha Dol?’ a’ cleachdadh nan goireasan againn agus tha an sgioba cuideachd a’ clàradh nan ceanglaichean agus nan guthan a bhios eadar na prògraman.

Feumaidh sinn cuideachd lèirmheasan teicnigeach a dhèanamh air a’ chuid as motha de na prògraman a tha a’ dol a-mach air BBC ALBA. Tha sin gar cumail gu math trang!

Chris MacDonald