FilmG banner
FilmG – Co-fharpais Fhilmichean Goirid Gàidhlig MG ALBA

Tha a’ cho-fharpais chliùiteach FilmG a’ fosgladh airson filmichean ’s tha brosnachadh rin toirt seachad do dhaoine aig a bheil agus aig nach eil Gàidhlig, pàirt a ghabhail ann. Tadhal air làrach-lìn ùr FilmG airson ballrachd fhaighinn sa chuairt-litir agus airson cumail an àird le de tha a’ dol.

Tha filmichean na bliadhna-sa uile fhathast rim faicinn air a cheangal seo agus cuideachd chì sibh dealbhan bho Cuirm na Duaisean aig FilmG2 air an duilleag Facebook aca.

Chaidh FilmG a chur air bhog le MG ALBA ann an 2008 leis an amas tàlant ùr a thoirt gu bàrr a thèid a leasachadh airson BBC ALBA.

Tha FilmG air a stiùireadh le Cànan, companaidh mheadhanan cruthachail, ghoireasan cànain agus dealbhaidh a tha stèidhte aig FÀS san Eilean Sgitheanach.