Litir Naidheachd Gearran 2009

A chàirdean

An t-seachdain seo chaidh fhuair sinn ro-shealladh air telebhisean Gàidhlig san àm ri teachd nuair a thàinig am pròiseact fhilmichean goirid againn, FilmG, gu crìoch le cuirm nan duaisean ann an Inbhir Nis. Is e amas FilmG tàlant ùr a lorg agus a bhrosnachadh, agus tha sinne air ar brosnachadh gu mòr le cho èasgaidh a ghlac riochdairean, sgrìobhadairean agus actairean òga air a’ chothrom ceum a thoirt a dh’ ionnsaigh obair ann an gnìomhachas a bhios a’ cur feum air an neart ’s an tàlant sna bliadhnaichean a tha romhainn, Tha sinn a’ cur meala-naidheachd air a h-uile duine a bhuannaich duais. Chì sibh nas fhaide air adhart san litir-naidheachd seo cò iad agus dè na duaisean a choisinn iad.

An deachaidh sibh gu Film ’s Craic  ann an Glaschu san Fhaoilleach? Tha mi ’n   dòchas gun do chòrd e ribh sealltainn air ulaidhean às an tasglann telebhisein   aig an fhèis sin. Ach ma sibh airson na prògraman as ùire fhaicinn, is e BBC   ALBA an t-àite sam faigh sibh iad. Bidh ball-coise beò bhon SFL againn an ath   sheachdain agus bidh prògraman sònraichte eile gan craoladh air Freesat 110 agus   Sky 168 sa Ghearran. Cumaibh sùil air www.bbcalba.co.uk agus air www.mgalba.com airson clàr phrògraman BBC ALBA   agus airson nan naidheachdan as ùire mu thachartasan eile a tha a’ dol. Agus ma   tha beachd no ceist agaibh mun t-sianal, cuiribh fios thugainn. 

Le dùrachd,

Dòmhnall Caimbeul
Àrd Oifigear MG ALBA

FilmG

FilmG

Agus tha an duais a’ dol gu . . .

Bha oidhche shònraichte againn aig Eden Court, Inbhir Nis, Dihaoine 6mh Gearran, nuair a thàinig còrr air dà chiad gu leth duine gu duaisean FilmG, agus am measg nan aoighean uasal againn bha Linda Fabiani, ministear le uallach airson na Gàidhlig, agus Greg Hemphill, an t-actair comadaidh ainmeil.

Tha sinn gu sònraichte moiteil às a’ chlann-sgoile a rinn filmichean airson na farpais, agus tha sinn an dòchas gu bheil FilmG air an ùidh ann an obair film is telebhisean a dhùsgadh ’s gun dèan iad barrachd filmichean san àm ri teachd.

FilmG
 
Carole Sheridan bho Scottish Screen còmhla ri Ùisdean Murray, a fhuair an duais phroifeiseanta airson an fhilm as fheàrr, Siubhlachan, agus Daibhidh Walker.

FilmG

Preseantair Caxy MacAmhlaigh, Seonag Anderson, a fhuair duais an fhilm aithriseachd as fheàrr airson Beatha a’ Bhàird, Billy Matheson bho Theatre Hebrides a thog duais Roghainn an t-Sluaigh airson Sìol, agus preseantair BBC ALBA, Fiona NicChoinnich.

Gheibhear liosta slàn den fheadhainn a fhuair duaisean aig www.filmg.co.uk. Meala-naidheachd dhan a h-uile duine a fhuair duais. ’S math a rinn sibh!

Làithean nan Riochdairean

Is e deagh spòrs a th’ ann a bhith a’ dèanamh film goirid, ach is e obair mhòr a bh’ ann ma tha thu ga dhèanamh gu proifeiseanta. Agus tha MG ALBA an eisimeil nan companaidhean riochdachaidh a tha a’ dèanamh phrògraman airson BBC ALBA. Tha an gnìomhachas telebhisein Gàidhlig air atharrachadh gu mòr bho thoisich an sianal, agus feumaidh sinn fios a chumail ris na riochdairean mu na planaichean a th’ againn agus na cothroman a bhios acasan cùmhnantan a ghleidheadh.

Mar sin, chum sinn dà latha airson riochdairean an t-seachdain sa chaidh, le còrr is 20 neach a’ tighinn thugainn ann an Steòrnabhagh air 3mh Gearran agus 30 ann an Glaschu air Diardaoin 5mh, airson meòrachadh air na ciad mhìosan den t-sianal ùr agus coimhead air adhart ris a’ bhliadhna a tha romhainn. Tha sinn taingeil dhan a h-uile duine a thàinig a choinneachadh rinn agus tha sinn an dòchas gun lean ’s gun leasaich an dàimh a th’ againn leis na companaidhean a tha a’ dèanamh nam prògraman airson BBC ALBA.

Air faire
Thoir an aire mas e neach-leantainn spòrs a th’ annad, oir bidh ball-coise beò air BBC ALBA nuair a thèid Airdrie United an aghaidh Clyde, Didòmhnaich 22mh Gearran aig 15.10.

Agus ma tha ùidh agad ann an ceòl no còcaireachd, tha gu leòr ri thighinn a chòrdas riut:

Cuirm @ Celtic Disathairne 14 Gearran 22.00 Salsa Celtica & càirdean aig Celtic Connections 2009
Còcaire nan Còcairean Diluain 16 Gearran 20.30 An fharpais ga teasachadh san iar-chuairt dheireannaich
Cuide ri Cathy Diluain 16 Gearran 22.00 Agallamh le Liz McColgan OBE
A Rèir na h-Aimsir Dimàirt 17 Gearran 20.30 Sreath ùr a’ coimhead air buaidh sìde is siantan oirnn
Is Mise an Teanga Diluain 23 Gearran 21.10 A’ siubhal tro Leabhar Mòr na Gàidhlig
Cuide ri Cathy Diluain 23 Gearran 22.00 Agallamh le Chick Young
Còcaire nan Còcairean Diluain 23 Gearran 20.30 A’ chuairt dheireannach a’ toirt an t-sreath gu crìoch

Bidh ball-coise beò bhon SFL a’ leantainn sna seachdainean a tha romhainn cuideachd. Cum sùil air www.mgalba.com agus www.bbcalba.co.uk airson na clàr nam prògraman air fad, agus cuimhnichibh gum faigh thu BBC ALBA air Sky 168, Freesat 110 agus air-loidhne aig iPlayer.

A’ cur eòlas air … Iain MacGilliosa

Iain Gillies

Is ann à Siadar Uarach a tha Iain MacGilliosa agus tha e air a bhith aig MG ALBA airson 15 bliadhna. Thoisich e ann an roinn an ionmhais, ach tha ùidh ann an teicneolas air a thoirt dhan obair a tha e a’ dèanamh an-diugh, mar Mhanaidsear Teicneolas Fiosrachaidh agus Eadar-lìon.

Innis dhuinn mud dheidhinn fhèin agus mun obair agad aig MG ALBA.
Thàinig mi dhan bhudhinn mar Neach-cuideachaidh Ionmhais as dèidh dhomh HND a dheanamh aig Colaiste a’ Chaisteil. Aig an toiseach bhithinn a’ cumail leabhraichean-chunntas bho latha gu latha, ach ghabh mi gnothach ri teicneolas fiosrachaidh barrachd is barrachd gus an robh an dà uallach, ionmhas agus IT, mar phàirt den obair agam. Tha an dà uidhir luchd-obrach ann a-nis na bha againn bho chionn bliadhna no dhà, ’s mar sin tha IT air m’ obair gu lèir a ghabhail thairis ’s bidh mi a’ coimhead as dèidh ar siostaman coimpiutaireachd air fad agus ar làrach-lìn. Tha mi cuideachd ag obair a dh’ionnsaigh teisteanas proifeiseanta ann an IT.

Dè tha a’ còrdadh riut mun obair?
Chan fhaigh thu fois fiù ’s airson mionaid. Feumaidh tu bhith mothachail air adhartas leis an teicneolas as ùire agus na cunnartan as ùire gu tèarainteachd shiostaman, agus tha tòrr ri ionnsachadh. ’S cha chreideadh tu cia mheud dòigh annasach a th’ aig daoine a bhith a’ faighinn ann an staing leis a’ PhC aca!

Tha BBC ALBA air Sky 168 is Freesat 110.
Is e co-bhanntachd eadar am MG ALBA agus am BBC a th’ ann am BBC ALBA.