Litir Naidheachd Faoilleach 2010

A chàirdean,

Bliadhna Ùr Mhath dhuibh. Tha sinn an dòchas gum bi deagh bhliadhna agaibh ann an 2010.

Tha co-chomhairle Urras a’ BhBC air BBC ALBA fosgailte gu Diluain 18 Faoilleach 2010, agus mar sin tha cothrom fhathast agaibh ur beachdan a chur chun an Urrais mura h-eil sibh air seo a dhèanamh mar-thà. Tha e na adhbhar misneachd dhuinn gu bheil uiread de dhaoine air an taic a nochdadh thuige seo airson àite a ghleidheadh air Freeview airson BBC ALBA, agus tha sinn gu mòr an comain ar càirdean agus ar luchd-amhairc. Tha sinn an dòchas gum bi a h-uile duine a tha ag iarraidh BBC ALBA air Freeview deònach litir no post-d a chur gu Urras a’ BhBC no am foirm a lìonadh air-loidhne aig www.bbc.co.uk/bbctrust.

San litir-naidheachd seo, gheibh sibh fiosrachadh mun fharpais FilmG agus mu na prògraman ùra a bhios rim faicinn air BBC ALBA, agus thèid sinn air cùl a’ chamara airson agallamh le Donaidh MacAoidh, an Stiuiriche air na Seirbheisean Teicniceach againn.

Cuimhnichibh gum faigh sibh fiosrachadh mu dheidhinn obair MG ALBA agus prògraman BBC ALBA aig www.mgalba.com. Tha sinn an dòchas gun còrd na prògraman ribh sna seachdainean a tha romhainn.

Le dùrachd,
Dòmhnall Caimbeul
Àrd Oifigear


FilmG

FilmG logo image

Thèid cuirm nan duaisean airson FilmG a chumail ann an Inbhir Nis air 05 Gearran 2010, agus gheibh sinn a-mach an uairsin cò tha air soirbheachadh am bliadhna.

An do bhòt thu fhathast airson nam filmichean goirid as fheàrr leat? Tha cothrom agad coimhead air a h-uile film aig www.filmg.co.uk. Ach greas ort, oir tha bhòtadh a’ dùnadh Dihaoine 15 Faoilleach.

Aig àm na Nollaig chunnaic sinn Siubhlachan: Mòr Mineag, dràma ùr leth-uair de thìde, air BBC ALBA. Stèidhichte air an fhilm ghoirid Siubhlachan, a fhuair a’ phrìomh dhuais aig FilmG an-uiridh, chaidh an dràma ùr a choimiseanadh mar thoradh air an fharpais. Saoil dè thig às an fharpais am bliadhna?

Cùm sùil air www.mgalba.com agus www.filmg.co.uk airson nan naidheachdan as ùire.


BBC ALBA agus Luchd-ionnsachaidh

Ma tha thu ag ionnsachadh na Gàidhlig, is dòcha gu bheil thu a’ leantainn Speaking our Language air BBC ALBA, no a’ leughadh agus ag èisteachd ri Litir do Luchd-ionnsachaidh agus An Litir Bheag air www.bbcalba.co.uk agus Radio nan Gaidheal. Is urrainn do na meadhanan craolaidh taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh ann an diofar dhòighean, agus tha uallach sònraichte air BBC ALBA a bhith a’ brosnachadh foghlam agus ionnsachadh na Gàidhlig.

Tha MG ALBA a-nis air gealladh £50k de dh’airgead ùr fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba airson toiseach tòiseachaidh a dhèanamh air leasachadh ghoireasan airson luchd-ionnsachaidh, agus bidh sinn a’ co-obrachadh leis a’ BhBC agus le Bòrd na Gàidhlig sna mìosan a tha romhainn airson an obair seo a thoirt air adhart.

Cùm sùil air an làrach-lìn airson nan naidheachdan as ùire, agus cuimhnich gu bheil sinn daonnan airson do bheachdan a chluinntinn.


Ball-coise beò air BBC ALBA

Ged a chuir sneachda agus reothadh stad air iomadh geama ball-coise air feadh na h-Alba, chaidh Partick Thistle v Greenock Morton air adhart aig Firhill agus chaidh a chraoladh beò air BBC ALBA. Deagh thoiseach tòiseachaidh air bliadhna anns am bi ball-coise gu leòr air BBC ALBA, le dà gheama eile bhon Chiad Roinn Albannach IRN-BRU gu bhith air an craoladh beò sa Ghiblean agus sa Chèitean, agus cuideachd na “play-offs” aig deireadh an t-seisean.

Bidh na geamannan SPL a’ leantainn air BBC ALBA cuideachd, agus ged nach urrainn dhuinn a bhith cinnteach mun aimsir tha e fa-near dhuinn na geamannan seo a chraoladh sna seachdainean a tha romhainn:

  • St. Mirren v Obar Dheathain - Dimàirt 12 Faoilleach aig 22.00
  • Dundee United v Hibernian - Disathairne 16 Faoilleach aig 20.00
  • St. Johnstone v Hibernian - Diciadain 20 Faoilleach aig 22.00
  • Obar Dheathain v Cill Mhearnaig - Disathairne 23 Faoilleach aig 20.00

Bidh Club TV, am prògram ball-coise againn, air ais air BBC ALBA gach mìos leis na naidheachdan as ùire mu Rangers FC agus Celtic FC. Cùm sùil air www.mgalba.com airson a’ chlàr-phrògraman.


Tachartasan air BBC ALBA ...

Program highlights banner

Seo blasad air na tha san amhairc air BBC ALBA:
  • Sreath ùr Thuige Seo, agus Dòmhnall Moireasdan a’ coinneachadh ri Gaidheil ainmeil – nam measg Lachaidh MacLeòid, Coinneach MacMhathain agus Norma NicLeòid
  • Farpais Fhallain a’ leantainn trì sgiobaidhean á Leòdhas a tha a’ feuchainn ri cuideam a chall le eacarsaich, biadh fallainn agus beagan fealla-dhà
  • Farpaisean de sheòrsa eile, agus Farpaisean Chon-chaorach a’ tilleadh gu BBC ALBA leis na coin ’s na cìobairean as fheàrr san Rìoghachd Aonaichte
  • Ceòl agus òrain ann an Seudan a’ Chuain Disathairne 23 Faoilleach aig 22.00 agus Disathairne 30 Faoilleach aig 22.00, ga chraoladh bho Celtic Connections 2010 mar phàirt de Bhliadhna nan Òran air BBC ALBA agus Radio nan Gaidheal.

Faic www.mgalba.com airson barrachd mu na tachartasan agus na naidheachdan as ùire againn.



A’ cur eòlas air . . . Donaidh MacAoidh

Tha Donaidh MacAoidh na Stiùiriche air Seirbheisean Teicniceach. Às dèidh bliadhna ag obair aig ionad Fàs san Eilean Sgitheanach, tha e air tilleadh a Dhail bho Dheas ’s tha e a-nis stèidhichte ann an Steòrnabhagh. ’S ann á Nis a rugadh ’s a thogadh e.

Innis dhuinn beagan mun obair a rinn thu aig Fàs, agus mun obair ùir agad ann an Steòrnabhagh.

Chord an obair air an t-Eilean Sgitheanach rum gu mòr oir bha tòrr ri dhèanamh anns an togalach ùr, a’ cur na h-uidheamachd ùir an sàs. Tha mi an-dràsta a’ coimhead às dèidh an dà sgioba stiùideo, ann an Steòrnabhagh agus aig Fàs, a’ dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile càil a’ dol mar bu chòir.

Ciamar a thòisich thu sa ghnìomhachas chraolaidh?

Thàinig mi a-steach dhan ghnìomhachas às dèidh cùrsa Telebhisean agus Ioma-mheadhan aig Sabhal Mòr Ostaig. Fhuair mi obair ann an Glaschu aig Hammerhead TV, far an robh mi airson dà bhliadhna. Chaidh mi an uairsin gu STV aig Cowcaddens. An dèidh dhomh STV fhàgail bha mi ag obair air mo cheann fhèin air iomadh phrògram telebhisean agus film eadar-dhealaichte. Mus do thoisich mi aig MG ALBA, bha mi aig STV ann an Obar Dheathain. Bhithinn a’ cur seachad pàirt den ùine anns an stiùideo agus an còrr den ùine a’ falbh leis a’ làraidh saideal. ’S e obair chruaidh a bh’ ann le uairean fada, ach chòrd e rium, gu h-àraidh nuair a bha mi a’ craoladh gheamannan ball-coise SPL gach Disathairne.

An e craoladh ball-coise an obair a b’ fheàrr leat?

Bha e math a bhith ag obair air ball-coise, ach chanainn-sa gur e Top Gear an obair a b’ fheàrr a bh’ agam bho thòisich mi. Bhiodh iad a’ dùnadh pìos rathad agus a’ toirt orm a bhith a’ falbh cho luath ’s a ghabhadh le car seachad air a’ chamara. Obair dhuilich dha balach aig a bheil ùidh mar a tha agams’ ann an càraichean!!

 

Donnie MacKay