Air Ais
Tasglann Litrichean Naidheachd
Litir Naidheachd Faoilleach 2011
A chàirdean,
Bliadhna Mhath Ùr! Tha sinn an dòchas gun do chòrd prògraman BBC ALBA ribh aig àm na Nollaig agus na Bliadhn’ Ùire, agus gum bi sibh a’ coimhead còmhla rinn ann an 2011.
Ron Nollaig chuala sinn gu bheil Urras a’ BhBC air cead a thoirt seachad airson BBC ALBA a chur air Freeview. Is e fìor dheagh naidheachd a th’ ann, oir tha e a' ciallachadh gum bi cothrom aig barrachd dhaoine BBC ALBA fhaicinn. Tha sinn an comain nan daoine a chum taic ris an iomairt airson Freeview, a sgrìobh gu Urras a’ BhBC agus a ghabh pàirt sa cho-chomhairle phoblaich ann an 2009-10 – luchd-poileataics às gach partaidh, buidhnean poblach, buidhnean spòrs, companaidhean riochdachaidh agus luchd-amhairc fa leth. Taing dhuibh uile.
Tha sinn an dòchas gum bi BBC ALBA cuideachd ri fhaighinn air càball am bliadhna, agus bidh fiosrachadh mun latha-tòiseachaidh airson càball agus Freeview ga sgaoileadh a dh’aithghearr.
San litir-naidheachd seo gheibhear fios mu dheidhinn Fèis nam Meadhanan Cèilteach, mun fharpais FilmG agus mar a chuireas sibh ur bhòtaichean a-steach airson nam filmichean as fheàrr leibh. Tha agallamh “air cùl a’ chamara” a’ bruidhinn ri Donaidh Moireasdan, an cunntasair againn. Agus tha fiosrachadh mu phrògraman ùra agus spòrs beò sna seachdainean a tha romhainn. Cumaibh sùil air BBC ALBA. Is e bliadhna mhath a tha gu bhith againn.
Le gach dùrachd,
Dòmhnall Caimbeul
Àrd Oifigear
Prògraman ùra air BBC ALBA

Bidh na sreathan-aithris Soillse agus Trusadh a’ leantainn ann an 2011, le prògraman mar Cridhe Victoria (sgeulachd nighean naoi bliadhna a dh’aois a tha a’ feitheamh airson cridhe ùr) agus Cìobairean na Mara (cìobairean air eileanan na h-Alba an iar far nach eil duine a’ còmhnaidh).
Cuideachd air BBC ALBA sna seachdainean a tha romhainn:
Agus air 05 Gearran 2011 cum sùil air BBC ALBA airson Whisky Galore @ 22.00 agus Am Politician @ 23.20 – film agus prògram-aithris a’ comharrachadh 70 bliadhna bho chaidh an SS Politician fodha.
Fèis nam Meadhanan Ceilteach
Chaidh geàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach fhoillseachadh an dè, 17 Faoilleach 2011, agus tha sinn toilichte innse gu bheil seachd prògraman bho BBC ALBA air. 'S iad:
EALAIN - Aonghas Pàdraig Caimbeul - Meas air Chrannaibh
CÙISEAN LÀITHEIL - Eòrpa: Èigneachadh ann an Bosnia
CUR-SEACHAD AITHRISEACH - Na h-Òganaich
AITHRIS SHINGILTE - Bothan air a’ Phrèiridh agus Trump: An Tilleadh
SPÒRS - Turas a' Bhradain - 'Na Hearadh'
ÒIGRIDH - Breab
Bho BBC Radio nan Gàidheal:
RÈIDIO: AITHRIS - Seirbheis Chuimhneachaidh Hiort
RÈIDIO: PRESENTER / PERSONALITY - Cathy Dhòmhnallach
STÈISEAN RÈIDIO NA BLIADHNA - BBC Radio nan Gàidheal
KIERAN HEGARTY AWARD FOR INTERACTIVITY - Bliadhna nan Òran
Tha MG ALBA a’ cur meala-naidheachd air a h-uile duine a tha air a bhith an sàs anns na prògraman seo, agus tha sinn a’ coimhead le fiughair ris an Fhèis ann an Steòrnabhagh bho 13 gu 15 Giblean am bliadhna.
Lean an ceangal seo gu làrach-lìn Fèis nam Meadhanan Ceilteach far am faicear an geàrr-liosta gu lèir.
Spòrs
Tha spòrs gu leòr gu bhith air BBC ALBA ann an 2011, le ball-coise agus rugbaidh beò, a’ gabhail a-steach an ath ìre de Lìog Magners.
Rugbaidh Beò
Tha geamannan san ath chuairt de Lìog Magners rin cluich eadar am Faoilleach agus am Màrt 2011 agus bidh sia de na geamannan seo gan craoladh beò air BBC ALBA. Is iad a’ chiad dà gheam:
Munster v Edinburgh - Disathairne 18 Gearran aig 19.45
Glasgow v Dragons - Disathairne 25 Gearran aig 19.45
SPL
Seo cuid de na geamannan a tha air faire:

FilmG

Fhuairear 71 film am bliadhna le 34 film ann an co-fharpais nan inbheach agus 37 ann an co-fharpais 12-17. Tha gèarr-liostaichean na farpais a-nis air an cruthachadh agus tha iad rim faotainn an seo - farpais inbheach, farpais 12-17.
Tha e mìorbhailteach gu bheil an uidhear de dhaoine air filmichean a dhèanamh am bliadhna. Tha FilmG airson tàlant ùr a lorg agus a leasachadh, agus is iad na farpaisich seo a bhios a’ cruthachadh prògraman BBC ALBA san linn ri teachd.
Faodar bhòtadh airson Duais Roghainn an t-Sluaigh suas gu Diluain 31 Am Faoilleach 2011.
Bidh Cuirm Dhuaisean FilmG na bliadhna-sa a' gabhail àite san Old Fruitmarket, Candleriggs, Glaschu air Dihaoine 18mh den Ghearran 2011.
A’ cur eòlas air... Donaidh Moireasdan Innis dhuinn mun obair a tha thu a’ dèanamh aig MG ALBA. Bha mi nam chunntasair aig Mann Judd Gordon CA (R Cunningham CA) fad 27 bliadhna mus tàinig mi gu MG ALBA. Mar chunntasair bidh mi a’ cumail sùil air gnothaichean ionmhais na buidhne bho latha gu latha, a’ deasachadh chunntasan gach mìos agus a’ dèanamh aithisgean air an t-sruth-airgid, buidseatan agus cìsean VAT gach ràith. Bidh mi cuideachd a’ cuideachadh le sgrùdaidhean air na companaidhean a tha a’ faighinn maoin MG ALBA airson prògraman a dhèanamh. Dè am prògram BBC ALBA as fheàrr leat? 'S e An La agus Air an Rathad na prògraman as feàrr leam. Gu sònraichte Air an Rathad oir gu bheil uigh mhòr agam ann an càraichean agus modailean ùra a tha tighinn a-mach. |
![]() |