Air Ais
Tasglann Litrichean Naidheachd
Litir Naidheachd Iuchar 2009
Tha FilmG air ais!

Ùidh agad ann an obair film is telebhisean? Tha duaisean sgoinneil rin gleidheadh ann am farpais nam filmichean goirid, FilmG -- le airgead mòr agus cothroman film a dheasachadh gu ìre phroifeiseanta chraolaidh. Bha farpais air leth soirbheachail againn an-uiridh, agus tha fear de na filmichean a fhuair duais, Siubhlachan le Ùisdean Moireach, air a bhith ga thaisbeanadh aig fèisean film san Eilbheis agus ann an Korea bhon uair sin. Is e cuspair FilmG am bliadhna “Gaisgeach”, agus tha sinn an dòchas gun cuir tòrr gaisgich film a-steach airson na farpais an turas seo. Faic www.filmg.co.uk airson fiosrachadh.

Spòrs as t-Samhradh
Tha spòrs am measg nan gnèithean-phrògraman as motha a tha a’ còrdadh ri luchd-amhairc BBC ALBA, agus bidh spòrs gu leòr air an t-sianal rè an t-samhraidh airson luchd-leantainn a riarachadh.
Tha na farpaisean camanachd a’ dol an-dràsta, agus bidh cuairtean dheireannach Cuach a’ Bhaile Mhòir (Disathairne 18 Iuchar bho 16.00) agus Cupa an t-Sutharlanaich (Disathairne 01 Lùnastal bho 16.00) beò air BBC ALBA.
Tha MG ALBA air a bhith a’ toirt taic do sgioba nan Eileanan an Iar aig Geamannan Nat West Eileanan na Cruinne ann an Åland, agus tha sinn a’ cur meala-naidheachd air Eilidh NicCoinnich, Alison Mary Chaimbeul agus a h-uile duine a choisinn bonn ann. Brùth an seo airson aithrisean bhideo le Derek “Pluto” Moireach agus Evelyn Coull agus airson toraidhean nam farpaisean air fad.
Air ais san dùthaich seo, tha MG ALBA air a bhith a’ toirt taic do Chuach na Cloinne, farpais ball-coise airson nan sgoiltean Gàidhlig, agus do Chuach Camanachd Comann Ceilteach Ghlaschu, a’ gabhail a-steach a’ chiad Fhèis Spòrs airson sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
Tha MG ALBA cuideachd a’ toirt taic do Chuach Dùbhlan na h-Alba airson na darna bliadhna, ’s an fharpais a’ tòiseachadh 25 Iuchar. Chì luchd-leantainn ball-coise a’ chuairt dheireannach agus aon gheama san iar-chuairt dheireannaich beò air BBC ALBA, a bharrachd air filmichean às an tasglann, agus bidh an fheadhainn a shoirbhich ann an Cuach na Cloinne, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, nam VIPs aig a’ gheama dheireannach de Chuach Dùbhlan na h-Alba san t-Samhain.
BBC ALBA agus Urras a’ BhBC
Bidh Urras a’ BhBC a’ dèanamh leirmheas air BBC ALBA eadar seo agus deireadh na bliadhna agus a’ tighinn gu co-dhùnaidhean cudromach mu ghiùlan an t-sianail san àm ri teachd, gu h-àraid a thaobh Freeview. Bidh cothrom aig a’ mhòr-shluagh am beachdan a chur a-steach as t-fhoghar, agus cumaidh sinn fios ribh mu adhartas leis an lèirmheas seo.
San eadar-àm, tha BBC ALBA ri fhaighinn air Sky 168 agus Freesat 110, agus air iPlayer a’ BhBC agus iPlayer Virgin Media. Ma tha ceistean sam bith agad mu BBC ALBA no mu MG ALBA, cuir fios gu fios@mgalba.com no fòn gu 01851 705550.
MG ALBA ann an Lunnainn ’s Dùn Èideann
Fhuair muinntir MG ALBA agus a’ BhBC cothrom coinneachadh ri luchd-poileataics san dà phàrlamaid aig tachartasan sa Chèitean agus san Òg-mhìos, agus tha sinn gu mòr an eisimeil Rùnaire na Stàite airson Alba, Jim Murphy BP, agus Ted Brocklebank BPA airson fàilte cho cridheil a chur oirnn aig Dover House (an Oifis Albannach) agus aig Taigh an Ròid.
Tha seirbheisean craolaidh poblach agus teicneolas didseatach aig cridhe cuid de na deasbadan as motha a tha a’ dol an-dràsta, leis an aithisg ùir “Digital Britain” agus neart nan gnìomhachasan cruthachail air aire an luchd-poileataics. Tha buill pàrlamaid à gach partaidh air taic mhòr a thoirt gu MG ALBA agus gu BBC ALBA sna bliadhnaichean a dh’fhalbh agus tha sinn taingeil gu bheileas ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha craoladh Gàidhlig mar phàirt den t-saoghal chraoladh a th’ againn ann an Alba agus san Rìoghachd Aonaichte.

WITBN
Agus tha ùidh aig daoine thall thairis ann am BBC ALBA cuideachd, oir tha sinn an sàs ann an Lìonra Craoladairean Telebhisein Dùthchasach na Cruinne, far am faigh craoladairean cothrom tighinn ri chèile airson eòlas agus prògraman a cho-roinn.
Faigh a-mach barrachd mu na buill eile a th’ aig WITBN agus mu na dòighean sa bheil craoladairean nan cànanan dùthchasach ag obair còmhla ri chèile aig www.witbn.org.
Cùm d’ aire air BBC ALBA ...
|
A’ cur eòlas air . . . Cailean Moireach |
|
|
Chan e Cailean an aon neach-obrach ùr againn. Tha Moira NicDhòmhnaill gu bhith na preasantair ùr air BBC ALBA bho thoiseach an Lùnastail, fhad ’s a bhios Fiona NicChoinnich air falbh a’ filmeadh sreath ùr de Air an Rathad. Tha Moira gu math trang an-dràsta ag ionnsachadh a ciùird bho Fhiona, agus ma chumas tu sùil air ar làraich-lìn chì thu barrachd fiosrachadh mu a deidhinn a dh’aithghearr. |
|