Litir Naidheachd Iuchar 2011

A chàirdean

Fàilte bho MG ALBA!

San Ògmhios bha sinn air leth toilichte innse gu robh BBC ALBA a’ dol air bhog air Virgin Media (seanail 188) agus air Freeview (seanail 8).

Tha sinne aig MG ALBA agus ar com-pàirtichean aig a’ BhBC air a bhith ag obair gu dian a dh’ionnsaigh an latha seo agus bha sinn air leth taingeil airson an taic a fhuair sinn, bho a-measg eile, nam pàrtaidhean poilitigeach ann an Alba. Bha cuid dhiubh seo an làthair aig cuirm phàrlamaideach a chum Margot NicDhòmhnaill BPA ann an Holyrood air 8 Ògmhios. Tha ar prògraman a’ leantainn agus faodar tuilleadh a leughadh mun deidhinn nas fhaide air adhart sa chuairt-litir.

Bha sinn air leth toilichte fàilte a chur air Fèis nam Meadhanan Ceilteach agus air àrd-oifigearan Lìonra Chraoladairean Telebhisein Slòigh Tùsail an t-Saoghail (WITBN) a Steòrnabhagh sa Ghiblean. Tuilleadh mun seo gu h-ìosal.

Tha FilmG 2011 a-nis a’ dol agus taing dha ar com-pàirtichean a tha a’ leantainn le an cuid taic airson a’ phròiseict.

Tha MG ALBA a-nise air a dhol an sàs ann an ‘lìonradh sòisealta’. Carson nach toir sibh sùil air ar duilleag Facebook far am faicear naidheachdan agus dealbhan phrògraman.

Mu dheireadh bhuam-sa, tha sinn ann an co-obrachadh le ar com-pàirtichean airson goireas ùr air-loidhne a thoirt gu luchd-ionnsachaidh. Tha sinn den bheachd gur e leasachadh air leth inntinneach a bhios an seo agus cluinnear tuilleadh mu dheidhinn as t-Foghar.

Beannachd leibh,

Dòmhnall Caimbeul
Àrd Oifigear

Dòmhnall Caimbeul



Alasdair Moireasdan & Margo NicDhòmhnaill BPA - Holyrood

Alasdair Ailean BPA - Holyrood



Rionnag pinc 'Seall Seo'


 

Prògraman ùra air BBC ALBA

Tron t-samhradh, thathas an dòchas gun còrd na tha sinn a’ toirt thugaibh air BBC ALBA de phrògraman ciùil agus prògraman aithris. Gu leòr spòrs ri thighinn san t-Iuchar, agus sinn a’ sgaoileadh a-mach gu luchd-amhairc as ùr le ball-coise SPL agus Lìog Rugbaidh Ceilteach.

Cuirm@Celtic: Gerry O'Connor | An Rèiteach | Balaich nan Each | Dannsa

Bidh na sreathan-aithris Trusadh agus Soillse a’ leantainn tron t-samhradh le Conaltradh (Sùil air saoghal dhaoine a tha dall, no bodhar, no dall agus bodhar), Balaich nan Each (Clann aig a bheil eich ann am Baile Ath Cliath) agus The Royal Wedding (sealladh sònraichte air na bha sinne a' dèanamh air là a' phòsaidh rìoghail). Coimhead a-mach airson Trusadh oidhche Luain aig 9f agus Soillse oidhche Chiadain aig 9f.

An Rèiteach - Diciadain 3 Lùnastal aig 8.30f
Dà bhanais, còir is 50 bliadhna eatorra. Chithear seanmhair (le ban-ògha leatha an dùil pòsadh aig àm a’ phrògram) a' faicinn ‘deilbh’ a bainnse son a' chiad uair. ‘S caomh leis a h-uile duin’ againn banais agus le tasglann fiolm agus tasglann chuimhneachain, chithear coltas tè de na bainnsean mu dheireadh a chaidh a cumail air An Sgarp, eilean àlainn san Innse Ghall.

Cuideachd air BBC ALBA sna seachdainean a tha romhainn:

Anns na Pàipearan: 1942 - Dihaoine 22 Iuchar aig 8.30f
Cuirm@Celtic: Gerry O'Connor - Disathairne 29 Iuchar aig 9.55f
Dannsa - Diluain 25 Iuchar aig 10.00f
An Aghaidh an t-Srutha - Diciadain 27 Iuchar aig 10.30f
Dannsa - Diluain 1 Lùnastal aig 10.00f

Ceòl

As dèidh soirbheas Rockness, tha sinn gu mòr a’ coimhead air adhart ri Fèis Belladrum 2011. Coimheadaibh a-mach airson na seallaidhean as fheàrr bhon a' phrìomh àrd-ùrlar agus an fhèis gu lèir le Belladrum 2011: Cridhe Tartan air Disathairne 6 Lùnastal aig 10f.

Rockness Pics: Paulo Nutini & Emma | Presenters: Emma & Andra | Kasabian

Gu leòr eile ri thighinn air BBC ALBA tron t-samhradh. Cumaibh sùil air www.mgalba.com agus www.bbcalba.co.uk airson na naidheachdan as ùire agus clàr nam prògraman. Bidh clàr phrògraman an Earraich ga fhoillseachadh as na mìosan a tha romhainn agus bheir sinn thugaibh tuilleadh fios mun seo a dh’aithghearr.

Fèis nam Meadhanan Ceilteach

Nochd riochdairean nam meadhanan bho na dùthchannan Ceilteach ann an Steòrnabhagh airson Fèis nam Meadhanan Ceilteach sa Ghiblean. Bha an Fhèis eadar-nàiseanta, a’ comharrachadh iomadachd is càileachd na h-obrach a tha air a riochdachadh leis na dùthchannan Ceilteach san là an-diugh, air leth sònraichte le còrr is 550 neach an làthair. Bha seachd phrògraman BBC ALBA air a’ gheàrr-liosta son duais agus choisinn ‘Na h-Òganaich’ a’ phrìomh duais sa ghnè cur-seachad aithriseach.

Dealbhan bho CMF & WITBN: Riochdairean bho WITBN | Alasdair Moireasdan & Peter Mullan | Alasdair MacLean le torc ‘Na h-Òganaich’ | Aodach nàiseanta

WITBN

Bha MG ALBA gu sònraichte toilichte fàilte a chur air àrd-oifigearan Lìonra Chraoladairean Telebhisein Slòigh Tùsail an t-Saoghail (WITBN), a’ gabhail a-steach Telebhisean Tùsail Taiwan, Telebhisean Maori, An Telebhisean Tùsail Nàiseanta (Astràilia), NRK Sápmi (Nirribhidh), agus ‘Ōiwi TV, Hawai'i. Tha àite riatanach aig craoladairean tùsail ann a bhith a’ cumail suas agus a’ meudachadh chothroman airson an cànan dùthchasach agus tha iad nan earrann shoirbheachail ann an saoghal a’ chraolaidh. Le riochdairean bho WITBN bho air feadh na cruinne an làthair aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach bha seo a’ cuideachadh le bhith a’ toirt na Gàidhlig is mion-chultaran eile ri chèile agus a’ neartachadh cumhachd craolaidh tùsail.


Spòrs

Ball-coise SPL
Tha spòrs gu leòr gu bhith air BBC ALBA nuair a thoisicheas seasan 2011/12 air Disathairne 23 Iuchar. San t-seasan seo, bidh mneTV a’ riochdachadh aon gheama SPL gach cuairt airson BBC ALBA. Le sin, bidh 38 geamannan SPL air an craoladh gu h-iomlan air BBC ALBA. Thèid geamannan Disathairne an craoladh, mar gum biodh beò, aig 5.30f. Seo cuid de na geamannan a tha air fàire:

Pitch with gaelic fixtures

Lìog RaboDirect Pro12
Bidh BBC ALBA a’ craoladh geamannan Glaschu agus Dùn Èideann san fharpais rugbaidh RaboDirect Pro12. Cumaibh sùil air ar clàr bhon t-Sultain airson na bhios a’ dol air BBC ALBA

 

FilmG

dealbhan FilmG - ‘Air an Starsaich’

Tha co-fharpais FilmG 2011 air a chur air bhog le cuspair na bliadhna seo ‘Air an Starsaich’. Faicibh làrach-lìn FilmG aig www.filmg.co.uk airson tuilleadh fiosrachaidh agus cothroman làithearachd aig bùthan-obrach, a tha an dà chuid son fileantaich agus luchd-ionnsachadh aig a bheil ùidh ann an filmichean goirid. Cuideachd, gheibhear FilmG Alba air Facebook agus Twitter. ‘S e 6 Faoilleach 2012 an ceann-là son film a chur a-steach.

A’ cur eòlas air... Mairi Anna NicAonghais

‘S ann à Steòrnabhagh a tha Mairi Anna ach ‘se blas na Lochan a th’air a cuid Gàidhlig, le pàrantan à Crosbost!

Ciamar a thàinig thu gu bhith ag obair sa ghnìomhachas?

As dèidh colaiste ann an Glaschu agus a bhith ag obair aig STV son bliadhna, thòisich mi sa bhuidheann ann an 1997 mar neach-taic clèireachd. Tha mi air am buidheann fhaicinn ag atharrachadh ann an ainm agus ann an cruth – bho CTG gu CCG gu SMG gu MG ALBA agus a chuid chumhachdan neartachadh tro Achdan Craolaidh agus Conaltraidh – agus tha e air a bhith mìorbhaileach dha fhaicinn a’ fàs.

Dè a tha a’ còrdadh riut mu d ‘obair?

‘S e a bhith a’ faicinn BBC ALBA dha chur air bhog am pìos as fheàrr. Na mo dhreuchd ùr mar Manaidsear Gàidhlig & Ghoireasan, feumaidh mi dèanamh cinnteach gu bheil cleachdadh na Gàidhlig cho math ‘s as urrainn agus gu bheil dàta air a stòradh ann an àite freagarrach far am faigh luchd-obrach agus buill thuige.

Mairi Anna NicAonghais