Air Ais
Tasglann Litrichean Naidheachd
Litir Naidheachd Màrt 2009
A chàirdean |
Fèis nam Meadhanan Ceilteach
Bidh Fèis nam Meadhanan Ceilteach sa Chuimrigh am bliadhna, ann an Caernarfon. Is e seo an 30mh bliadhna den Fhèis agus tha sinn an dòchas gur e fèis shoirbheachail a bhios ann airson MG ALBA agus BBC ALBA. Bidh grunn phrògraman BBC ALBA shuas airson duais eadar 25mh agus 27mh den Mhàrt, agus nam measg tha Air an Rathad le Eyeline Media, sam faic sinn Fiona NicChoinnich againn fhìn, agus Ann am Bàta, nam Aonar le Moja TV, a’ leantainn Niall Iain Dhòmhnallaich ag iomradh tarsainn air a’ Chuan Sgith airson airgead a thogail dhan RNLI agus Comann Slàint’ Inntinn nan Eileanan Siar.

Tha duais san amhairc airson idents BBC ALBA cuideachd (ann an Gàidhlig làitheil, tha “idents” a’ ciallachadh na criomagan beaga a chì thu eadar na prògraman, leis na h-ìomhaighean a’ gluasad agus solais sna teantaichean). Cuideachd air an liosta tha An Là, Dè a-Nis?, A’ Chuirm, agus Second Sight, a rinn Alison McAlpine à Canada mu sgeulachdan agus seanchas Dhòmhnaill Angaidh MhicIlleathain. Chithear an liosta slàn aig www.celticmediafestival.co.uk/shortlist.
![]() |
Craicte mun bhall-coise
Football fans will be glued to BBC ALBA every weekend this month, with SPL games every weekend, and live SFL coverage on Sunday 22nd March. Be sure to tune in.
| SPL: St Mirren v Aberdeen | Disathairne 07 Màrt | 20.00 |
| SPL: Motherwell v Dundee United | Disathairne 14 Màrt | 20.00 |
| SPL: Hibs v Aberdeen | Disathairne 21 Màrt | 20.00 |
| SFL – Beò! Partick Thistle v Dundee | Didòmhnaich 22 Màrt | 15.10 |
Cuieachd air faire
Bidh Cathy air ais le barrachd agallamhan le daoine ainmeil eadar seo is deireadh a’ mhìos. Sna seachdainean a tha romhainn bidh i a’ bruidhinn ri Aileen McGlynn a bha sna Paralympics, ri dràibhear ainmeil Sir Jackie Stewart agus ri Leon Jackson às an X Factor. Coimhead air BBC ALBA gach oidhche Luain bho 10f airson èisteachd ri Cathy ’s a h-aoighean.
| Sinne is Alba | Diardaoin 05 Màrt | 21.00 | Sreath ùr a’ coimhead air na diofar cultaran is coimhearsnachdan ann an Alba an-diugh, a’ tòiseachadh leis na Sìonaich |
| Cuide ri Cathy | Diluain 09 Màrt | 22.00 | Cathy a’ tachairt ri Aileen McGlynn, lùth-chleasaiche nam Paralympics |
| Dè a-Nis? | Diciadain 11 Màrt | 18.00 | Am prògram mu dheireadh san t-sreath seo |
| Cuide ri Cathy | Diluain16 Màrt | 22.00 | Cathy a’ bruidhinn ris an dràibhear ainmeil Sir Jackie Stewart |
| Sasta | Diciadain 18 Màrt | 18.30 | Ealan is beò-dhealbhan airson dhaoine òga ann an sreath sgoinneil ùr |
| Cuide ri Cathy | Diluain 30 Màrt | 22.00 | Cathy a’ faighinn a-mach mun X Factor aig Leon Jackson |
Cum sùil air www.mgalba.com agus www.bbcalba.co.uk airson a’ chlàr-phrògraman, agus cuimhnich gum faigh thu BBC ALBA air Sky 168 agus Freesat 110. Agus ma tha thu air prògraman a chall, leithid Turas a’ Bhradain, agallamh Alex Norton le Cathy, no Ailig Dòmhnallach ann an Taisdealach na bu tràithe san t-seachdain, gheibh thu cothrom eile coimhead orra agus air prògraman eile a bha air BBC ALBA air-loidhne aig www.bbc.co.uk/iplayer.
A’ cur eòlas air … Michelle Mhoireasdan Tha thu air ùr tighinn gu MG ALBA. Dè rinn thu ron an seo? Innis dhuinn mun obair agad aig MG ALBA
|
Tha BBC ALBA air Sky 168 is Freesat 110.
Is e co-bhanntachd eadar am MG ALBA agus am BBC a th’ ann am BBC ALBA.