Air Ais
Tasglann Litrichean Naidheachd
Litir Naidheachd Màrt 2010
A chàirdean,
Chuala sinn an t-seachdain seo gum bi Urras a’ BhBC a’ sìneadh a-mach an sgrùdaidh air BBC ALBA airson beagan mìosan eile mus tig iad gu co-dhùnadh air Freeview airson an t-sianail.
Cha bu chòir buaidh a bhith aig an seo air clàr-ama airson Freeview, agus bidh MG ALBA agus ar com-pàirtichean aig a’ BhBC ag obair airson BBC ALBA a thoirt thugaibh air Freeview as t-fhoghar 2010.
Suas gu 25 Cèitean 2010, bidh Urras a’ BhBC a’ sireadh bheachdan air an roi-innleachd aig a’ BhBC airson an àm ri teachd, agus tha sinn a’ moladh gun sgrìobh sibh chun an Urrais le ur beachdan, airson dèanamh cinnteach gum faigh daoine air feadh Alba cothrom BBC ALBA fhaicinn. Tha fiosrachadh aig www.bbc.co.uk/bbctrust
Tha clàr phrògraman uabhasach inntinneach aig BBC ALBA sna seachdainean a tha romhainn, le sreath ùr, Talamh Tròcair, mu dheidhinn airceòlas, agus tòrr spòrs. Tha barrachd mu dheidhinn seo nas fhaide air adhart.
Gheibh sibh fiosrachadh cuideachd mu dheidhinn Fèis nam Meadhanan Ceilteach agus mu chothroman airson sgrìobhadairean telebhisein aig Oilthigh Chaledonian, agus thèid sinn air cùl a’ chamara airson agallamh le Annette Kerr, manaidsear nan stiùideothan againn san Eilean Sgitheanach.
Cuimhnichibh gum faigh sibh fiosrachadh mu dheidhinn obair MG ALBA agus prògraman BBC ALBA aig www.mgalba.com.
Le dùrachd,
Dòmhnall Caimbeul
Àrd Oifigear
BBC ALBA: Làn spòrs
An ath-oidhche St Johnstone v Rangers “mar bheò”, Dimàirt 30 Màrt aig 22.00
Cùm sùil air BBC ALBA airson:

Sna seachdainean a tha romhainn tha sinn an dòchas gum bidh naidheachdan eile againn mu dheidhinn rugbaidh, camanachd agus “play-offs” an SFL. Cùm sùil air www.mgalba.com airson an fhiosrachaidh as ùire.
Fèis nam Meadhanan Ceilteach 2010

Tha sinn a’ cur meal-an-naidheachd air riochdairean nam prògraman a tha air a’ gheàrr-liosta airson duais aig an Fhèis, a bhios ga cumail ann am Bàil’ an Iubhair (Newry) am bliadhna. Am measg nam prògraman seo tha:
Bidh muinntir MG ALBA an làthair airson coinneachadh ri ar co-obraichean às a’ Chuimrigh ’s à Èireann, còmhla ri oileanaich a tha ag ionnsachadh sgilean craolaidh agus daoine òga a tha a’ tòiseachadh sa ghnìomhachas.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh agus na geàrr-liostaichean air fad aig www.celticmediafestival.co.uk
WITBN
Bha craoladh nam mion-chànanan air feadh na cruinne san amhairc aig co-labhairt WITBN (World Indigenous Television Broadcasting Network).
Thàinig craoladairean à còrr is dusan dùthchannan còmhla ann an Taiwan airson ionnsachadh mu na dòighean sam bi iad a’ frithealadh air mion-choimhearsnachdan sna sgìrean aca agus airson lìonraidhean “News Exchange” agus “Programme Exchange” a neartachadh agus a leudachadh.
Lean an ceangal seo gu Facebook airson Dealbhan bho WITBC 2010 fhaicinn.
Sgrìobhadh airson Telebhisean
Tha Oilthigh Ghlaschu Caledonian a’ ruith cùrsa MA air sgrìobhadh airson telebhisean, agus tha cothroman na lùib airson sgrìobhadairean le Gàidhlig. Mairidh an cùrsa fad bliadhna, a’ tòiseachadh san t-Sultain, agus gheibh na h-oileanaich cothrom a bhith ag obair còmhla ri sgioba sgriobhaidh air prògraman dràma.
Tha MG ALBA a’ maoineachadh bursaraidh slàn airson dithis a tha airson a bhith nan sgrìobhadairean telebhisean proifeiseanta . Feumaidh iad a bhith fileanta sa Ghàidhlig.
Is e 23 Giblean 2010 an ceann-là airson iarrtasan bursaraidh. Faic www.tvfictionwriting.com airson barrachd mun chùrsa.
Prògraman ùra air faire
Sreathan ùra a’ tòiseachadh air BBC ALBA a dh’aithghearr:

Faic www.mgalba.com airson barrachd mu na tachartasan agus na naidheachdan as ùire againn.
|
A’ cur eòlas air . . . Annette Kerr Dè rinn thu mus tàinig thu gu MG ALBA? Fhuair mi obair aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 1992 nuair a thòisich ‘Speaking Our Language’. As dèidh sin, bha mi ag obair airson Tosg agus airson Lèirsinn, agus thàinig mi dhan obair seo ann an 2009. Dè bhios tu a’ deanamh san obair agad? Bidh mi a’ sanasachadh nan goireasan againn do chompanaidhean riochdachaidh agus a’ cumail taic riutha nuair a thig iad ann. Tha mi ag iarraidh gum faigh iad a h-uile goireas a tha a dhìth orra fhad ’s a tha iad aig stiùideothan Fàs agus gun còrd e riutha a bhith ag obair san Eilean Sgitheanach. Dè tha air cùl d’ ùidh ann an craoladh? Aig Lèirsinn bha mi a’ rannsachadh phrògraman Gàidhlig agus dè bha a’ cordadh ri luchd-amhairc, agus dh’fhàs m’ uidh ann an riochdachadh às an sin. An an 2008 rinn mi film goirid aithriseach airson FilmG agus chòrd e rium a bhith air cùl a’ chamara agus an sàs anns an deasachadh, agus bha mi air mo dhòigh nuair a fhuair am film agam troimhe dhan gheàrr-liosta airson duais. |
|
|
Lean an ceangal seo gu làrach-lìn Fàs far am faigh sibh tuilleadh fiosrachadh mun stiùideo far a bheil Annette ag obair. |
|