GàidhligEnglish

Open letter from MG ALBA Litir fhosgailte bho MG ALBA

 

17th June 2016

 

A chàirdean chòir

This is an important time for broadcasting, particularly for Gaelic, because the BBC’s new Royal Charter, which will last 11 years, is currently being written.

MG ALBA believes that the BBC should invest more in the channel in order that a more complete service can be delivered, with fewer repeats. Currently the schedule is 74% reliant on repeats.

We are therefore seeking your help again, to ensure that there are meaningful commitments in the Charter documents on the BBC’s commitment to BBC ALBA. There will not be another Charter until 2028.

MG ALBA believes that the BBC should contribute the same level of original programming to BBC ALBA as it does for the Welsh channel S4C (which has five times’ the BBC ALBA budget). That is 10 hours per week - around a doubling of what the BBC currently makes for the channel. It is not an unreasonable request.

Would you please write to the BBC to demonstrate that there is a desire for a fairer deal for BBC ALBA? If we do not raise our voices, then we will not get the commitments we seek.

Please write to the Director General of the BBC, Tony Hall, at tony.hall@bbc.co.uk and to the Chair of the BBC Trust, on trust.enquiries@bbc.co.uk. Please write before the 15th July 2016, because we have an event in London the following week and we can then demonstrate to the BBC and to politicians that the BBC ALBA audience deserves more, and wants more. Alongside this letter you will find an infographic on our ask.

We are very grateful for your support. If you have any questions please do not hesitate to get in touch.

Le gach deagh dhùrachd

DONALD CAMPBELL
CHIEF EXECUTIVE

 

English infographic

 

 

17 Ògmhios 2016

 

A chàirdean chòir

’S e àm cudromach a tha seo do chraoladh, agus do Ghàidhlig gu seach àraid, oir tha Cairt Rìoghail ùr a’ BhBC, a mhaireas aona-bhliadhna-deug, ga sgrìobhadh an-dràsta.

Tha MG ALBA am beachd gum bu chòir dhan BhBC a bhith a’ cur barrachd dhan t-seanail, gus an tèid againn seirbheis nas treasa a lìbhrigeadh, le nas lugha de dh’ath-chraolaidhean. An-dràsta tha an clàr 74% an urra ri ath-chraolaidhean.

Ri linn sin, tha sinn a’ sireadh ur taic a-rithist, airson dèanamh cinnteach gum bi geallaidhean brìghmhor ann am pàipearan a’ Chairt mu na tha am BBC dol a chur ri BBC ALBA. Cha bhi Cairt eile ann gu 2028.

Tha MG ALBA am beachd gum bu chòir an aon ìre de phrògraman ùra a bhith air an dèanamh leis a’ BhBC airson na seanail ‘s a tha am BBC a’ dèanamh airson na seanail Chuimreach, S4C (aig a bheil buidseat còig uiread nas motha na BBC ALBA). ’S e sin 10 uairean a thìde gach seachdain - mu dhùblachadh anns na tha am BBC a’ dèanamh dhan t-seanail an-dràsta. Chan e iarrtas mòr a th’ ann.

Am biodh sibh cho math agus gun sgrìobhadh sibh chun BhBC gus dearbhadh gu bheil iarrtas ann airson còrdadh nas cothromaiche do BhBC ALBA? Mur a tog sinn ar guth, tha droch theansa ann gu faigh sinn na geallaidhean a tha sinn a’ sireadh.

Sgrìobhaibh gu Ceannard a’ BhBC, Tony Hall, air tony.hall@bbc.co.uk agus gu Cathraiche Urras a’ BhBC, Rona Fairhead, air trust.enquiries@bbc.co.uk.

Sgrìobhaibh ro 15 Iuchar 2016, oir tha tachartas gu bhi againn ann an Lunnainn an t-seachdain às dèidh sin, agus thèid againn dearbhadh gu ceannardan a’ BhBC agus luchd- poilitigs gu bheil luchd-coimhid BBC ALBA airidh air barrachd, agus ag iarraidh barrachd.

An cois na litreach seo tha dealbh-mìneachaidh mu ar n-iarrtas.

Tha sinn nur comain airson ur taic. Ma tha ceistean agaibh cuiribh fios thugainn.

Le gach deagh dhùrachd

DÒMHNALL CAIMBEUL
ÀRD-OIFIGEAR, MG ALBA

 

Gaelic infographic

 

The next charter is being written now

Tha an ath chairt ga sgrìobhadh an-dràsta

Join us in making clear to the BBC that the BBC ALBA audience deserves a fairer deal.

Write to the Director General of the BBC, Tony Hall, at tony.hall@bbc.co.uk and the Chair of the BBC Trust, Rona Fairhead at trust.enquiries@bbc.co.uk.

Please write before 15th July 2016, and make your voice heard. There won’t be another BBC charter until 2028.

Thig cuide rinn ann a bhith dha dhèanamh soilleir don BhBC gu bheil luchd-amhairc BBC ALBA airidh air còrdadh nas cothromaiche.

Sgrìobhaibh gu Ceannard a’ BhBC, Tony Hall, aig tony.hall@bbc.co.uk, agus gu Cathraiche Urras a’ BhBC, Rona Fairhead at trust.enquiries@bbc.co.uk.

Sgrìobhaibh ro 15 Iuchar 2016 agus dèanaibh ur beachd follaiseach. Cha bhi cairt a’ BhBC air ùrachadh a-rithist gu 2028.