GàidhligEnglish

Open letter from MG ALBA Litir fhosgailte bho MG ALBA

 

A chàirdean chòir

Open Letter from MG ALBA

Two months ago, we asked for your help in securing a better BBC service for you.

Although BBC ALBA and BBC Radio nan Gàidheal are successful, we at MG ALBA want them to be even better for you.

In October, we shared our message that we believe the BBC should do more in order to provide a more complete service on BBC ALBA.

Many of you helped us in making that argument clear to the UK Government through its consultation on the BBC Royal Charter. We also had the opportunity to make the case at the House of Commons’ Select Committee on Culture, Media and Sport. We are grateful to every individual and organisation who took the time to make the case for more investment from the BBC. Many thanks to you all.

We now know that we will not receive £1m from the UK Government as we have in the past two years. We continue to make arguments for increased investment however, and we are writing to ask if you might help us again make the case for stronger services for you.

Separately from the consultation on the BBC’s Royal Charter, the BBC Trust has started a review of BBC ALBA and BBC Radio nan Gàidheal (among others). This type of review is undertaken every five years and is open to everyone. We will be making the same case that we made to the UK Government, i.e.:

  • - that we seek the provision of at least 10 hours of new programming per week from the BBC, rather than the 4.4 currently provided.

We seek this because we believe the current under-investment causes:

  • - the BBC ALBA schedule to be over-reliant on repeats;

  • - a lack of weekend news programming;

  • - a lack of originations for children and young people; and

  • - gaps in provision of comedy, entertainment and programmes for learners.


We would be grateful if you might consider helping us again: please write to the BBC Trust and tell them that you, as our audience, deserve a more complete service, and that therefore more investment is required from the BBC for BBC ALBA and BBC Radio nan Gàidheal.

You will find out how to submit your views here. The review closes on 31/1/16.

If you have any questions, please get in touch.

With your help, we can make the argument together for stronger BBC services for Gaelic speakers.

Le gach deagh dhùrachd

DONALD CAMPBELL
CHIEF EXECUTIVE

 

A chàirdean chòir

Litir fhosgailte bho MG ALBA

O chionn dà mhìos, dh’iarr sinn oirbh ar cuideachadh seirbheis nas coileanta fhaighinn dhuibh.

Oir ged a tha BBC ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal soirbheachail, tha sinn aig MG ALBA ag iarraidh gum bi iad nas fheàrr buileach dhuibh.

San Dàmhair, sgaoil sinn an teachdaireachd againn gu bheil sinn am beachd gu bheil barrachd a dhìth bhon BhBC airson ’s gum bi seirbheis nas coileanta ga thabhann le BBC ALBA.

Chuidich mòran agaibh ann a bhith a’ dèanamh na h-argamaid sin soilleir do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte tron cho-chomhairle mu ùrachadh Cairt Rìoghail a’ BhBC, agus fhuair sinn fhèin ar cothrom mu choinneimh Comataidh Taigh nan Cumantan air Cultar, Meadhanan agus Spòrs. Tha sinn gu mòr an comain gach neach is buidheann a chuir ùine seachad a’ dèanamh argamaid airson barrachd sheilbheachd bhon BhBC. Ceud mìle taing dhuibh uile.

Tha fios a-nis nach fhaighear an £1m bho Riaghaltas na RA mar a fhuair san dà bhliadhna mu dheireadh. A dh’aindeoin seo, leanaidh sinn le ar n-argamaidean airson an tuilleadh sheilbheachd agus tha sinn a’ sgrìobhadh thugaibh faic am biodh sibh cho math agus ar cuideachadh a-rithist ann a bhith a’ dèanamh argamaidean airson seirbheisean nas treasa dhuibh.

Fa leth bho cho-chomhairle mu chairt rìoghail a’ BhBC, tha Urras a’ BhBC air tòiseachadh air sgrùdadh air BBC ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal (am measg eile). Bidh iad a’ dèanamh sgrùdadh mar seo gach 5 bliadhna. Tha e fosgailte do dhuine sam bith na beachdan aca a chuir a steach dhan Urras mu na seirbheisean. ’S e an aon theachdaireachd a bhios againn is a bh’ againn ri Riaghaltas na RA, ’s e sin:

  • - gu bheil sinn ag iarraidh gun tèid 10 uair a thìde de phrògraman ùra a chuir gu ruige na seanail gach seachdain leis a’ BhBC, seach 4.4 mar a th’ ann an-dràsta.

’S e sin ar n-iarrtas oir tha sinn am beachd gu bheil cion-sheilbheachd a’ ciallachadh:

  • - gu bheil clàr BBC ALBA cus an urra ri ath-chraolaidhean;

  • - nach eil naidheachdan air na deireadh sheachdainean mar is còir;

  • - gu bheil cion nuadh phrògraman ann do chloinn agus do dhaoine òga; agus

  • - gu bheil beàrnan ann a thaobh comadaidh, dibhearsain, agus prògraman airson luchd-ionnsachaidh.


Bhiodh sinn gu mòr nur comain nam b’ urrainn dhuibh ar cuideachadh a-rithist: am biodh sibh cho math agus sgrìobhadh gu Urras a’ BhBC gus innse dhaibh gu bheil sibhse cuideachd am beachd gu bheil seirbheis nas coileanta a dhìth, agus ri linn sin, gu bheil barrachd sheilbheachd a dhìth bhon BhBC airson BBC ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal?

An seo, gheibh sibh fios mu ciamar a chuireas sibh beachdan a-staigh. Tha an sgrùdadh a’ dùnadh air 31/1/16.

Ma tha ceistean sam bith agaibh cuiribh fios thugainn.

Le ur taic, thèid againn argamaid a dhèanamh còmhla airson seirbheisean nas treasa do luchd-cleachdaidh na Gàidhlig.

Le gach deagh dhùrachd

DÒMHNALL CAIMBEUL
ÀRD-OIFIGEAR

BBC Trust Public Consultation

Co-chomhairle Phoblach Urras a’ BhBC

 

BBC Trust Review

 

 

Lèirmheas Urras a’ BhBC

 

Contact Us

Fios thugainn

MG ALBA
Seaforth Road
Stornoway
Isle Of Lewis
HS1 2SD

fios@mgalba.com
01851 705550