GàidhligEnglish

Open letter from MG ALBA,
partner in BBC ALBA
Litir fhosgailte bho MG ALBA,
com-pàirtiche ann am BBC ALBA

 

A chàirdean chòir

We write to ask you for your help.

BBC ALBA and BBC Radio nan Gàidheal have been successful, but we want them to be even better for you. In order to achieve that, we ask that you help us in persuading the UK Government, and the BBC, that BBC ALBA would deliver even more for its audiences with more investment.

BBC ALBA has on average over 700,000 weekly reach in Scotland and over 100,000 BBC iPlayer views each week. Between 1 and 2% of the Scottish population speak, write or read Gaelic, and yet the channel reaches on average between 16% and 17% of viewers each week in Scotland, and 70% of Gaelic users.

That is a record MG ALBA believes it can build on.

MG ALBA seeks to deliver a comprehensive service for Gaelic users. It has always been the ambition to deliver 3 hours of original programming per day on BBC ALBA, in order to provide such a full service in the medium of Gaelic. On current funding, only 1.7 hours of originations, including News, are possible.

This creates a repeat rate of 73%.

As well as too many repeats, this lack of funding means that we cannot serve our audiences in the way that we would seek: for example, there is no weekend news available in Gaelic, there is a significant lack of original programmes for children and young people, and there are major gaps in comedy, entertainment and programming for learners. These are substantial shortcomings.

The BBC’s Royal Charter is currently being reviewed by the UK government. This will set out the BBC’s obligations for the next ten years, under a new charter.

MG ALBA will ask for the BBC to increase its investment in BBC ALBA as part of this process. We would like your support. We ask that you also request increased investment into BBC ALBA, so that, together, we might achieve a better service.

We will specifically ask that the BBC makes 10 hours of high quality programmes per week made for BBC ALBA (compared to 4.4 hours at the moment). This will match the in-house programming contribution the BBC currently makes to Welsh language broadcaster S4C.

A stronger BBC ALBA would help address the lack of new and original programming such as weekend news, children’s programming and young people’s content, as well as comedy, entertainment and learning content. It would significantly increase the linguistic benefits of the channel directly, and strengthen the contribution the channel already makes to the growth of Scotland’s independent production sector. It would also strengthen the contribution the channel makes to the normalisation of Gaelic and Gaelic culture in mainstream Scottish society. To do this, the channel must retain a strong appeal to national audiences as well as the core audience. It must create social and cultural value for those who do not speak Gaelic, and by doing so, act to attract potential new learners and new participants in Gaelic medium education.

Please join us in persuading the UK government and the BBC of the case for more investment for BBC ALBA for a full service for our audiences.

The UK Government wishes to hear your views on its Green Paper by 8 October and the BBC Trust has a separate set of consultations which close between 9 October and 20 November.

Le gach deagh dhùrachd

DONALD CAMPBELL
CHIEF EXECUTIVE

 

A chàirdean chòir

Tha sinn a’ sgrìobhadh thugaibh a’ sireadh ur taic.

Tha BBC ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal air a bhith soirbheachail ach tha sinn ag iarraidh gum bi iad nas fheàrr buileach dhuibh. Gus sin a choileanadh, tha sinn a’ sireadh ur taic ann a bhith a’ cur ìmpidh air Riaghaltas na RA, agus am BBC, an tuilleadh sheilbheachd a chur gu ruige BBC ALBA a cheadaicheadh barrachd a lìbhrigeadh airson an luchd-amhairc.

Tha ruigse chuibheasach seachdaineach aig BBC ALBA de chòrr is 700,000 agus còrr is 100,000 sealladh gach seachdain air iPlayer a’ BhBC. Chan eil ach eadar 1 agus 2% de sluagh na h-Alba a’ bruidhinn, a’ sgrìobhadh no a’ leughadh Gàidhlig ach tha an t-seanail a’ ruighinn cuibheasachd eadar 16% agus 17% de luchd-amhairc gach seachdain ann an Alba, agus 70% de luchd-cleachdaidh na Gàidhlig.

Tha MG ALBA a’ làn chreidsinn gum b’ urrainn togail air na tha sin.

Tha MG ALBA a’ feuchainn ri seirbheis choileanta a lìbhrigeadh airson luchd-cleachdaidh na Gàidhlig. Tha e air a bhith na amas bho thùs 3 uairean a thìde de nuadh-phrògraman a lìbhrigeadh gach là air BBC ALBA, gus seirbheis choileanta a thoirt seachad tro mheadhan na Gàidhlig. Leis a’ mhaoineachadh a th’ ann an-dràsta, chan eil e comasach ach 1.7 uairean a thìde de nuadh-phrògraman, a’ gabhail a-steach Naidheachdan, a lìbhrigeadh.

Tha seo a’ ciallachadh ath-chraolaidhean aig ìre 73%.

A thuilleadh air cus ath-chraolaidhean, tha an cion maoineachaidh seo a’ ciallachadh nach urrainn dhuinn ar luchd-amhairc a fhrithealadh mar a bu mhiann: mar eisimpleir, chan eil seirbheis naidheachd air an deireadh sheachdain ri fhaighinn ann an Gàidhlig; tha cion nuadh phrògraman ann do chloinn agus do dhaoine òga agus tha uireasbhaidhean susbainteach ann an-dràsta ann an comadaidh, dibhearsain agus prògraman airson luchd-ionnsachaidh. Uireasbhaidhean susbainteach dha-rìribh.

Tha Cairt Rìoghail a’ BhBC an-dràsta fo lèirmheas le Riaghaltas na RA. Bidh seo a’ cur an cèill dleastanasan a’ BhBC airson nan deich bliadhna ri teachd, fo chairt ùir.

Bidh MG ALBA ag iarraidh air a’ BhBC gun tig meudachadh san t-seilbheachd aca ann am BBC ALBA mar phàirt den phròiseas seo. Tha sinn a’ sireadh ur taic le seo. Tha sinn cuideachd airson ’s gun iarr sibh an tuilleadh seilbheachd airson BBC ALBA, gus am bi e comasach dhuinn còmhla, seirbheis nas fheàrr fhaighinn.

Bidh sinn gu sònraichte ag iarraidh gun cruthaich am BBC 10 uairean a thìde de phrògraman de dh’àrd chàileachd (an coimeas ris na 4.4 uairean a thìde a th’ ann an-dràsta). Bidh seo co-ionann ris na prògraman in-thaigh a tha am BBC a’ cur gu ruige a’ chraoladair Cuimreach S4C.

Bhiodh BBC ALBA nas làidire a’ cuideachadh ann a bhith a’ leasachadh cion nuadh-phrògraman mar naidheachdan air an deireadh sheachdain, prògraman chloinne agus prògraman airson dhaoine òga a thuilleadh air comadaidh, dibhearsain agus stuthan ionnsachaidh. Bhiodh e a’ cur gu mòr ri feumalachdan cànain na seanail agus a’ neartachadh na tha an t-seanail a’ cur ri fàs an roinn riochdachaidh neo-eisimeilich ann an Alba. Bhiodh e cuideachd a’ neartachadh na tha an t-seanail a’ dèanamh gus Gàidhlig agus cultar na Gàidhlig a dhèanamh nas nàdarraich ann am beatha làitheil muinntir na h-Alba. Airson seo a dhèanamh, feumaidh an t-seanail leantainn oirre le bhith tarraingeach do luchd-amhairc nàiseanta a thuilleadh air a’ phrìomh luchd-amhairc, agus le bhith a’ dèanamh seo, luchd-ionnsachaidh ùra a thàladh an cuide ri com-pàirtichean ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Nach tig sibh còmhla rinn ann a bhith a’ cur ìmpidh air Riaghaltas na RA agus am BBC a bhith a’ cur an tuilleadh seilbheachd gu ruige BBC ALBA gus seirbheis choileanta a thairgse do ar luchd-amhairc.

Tha Riaghaltas na RA airson ur beachdan a chluinntinn air a’ Phàipear Uaine aca ro 8 Dàmhair agus tha sreath de cho-chomhairlean air leth aig Urras a’ BhBC a tha a’ dùnadh eadar 9 Dàmhair agus 20 Samhain.

Le gach deagh dhùrachd

DÒMHNALL CAIMBEUL
ÀRD-OIFIGEAR

MG ALBA Public Consultation Co-chomhairle Phoblach MG ALBA

A public consultation was undertaken by MG ALBA at the beginning of the year to gauge individual and community views as MG ALBA prepares its strategy for the coming years.

Read the MG ALBA Public Consultation report here

Chùm MG ALBA co-chomhairle phoblach aig tòiseach na bliadhna airson cothrom a thoirt do dhiofar choimhearsnachdan ann an Alba am beachdan a thoirt seachad air na tha fa-near do na meadhanan Gàidhlig san àm ri teachd.

Gheibhear aithisg Co-chomhairle Phoblach MG ALBA an seo

Contact Us

Fios thugainn

MG ALBA
Seaforth Road
Stornoway
Isle Of Lewis
HS1 2SD

fios@mgalba.com
01851 705550