GàidhligEnglish

News Naidheachdan

26 July 2011

BBC ALBA ANNOUNCES LINE UP OF LIVE COVERAGE FOR BELLADRUM FESTIVAL 2011

Texas, Deacon Blue, Guillemots and Kassidy, plus many more locally and internationally renowned bands and artists, will be shown live on BBC ALBA as the sold-out Belladrum Tartan Heart Festival gets television coverage for the first time.

Fiona MacKenzie and Niall Iain MacDonald

BBC ALBA is producing two special live two hour programmes, ‘BELLADRUM 2011: Cridhe Tartan’, from the picturesque surroundings of Belladrum Estate, by Beauly in Inverness-shire on Friday 5 and Saturday 6 August from 10pm till midnight.

BBC ALBA has secured the rights to cover the two headline acts, Texas and Deacon Blue live from the main stage on Friday and Saturday nights respectively.

Along with the headline acts, the festival package will allow viewers to enjoy performances from top bands from the main stage including the likes of Frank Turner, Little Comets, Vintage Trouble, Dangleberries, Guillemots, Eli Paperboy Reed to name but a few.

Some of the acoustic sessions that will be broadcast from the various festival stages include The River 68’s, Teddy Thompson, Kassidy, Roddy Woomble, Rachel Sermanni, Emeli Sande, Young Rebel Set and The Staves plus many more.

This is the first time in the festival’s eight year history that it will be televised and with BBC ALBA now available on Freeview it can be enjoyed by audiences throughout the whole of Scotland and with catch-up viewing via the BBC iPlayer.

Fiona MacKenzie and Niall Iain MacDonald

Popular Gaelic presenters Fiona MacKenzie and Niall Iain MacDonald will host the programmes representing music from all of the festival’s five stages with live coverage and highlights of the best of the rest from across the two day event, with a diverse mix of musical performances including acoustic sessions and many back stage interviews.

Margaret Cameron, channel editor of BBC ALBA, said: “Being the first Scottish Highland festival that Deacon Blue have ever played, it is absolutely fantastic that we will be able to provide live coverage for fans who have missed out on tickets and who can enjoy the best of the festival from home. Along with live coverage of Texas plus many more top bands, acoustic sessions and band interviews, our Friday and Saturday night programmes are sure to provide entertainment for all music lovers.”

BBC ALBA’s Belladrum programmes will be repeated on Thursday 11th August and Friday 12th August with both airing at 10pm until midnight.

26 Iuchar 2011

BBC ALBA AG AINMEACHADH AN TAGHADH DE THÀLANT BÈO BHO FHÈIS BELLADRUM 2011

Texas, Deacon Blue, Guillemots agus Kassidy, agus tòrr mòr eile de chòmhlain agus de dhaoine fa leth a tha ainmeil gu h-ionadail agus gu h-eadar-nàiseanta, a bhios air a shealltainn beò air BBC ALBA agus Fèis a’ Chridhe Tartan Bhelladruim – a tha gun ticead air fhàgail air a shon – agus a bhios air fhaicinn air an telebhisean airson a’ chiad uair.

Fiona NicCoinnich agus Niall Iain Dòmhnallach

Tha BBC ALBA a’ riochdachadh dà phrògram sònraichte beò dà uair a thìde, ‘BELLADRUM 2011: Cridhe Tartan’, às an t-suidheachadh àillidh air Oighreachd Bhelladrum, faisg air a’ Mhanachainn ann an Siorrachd Inbhir Nis air Dihaoine 5 agus Disathairne 6 Lùnastal bho 10f gu meadhan oidhche.

Tha BBC ALBA air na còirichean fhaighinn airson dà phrìomh chòmhlan a chraoladh, Texas agus Deacon Blue beò air a’ phrìomh stèidse air oidhche Dihaoine agus Disathairne.

Còmhla ris na prìomh chluichean, bidh prògram na fèise a’ leigeil le luchd-amhairc faicinn na còmhlain as cudromaiche a’ cluiche air a’ phrìomh stèidse leithid Frank Turner, Little Comets, Vintage Trouble, Dangleberries, Guillemots, Eli Paperboy Reed agus chan eil an sin ach beagan dhiubh.

Bidh cuid de na seiseanan acoustaig a bhithear a’ craoladh bho ghrunnan de stèidsichean na fèise a’ gabhail a-steach The River 68’s, Teddy Thompson, Kassidy, Roddy Woomble, Rachel Sermanni, Emeli Sande, Young Rebel Set agus The Staves agus iomadh fear eile.

Is e seo a’ chiad uair anns an ochd bliadhna de dh’eachdraidh na fèise a bhios i air a craoladh air telebhisean agus le BBC ALBA a-nis ri fhaotainn air Freeview faodaidh luchd-amhairc bho air feadh na h-Alba a mhealtainn agus fhaicinn an dèidh làimh tro BBC iPlayer.

Fiona NicCoinnich agus Niall Iain Dòmhnallach

Bidh na preseantairean Gàidhlig Fiona NicCoinnich agus Niall Iain Dòmhnallach air a bheil daoine dèidheil, a’ taisbeanadh nam prògraman a bhios a’ riochdachadh ceòl bho chòig stèidsichean na fèise, le cuid dheth beò agus na pàirtean as fheàrr den chòrr den luchd-com-pàirt bhon dà là a mhaireas an fhèis, le measgachadh de thachartasan ciùil a bhios a’ gabhail a-steach seiseanan acoustaig agus mòran agallamhan bho chùl nan stèids.

Thuirt Mairead Chamshron, deasaiche seanail BBC ALBA,: “Leis gur e seo a’ chiad fhèis air Gàidhealtachd na h-Alba aig an do chluich Deacon Blue, tha e dìreach mìorbhaileach gum bi e comasach dhuinn seo a lìbhrigeadh beò do luchd-leantainn nach d’ fhuair ticeadan agus a gheibh an cothrom na nithean as fheàrr bhon fhèis fhaicinn bhon dachaighean fhèin. Còmhla ri bhith a’ faicinn Texas a’ cluiche beò agus iomadh còmhlan ainmeil eile, seiseanan acoustaig agus agallamhan le còmhlain, bidh na prògraman air oidhche Dihaoine agus Disathairne cinnteach deagh chur-seachad a thabhann do dhaoine a tha dèidheil air ceòl.”

Bidh prògraman Bhelladrum air BBC ALBA air an ath-chraoladh air Diardaoin 11 mh Lùnastal agus Dihaoine 12mh Lùnastal, an dà oidhche aig 10f gu meadhan oidhche.


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman