GàidhligEnglish

News Naidheachdan

14 April 2011

MG ALBA CONGRATULATES BBC ALBA AWARD WIN AT CELTIC MEDIA FESTIVAL

MG ALBA, who work in partnership with the BBC to provide BBC ALBA are delighted with today’s news (Thursday 14 April) that one of the channel’s programmes has won an awards at this year’s Celtic Media Festival.

The Festival, which is taking place this week from Wednesday 13 – Friday 15 April in Stornoway, has grown in stature and importance and is now a multi-media international event celebrating the diversity and quality of work produced by the Celtic nations of today.

Seven of BBC ALBA’s programmes were shortlisted for awards across 19 different categories, with ‘Na h-Òganaich’ scooping the top award in the best factual entertainment category, beating off fierce competition from finalists from RTÉ and BBC Wales.

Produced by Alasdair MacLean of BBC Gàidhlig, the one hour long BBC ALBA documentary ‘Na h-Òganaich’ follows the immensely successful band Na h-Òganaich, who formed in the early 1970’s, as they return to the studio to record their first CD after a 35 year break.

alastair maclean

 

As the programme follows the recording process, we get to know band members Margaret, Donnie and Noel, and their new producer, former Simple Minds producer Mick MacNeil. We see a gulf growing between those of them who want to follow the band's 1970's idiom, and those who want to produce something more rooted in today's music. Relations deteriorate, and a climactic showdown ensues.

The band dominated the Gaelic music scene during the 70’s and influenced the next generation of Gaelic bands, including Runrig and Capercaille. Throughout the programme we hear from Calum MacDonald from Runrig, Karen Matheson and Donald Shaw from Capercaille and Alex Norton, who long before he started his beat on Taggart, toured North America as a stand-in Na h-Òganaich member.

Donnie MacLeod, band member of Na h-Òganaich, said: “We are absolutely delighted with this Celtic Media Festival award win and wish to provide our appreciation of the work done by Mick MacNeil and Alasdair MacLean, along with his production team, in producing this highly entertaining documentary.”
Alasdair Morrison, Chairman of MG ALBA said: “It is particularly pleasing that Na h-Òganaich has been recognised in winning best documentary in the factual entertainment category as documentaries and music are both key strands of our programme offering on BBC ALBA.

“The level of creative content produced by all Celtic nations involved in this year’s Celtic Media Festival is testament to the high calibre of talent available, which we should all be hugely proud of and congratulations go to Alasdair MacLean and his team at BBC Gàidhlig on this fantastic achievement.”

Na h-Òganaich will be broadcast again on BBC ALBA on Saturday 7th May at 9pm.

14 Giblean 2011

MG ALBA A’ CUR MEAL-AN-NAIDHEACHD AIR BBC ALBA AIRSON DUAIS A CHOSNADH AIG FÈIS NAM MEADHANAN CEILTEACH.

MG ALBA a tha ag obair ann an co-bhanntachd ris a’ BhBC gus BBC ALBA a lìbhrigeadh air leth toilichte le naidheachd an là an-diugh (Diardaoin 14 Giblean) gun do choisinn fear de phrògraman an t-seanail duais am bliadhna aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach.

Tha an Fhèis, a tha a’ gabhail àite an t-seachdain seo eadar Diciadain 13 – Dihaoine 15 Giblean ann an Steòrnabhagh, air fàs ann an inbhe is cudromachd agus tha i a-nise na tachartas ioma-mheadhanach eadar-nàiseanta a tha a’ comharrachadh iomadachd is càileachd na h-obrach a tha air a riochdachadh leis na dùthchannan Ceilteach san là an-diugh

Chaidh seachd de phrògraman BBC ALBA an cur air geàrr liosta nan duaisean thar 19 gnè eadar-dhealaichte, agus fhuair ‘Na h-Òganaich’ am prìomh dhuais san earrann fèisteis fìrinneach a b’ fhèarr, an aghaidh farpais dhian bho fheadhainn san rang dheireannaich bho RTÉ agus BBC Wales.

Air a riochdachadh le Alasdair MacIlleathain bho BBC Gàidhlig, tha am prògram aithriseach uair a thìde a dh’fhaid aig BBC ALBA ‘Na h-Òganaich’ a’ leantainn a’ chòmhlain Na h-Òganaich a chaidh an stèidheachadh tràth sna 1970an, an uair a tha iad a’ tilleadh air ais dhan stiùideo a chlàradh an ciad CD an dèidh 35 bliadhna.

alasdir maclean

 

Fhad ’s a tha am prògram a’ leantainn a’ phròiseas clàraidh, tha sinn a’ cur eòlas air Màiread, Donaidh agus Noel, agus an riochdaire ùr aca a chleachd a bhith sa chòmhlan Simple Minds, Mick Macnèill. Tha sinn a’ faicinn strì a’ nochdadh eadar an fheadhainn a bha airson leantainn an dòigh a bha aig a’ chòmhlan sna 1970an, agus an fheadhainn a bha airson nòs ùr a chruthachadh a bha na b’ fhaisge air stoidhle ciùil an là an-diugh. Tha an càirdeas eatorra ann an cunnart agus cha mhòr nach eil iad a’ tighinn gu buillean aig a’ cheann thall.

Bha an còmhlan aig àrd ìre ann an saoghal ceòl Gàidhlig sna 70an agus bha buaidh aca air an ath ghinealach de bhuidhnean Gàidhlig leithid Runrig agus Capercaille. Tron prògram cluinnidh sinn bho Chalum Dòmhnallach bho Runrig, Karen Nicmhathain agus Dòmhnall Seathach bho Chapercaille agus Alex Norton, a bha na bhall sealach de Na h-Òganaich, fad mus robh e ann an Taggart, agus iad air chuairt ann an Ceann a Tuath Ameireaga.

Thuirt Donaidh Macleòid, a bha na bhall den chòmhlan, Na h-Òganaich: ‘Tha sinn air leth toilichte gun deach an duais seo a chosnadh aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach agus tha sinn airson moladh mòr a dhèanamh air an obair a rinn Mick Macnèill agus Alasdair Macilleathain, agus a sgioba riochdachaidh ann a bhith a’ riochdachadh a’ phrògraim aithriseach seo a tha na fhìor phrògram fhèisteil.”

Thuirt Alasdair Moireasdan, Cathraiche MG ALBA: “Tha e gu sònraichte taitneach gun deach aithneachadh a thoirt do Na h-Òganaich le bhith a’ cosnadh a’ prògraim aithriseach a b’ fhèarr san earrainn fèisteas fìrinneach oir tha prògraman aithriseach agus ceòl nam prìomh iallan de na prògraman a tha sinn a’ tabhann air BBC ALBA.

“Tha an ìre de shusbaint chruthachail a tha air a riochdachadh leis na dùthchannan Ceilteach air fad a tha an sàs ann an Fèis nam Meadhanan Ceilteach na bliadhna-sa, na dheagh theisteanas air an àrd chailibhear de thàlant a tha ri fhaotainn- às am bu chòir dhuinn a bhith a’ dèanamh uaill - agus feumaidh sinn meal-an-naidheachd a chur air Alasdair Macilleathain agus an sgioba aige aig BBC Gàidhlig air dhaibh an duais mhìorbhaileach a tha seo a chosnadh.”

Bidh Na h-Òganaich air a chraoladh a-rithist air BBC ALBA air Disathairn 7mh Cèitean aig 9f.


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman