GàidhligEnglish

News Naidheachdan

17 Samhain 2011

CLÀR NOLLAIG AGUS BLIADHN’ ÙR BBC ALBA

Dh’fhoillsich BBC ALBA clàr ùr de phrògraman na Nollaig agus na Bliadhn’ Ùire an-diugh (Diardaoin 17 Samhain). Tha pailteas ri fhaicinn airson daoine de gach aois le prògraman aithris, spòrs beò, ceòl agus prògraman chloinne. Bithear a’ toirt sùil air Kenny Dalglish, Patsy Cline agus Michelle MacManus agus spòrs gu leòr le RaboDirect PRO12 agus ball-coise bhon SPL.

Luchd-lìbhrigidh Cèilidh Oidhche Challainn air BBC ALBA (clì gu deas) Fiona NicChoinnich, Iain MacIlleMhìcheil agus Kirsteen NicDhòmhnaill

Bidh seirbheis na h-oidhche ron Nollaig a’ tighinn à Eaglais Cuimhneachaidh Mhàrtainn ann an Steòrnabhagh le Coisir Ghàidhlig a’ Bhac, Iseabail Anna Mhàrtainn, Donnie Murdo MacLeòid agus Anna Moireach. Cluinnear cuideachd luchd-ciùil à Sgoil MhicNeacail fo stiùir Chaluim Màrtainn.

Cuiribh fàilte air 2012 cuide ri BBC ALBA air Oidhche Challainn bho 11.30f ann an cuideachd Iain MacIlleMhìcheil agus Kirsteen NicDhòmhnaill a bhios ann an Talla Dhuisdeil. Cluinnear ceòl is òrain bho Manran, Julie Fowlis & Eamonn Doorly, Cairistìona Primrose & Art MacCarmaig is aoighean sònraichte eile. Bidh Fiona NicChoinnich a’ toirt thugainn craic gu leòr bho Taigh-sheinnse a’ Phrabain ann an Eilean Iarmain le ceòl bhon Angus Nicolson Trio.

Neach-lìbhrigidh Cèilidh Oidhche Challainn air BBC ALBA Fiona NicChoinnich le cuid den chòmhlan Ghàidhlig Mànran, Norrie MacÌomhair (deas) and Scott MacAoidh (clì)

Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Seirbheis airson BBC ALBA: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil beartas de phrògraman againn airson ar luchd-amhairc aig an àm sònraichte seo den bhliadhna agus seach gu bheil BBC ALBA a-nise ri fhaicinn air Freeview agus càbal tha cothrom aig gach dachaigh ann an Alba na prògraman fhaicinn. Bidh Cèilidh Oidhche Challainn cuideachd a’ dol a-mach air Radio nan Gàidheal agus ri faighinn air feadh an t-saoghail tro BBC iPlayer. Le sin bidh e comasach dhuinn a’ Bhliadhna Ùr a thoirt a- steach cuide ri ar luchd èisteachd is ar luchd-amhairc air feadh an t-saoghail!”

Seo cuid de na prògraman bho chlàr Nollaig BBC ALBA:

Ceòl

  • Cèilidh Òrain nam Pìobairean: cèilidh à Aonad Nàiseanta na Pìobaireachd ann an Glaschu a’ comharrachadh a’ chàirdeis eadar Gàidhlig agus ceòl na pìoba le Mànran, The Armagh Pipers Club à Èirinn, an seinneadair agus an sgrìobhaiche-ciùil à Èirinn Brian O' hEadhra, le Calum Stiùbhart agus Fiona NicChoinnich (an oidhche ron Nollaig, Disathairne 24 Dùbhlachd, 9f)
  • Horo Gheallaidh - Celtic Music Sessions: Luchd-ciùil ainmeil air an àrd ùrlair aig Fèis Celtic Connections. An t-seachdain seo Rachel Sermanni agus The Tannahill Weavers am measg eile (an oidhche ron Nollaig, Disathairne 24 Dùbhlachd, 10f
  • Celtic Connections: Uair-a-thìde de cheòl air leth bho Celtic Connections le Tom Jones a’ seinn cuid de na h-òrain bhon chlàr aige, The Creole Choir of Cuba. Cuideachd, Rachel Sermanni agus an còmhlan Ameireaganach, Furnace Mountain
  • Balaich Bhatarsaigh @ Na Barrowlands: Cèilidh gu math sònraichte bho Barrowlands Ghlaschu ann an cuideachd Balaich Bhatarsaigh. (Oidhche Challainn, Disathairne 31 Dùbhlachd, 9.30f)
  • An Ribheid Chiùil / Reed Music: Fiosrachadh mu saoghal inntinneach aon sheòrsa tràth de cheòl – ceòl na pìoba, sgeula na h-ionnsramaid agus nan (Diluain, 2 Faoilleach, 8.30f)

Prògraman-aithris

  • Is Mise Michelle MacManus: Tha an seinneadair agus an neach-aithris tbh Michelle MacManus a’ dèanamh a slighe chun na h-Eileanan Siar agus a’ cur eòlas air cànan, cultar agus òrain Ghàidhlig (Latha na Nollaig, Didòmhnaich 25 Dùbhlachd, 9f)
  • Na Caimbeulaich: Prògram aithriseach mu Chaimbeulaich na Grìob a tha air a bhith gu mòr an sàs ann an seinn Gàidhlig airson còrr air leth-cheud bliadhna (Là na Nollaig, DiDòmhnaich 25 Dùbhlachd, 10f)
  • Turas Tony: Mountain Rescue: Anns a’ phrògram Geamhraidh seo, chì sinn Tony Kearney a’ feuchainn obair ùr mar bhall de Sgioba Teasairginn a’ Mhonaidh Ruaidh. (Latha an dèidh na Nollaig, Diluain 26 Dùbhlachd, 9f)
  • King Kenny: Sgeulachd Dalglish: Air a’ bhliadhna seo chaidh Kenny Dalglish ainmeachadh aon uair eile mar mhanaidsear air sgioba Liverpool agus chuir e seachad cò-là-breith 60 bliadhna. Tha am prògram seo a’ coimhead air beatha an t-sàr chluicheadair agus air na ceanglaichean a tha eadar Kenny ’s a bhean Marina agus na h-Eileanan an Iar tro obair charthannais (Diciadain 28 Dùbhlachd, 9f)
  • Sweet Dreams – Sgeulachd Patsy Cline: Sgeulachd beatha Patsy Cline (1932 - 1963) air a h-innse tro dhealbh-chluich le cuid de na h-òrain as ainmeil aice (Dihaoine 30 Dùbhlachd, 9f)

Spòrs

  • RaboDirect PRO12 Rugby: rugbaidh beò le Glaschu agus Dun Èideann a’ farpais ann an PRO12 agus Cupa 1872 (Didòmhnaich 1 Faoilleach, 5.30f)
  • SPL : a’ leantainn tron Nollaig (Dundee Utd v Hibs, an oidhche ron Nollaig, Disathairne 24 Dùbhlachd, 5.30f / Hibs v Inverness CT, Diciadain 28 Dùbhlachd, 10f)
  • Spòrs na Bliadhna 2011: Sùil air ais air bliadhna de spòrs. Am measg eile sùil air Geamannan Eileanan na Cruinne agus sgiobaidhean Ghlaschu is Dhùn Èideann ann am farpais rugbaidh Eòrpach (an oidhche ron Nollaig, Disathairne 24 Dùbhlachd, 7.30f)

Prògraman chloinne

  • Leon sa Gheamhradh: Turas geamhraidh le Leon agus Molly. Tha bana-phrionnsa air a goid air falbh agus caraidean dlùth a’ tighinn ga saoradh. Sgeulachd Nollaig airson an teaghlach air fad (Latha na Nollaig, Didòmhnaich 25 Dùbhlachd, 5.05f)
  • Wallace & Gromit – Mallachd an Fhir-rabaide: A’ feuchainn ri inntinnean coineanaich atharrachadh, tha deuchainn-saidheans a’ dol ceàrr dha Wallace, a tha ga fhàgail fhèin a’ faireachdainn ‘curran’ neònach. Le fèill mhòr nan glasraich a’ gabhail àite ’s coineanach mi-nàdarra a’ dèanamh sgrios, tha e an urra ri Gromit cùisean a rèiteach. ((Latha na Nollaig, Didòmhnaich 25 Dùbhlachd, 5.35f)
  • Sgeulaiche: Sreath ùr de dhealbhan-beò sgrìobhte le cloinn, airson clann (Dihaoine 6 Faoilleach, 5.55f)

Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman