GàidhligEnglish

News Naidheachdan

18 February 2011

DAVID HAYMAN AND PETER MULLAN PRESENT NATIONAL GAELIC SCREEN AWARDS AS CULTURE MINISTER ANNOUNCES ADDITIONAL FUNDING FOR FILMG

MG ALBA, the Gaelic Media Service was celebrating tonight (Friday) at its annual Gaelic screen talent awards ceremony, as this year’s competition received a record number of entries and an outstanding calibre of screen productions.

The award ceremony was held at The Old Fruitmarket, Glasgow with guest presenters on the night including renowned actor David Hayman, Scottish actor and film-maker Peter Mullan and STV’s Sean Batty.

Peter Mullan and David Hayman

FilmG is MG ALBA’s online digital shorts competition and in its third year running, has unearthed a number of talented people showing great enthusiasm and aptitude for working in the Gaelic media industry.

This year’s FilmG theme was ‘Làmh an Uachdar’ which translates to ‘The Upper Hand’, and having received 71 entries from all over Scotland and beyond, competition was tight across all the awards in both the 12-17 age-group and the adult category.

On the night, Culture Minister Fiona Hyslop MSP confirmed the Scottish Government’s support for the project by announcing an additional £20,000 funding towards next year’s FilmG competition.

Culture Minister Fiona Hyslop MSP

Culture Minister, Fiona Hyslop said: “Research shows our investment in Gaelic is delivering economic benefits for the whole of Scotland. FilmG is making a valuable contribution to the success of our world-leading creative industries, by identifying and nurturing emerging film-making talent and offering training opportunities for Gaelic and non-Gaelic speakers alike.”

Alasdair Morrison, Chairman of MG ALBA, said: “We have been absolutely delighted at the success of FilmG over the first three years since it was launched. The quality of productions submitted in the competition has improved greatly year on year and we have been very encouraged by this year’s finalists, many of whom have shown some real sparkle.

“FilmG provides opportunities in the world of Gaelic digital media with some previous finalists going on to showcase their talents at film festivals around the world. This additional funding will allow FilmG to develop and take it to the next level for its fourth consecutive year, as we aim to reach untapped new film-making audiences both young and old through enhanced training resources.”

Also providing his support for FilmG, David Hayman commented at the award ceremony: “I believe the FilmG project is a very important and exciting initiative that enables people to express themselves through the medium of film. It has the capacity to develop creativity, teamwork, personal skills and management and production expertise.

“In particular it embraces the younger generations from our Gaelic speaking communities, strengthening and encouraging confidence in their rich and varied culture which is a vital part of the tapestry that is modern Scotland. I am proud to be part of it.”

All of this year’s winning films are available to view online at www.filmg.co.uk.

18 Gearran 2011

DAIBHIDH HAYMAN AGUS PEADAR MULLAN A’ PRESEANTADH DUAISEAN FILM NÀISEANTA NA GÀIDHLIG, AGUS MINISTEAR A’ CHULTAIR AG AINMEACHADH TUILLEADH MAOINEACHAIDH DO FILMG

Aig Cuirm bhliadhnail nan Duaisean airson Tàlant Filmeadaireachd, bha MG ALBA a-nochd (Dihaoine) a’ dèanamh subhachas ris an àireimh as motha de dh’fhilmichean a fhuair a’ cho-fharpais riamh agus cho math ’s a bha iad.

Chaidh cuirm dhuaisean a chumail aig The Old Fruitmarket, Glaschu agus aoighean na h-oidhche, an cleasaiche David Hayman, an cleasaiche is filmeadair Albannach, Peadar Mullan agus Seán Batty à STV ga preseantadh.

Peter Mullan agus David Hayman

Tha FilmG na cho-fharpais dhidseatach air-loidhne airson filmichean goirid aig MG ALBA, agus san treas bhliadhna aice, tha i air grunn dhaoine a thoirt am follais a tha air togradh mòr agus alt a nochdadh airson obair anns na meadhanan Gàidhlig.

B’ e “Làmh an Uachdar” cuspair FilmG na bliadhna-sa, agus leis gun d’fhuair iad 71 filmichean bho air feadh Alba agus bho thall thairis, nach ann a bha farpais theann anns an dà chuid, roinn nan inbheach agus an roinn aois 12-17.

Air an oidhche fhèin, dhearbh Ministear a’ Chultair, Fiona Hyslop BPA, taic riaghaltais airson a’ phròiseict le bhith ag ainmeachadh £20,000 de mhaoineachadh a bharrachd fa chomhair co-fharpais FilmG na h-ath-bhliadhna.

Ministear a’ Chultair, Fiona Hyslop BPA

Thuirt Ministear a’ Chultair, Fiona Hyslop: “Tha rannsachadh air nochdadh gu bheil buannachdan eaconamach ann do dh’Alba air fad leis an airgead a chuireas sinn an sealbh na Gàidhlig. Tha FilmG a’ cur gu mòr ri soirbheachas ar sàr ghnìomhachasan cruthachail, le bhith a’ comharrachadh ’s ag altram tàlant ùr filmeadaireachd agus a’ tabhann cothroman trèanaidh do mar aon, Gàidheil agus Goill.

Thuirt Cathraiche MG ALBA, Alasdair Moireasdan: “Tha sinn air a bhith fìor thoilichte mu shoirbheachas FilmG thairis nan trì bliadhna bhon a chuireadh air bhog e. Bliadhna air bhliadhna, tha na filmichean a’ sìor fhàs nas fheàrr agus tha sinn air ar misneachadh gu mòr leis na farpaisich dheireannach am-bliadhna, agus mòran dhiubh cho drilseach gleusta sa cho-fharpais.

“Tha FilmG a’ toirt chothroman ann an saoghal didseatach nam meadhanan Gàidhlig, agus cuid de na farpaisich dheireannach a’ taisbeanadh an cuid ealantais aig fèisean film air feadh na cruinne. Tha an tuilleadh maoineachaidh seo a’ leigeil le FilmG fàs, agus ga thoirt chun na h-ath ìre na cheathramh bhliadhna an dèidh a chèile; agus sinn an dùil a bhith a’ ruigsinn air filmeadairean ùra, sean is òg, le goireasan trèanaidh leasaichte.”

Bhruidhinn David Hayman aig cuirm nan duaisean, is esan cuideachd a’ cur a thaic ri FilmG: “Saoilidh mi gur e pròiseact cudromach agus inntinneach a th’ ann am FilmG, a bhios a’ toirt comas do dhaoine iad fhèin a chur an cèill tro mheadhan film. Gabhaidh cruthachas, obair sgioba, sgilean pearsanta agus ealantas stiùiridh agus riochdachaidh a leasachadh leis.

“Tha e gu h-àraidh a’ gabhail òigridh à coimhearsnachdan Gàidhlig fon achlais, gan neartachadh agus gam misneachadh nan cultar beairteach iom-fhillte a tha e fhèin na phàirt riatanach de chultar eadar-mheasgte Alba an latha an-diugh. Tha mi moiteil a bhith nam phàirt dheth.”

Chithear a h-uile film a bhuannaich am-bliadhna air-loidhne aig www.filmg.co.uk.


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman