GàidhligEnglish

News Naidheachdan

23 March 2013

STARS OF THE BIG SCREEN TURNED OUT TO PRESENT NATIONAL GAELIC FILM AWARDS

Stars of the big screen turned out in Glasgow last night (Friday, 22nd March) to present a number of awards at the fifth National Gaelic Film Awards ceremony.

MG ALBA, the Gaelic Media Service, was celebrating another successful FilmG competition, its prestigious Gaelic screen talent awards, which were held at The Arches, Glasgow.

Guest presenters at the event included renowned Scottish actors, Jayd Johnson, BAFTA winner 2012 for Field of Blood and former River City star, and Laura McMonagle who starred in ‘Ae fond Kiss’ and ‘The Wee Man’ this year alongside Martin Compston.

Also presenting awards were TV producer, presenter and actor, Tony Kearney, Sally Howitt of River City, Shane O’ Meara and Kirstie Steele, both of Waterloo Road, and acclaimed Director Michael Hines. A host of faces and voices from BBC ALBA were also in attendance, including Reporting Scotland presenter Alasdair Fraser and weather girl Kirsteen Macdonald.

Hosts on the night were Fiona MacKenzie, face of BBC ALBA, and Niall Iain Macdonald, TV & radio presenter.

This year’s competition theme was ‘Acras/Miann’ (Hunger/Desire) which inspired an array of new ideas for filmmakers in both the 12-17 age-group and the adult category, with a total of 62 films being submitted. Judges were particularly impressed with the quality of films in the 12-17 category with 42 entries being received and school pupils taking part from all across Scotland including Alness Academy and Dunoon Grammar School submitting films for the first time this year.

All winners are listed below, with all film entries in this year’s FilmG competition now available to view online at www.filmg.co.uk.

Actress Laura McMonagle said: “It was a great honour to attend and support the FilmG Awards this year. My boyfriend is a film director and it’s encouraging to see so much new talent being presented from up and coming generations. It’s very refreshing to see the Gaelic language and those learning it showcase their work in such a professional and creative style – it’s great for Scottish media and even better for Gaelic and its culture.”

Michael Hines, director and FilmG judge, said: “I am delighted to have been a judge for this year’s FilmG competition and it’s a great honour to present the People’s Choice Award at such a wonderful event, because after all - the people are the real judges of our work.”

Dr Alasdair Allan, Minister for Scotland’s Languages, said: “The quality of films this year has been incredible and it really shows the growing confidence and skill of those taking part. FilmG not only showcases the talent of young film makers, it offers those who have grown up speaking Gaelic and those learning the language the opportunity to work together to learn new skills that will allow them to challenge and express themselves.

“FilmG forms part of our investment in a range of projects that help keep the Gaelic language a sustainable and vibrant part of our culture. I am delighted to be a part of the awards once again and congratulate all of those who took part.”

Donald Campbell, Chief Executive of MG ALBA said: “This year’s FilmG has been very exciting with a number of budding film-makers and schools taking part for the first time. The quality of films continues to impress our judging panel year on year and we are encouraged by the enthusiasm for FilmG and the level of creative talent that it uncovers.

“We congratulate all award winners but would also like to extend our praise to everyone who took the time and effort to produce a short film for FilmG 2013. The calibre of entries was extremely high this year and we very much look forward to next year’s FilmG.”

FilmG has unearthed a wealth of creative talent since it was established five years ago, and was named Best Cultural Event at the 2012 Scottish Event Awards.

Entertainment on the night was provided by ‘Macanta’, offering an all original blend of Gaelic American and folk music with all songs being written by Dòl Eòin Mackinnon from the Isle of Harris who also took home three of the evening’s awards for his Music Video entry.

23 Màrt 2013

NA RIONNAGAN MÒRA, NAM MEASG JAYD JOHNSON AGUS LAURA McMONAGLE, A’ TOIRT SEACHAD DUAISEAN FILM NÀISEANTA NA GÀIDHLIG

Bha rionnagan mòra nam meadhanan a’ deàrrsadh ann an Glaschu a-nochd (Dihaoine 22 Màrt) airson duaisean a thoirt seachad aig a’ chòigeamh chuirm bhliadhnail airson duaisean film nàiseanta na Gàidhlig.

Chaidh FilmG, cuirm nan duaisean film, a chumail le MG ALBA, Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, ann an ionad Arches, Glaschu, an dèidh co-fharpais shoirbheachail eile.

Am measg nan aoighean a thug duaisean seachad bha an cleasaiche cliùiteach Albannach, Jayd Johnson, a choisinn duais BAFTA 2012 airson Field of Blood agus a chleachd a bhith ann an River City, agus Laura McMonagle a bha sna filmichean ‘Ae fond Kiss’ agus ‘The Wee Man’ le Martin Compston am bliadhna seo.

Cuideachd a’ toirt seachad duaisean bha an riochdaire telebhisein, neach-lìbhrigidh agus cleasaiche Tony Kearney, Sally Howitt bho River City, Shane O’ Meara agus Kirstie Steele bho Waterloo Road agus an Stiùiriche ainmeil Mìcheal Hines. Bha aodainn agus guthan bho BhBC ALBA cuideachd an làthair, nam measg neach-lìbhrigidh Reporting Scotland Alasdair Friseal agus Kirsteen NicDhòmhnaill a bhios a’ toirt thugainn an aimsir.

Os cionn chùisean airson na h-oidhche bha Fiona NicChoinnich, aodann BBC ALBA, agus Niall Iain Dòmhnallach, neach-lìbhrigidh telebhisein agus rèidio.

B’ e cuspair na bliadhna seo ‘Acras/Miann’ agus thàinig filmichean a-steach an dà chuid bho òigridh eadar 12 is 17 agus bho inbhich, le 62 a’ tighinn a-steach uile gu lèir. Bha na britheamhan gu h-àraidh toilichte le ìre nam filmichean a thàinig bhon òigridh le 42 film air a thighinn a-steach bho air feadh Alba, le Acadamaidh Alanais agus Àrd-sgoil Dhùn Omhain a’ cur a-steach filmichean airson a’ chiad uair.

Gheibhear liosta den fheadhainn a bhuannaich gu h-ìseal agus tha gach film ri fhaotainn air làrach-lìn FilmG www.filmg.co.uk

Thuirt an cleasaiche Laura McMonagle: “B’ e urram a bh’ ann a bhith an làthair agus a’ cur taic ri duaisean FilmG na bliadhna seo. Tha e na thlachd dhomh a bhith a’ faicinn uiread de thàlant a’ tighinn troimhe agus a’ faicinn Gàidhlig air a bhith air a cleachdadh ann an dòigh cho proifeasanta agus cruthachail agus tha seo a’ cur gu mòr ris na meadhanan ann an Alba agus ri Gàidhlig agus cultar”.

Thuirt Mìcheal Hines, stiùiriche agus britheamh FilmG: “Bha mi air leth toilichte a bhith na mo bhritheamh agus ’s e urram a th’ ann Duais Roinn an t-Sluaigh a thoirt seachd aig tachartas leithid seo”.

Thuirt Dr Alasdair Ailean, Ministear airson Cànanan Alba: “Tha FilmG a’ toirt cothrom dha daoine aig a bheil a’ Ghàidhlig agus aig nach eil airson sgilean ùra ionnsachadh agus misneachd fhaighinn ann an saoghal nam filmichean. Tha cuirmean leithid seo a’ taisbeanadh na chuireas filmichean Gàidhlig ri cultar na h-Alba, is na h-oidhirp cudromaich a bhios an luchd-film, ùr agus stèidhichte, a’ dèanamh gus daoine òga a bhrosnachadh agus tha mi airson meal a naidheachd a chuir orra air fad.”

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Tha e air bhith na thlachd a bhith a’ faicinn uiread de fhilmeadairean agus de sgoiltean a’ gabhail pàirt airson a’ chiad uair. Tha sinn air ar brosnachadh le na filmichean agus an ìre de thàlant a tha iad a’ toirt thugainn, agus tha britheamhan na bliadhna seo air a bhith air an glacadh le seo.

Tha sinn a’ cur meal a naidheachd orrasan a bhuannaich ach aig an aon àm a’ chomharrachadh gach duine a chuir a-steach airson FilmG 2013. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri feabhas filmichean na bliadhna seo fhaicinn aig co-fharpais FilmG na h ath bhliadhna”.

Bho thòisich FilmG o chionn còig bliadhna, tha e air tàlant air leth a lorg agus chaidh ainmeachadh mar an Tachartas Culturach as Fheàrr 2012 aig Duaisean Tachartasan Alba.

Bha ceòl agus òrain gu leòr air an oidhche cuideachd bhon chòmhlan ‘Macanta’. A thuilleadh air na h-òrain sin a sgrìobhadh ‘s a sheinn, thug Dòmhnall Eòghainn MacFhionghain às na Hearadh dhachaigh trì duaisean airson a’ Bhideo Ciùil aige.


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman