GàidhligEnglish

News Naidheachdan

17 December 2015

MG ALBA ANNOUNCES NEW STRATEGY TO 'TRANSFORM' GAELIC MEDIA IMPACT

MG ALBA today published a five-year strategic plan aimed at transforming the contribution of Gaelic media.

Key objectives of the plan include initiatives to effect a major step change in the involvement of young people in Gaelic media and to develop a wider range of learning platforms.

Partnerships with other Gaelic organisations are central to the new strategic plan. Maggie Cunningham, chair of MG ALBA, said it laid the foundations for a new era in Gaelic media.

MG ALBA operates BBC ALBA in partnership with the BBC and also LearnGaelic.net and FilmG, the Gaelic film competition.

"BBC ALBA is a relatively young but highly successful channel and is already a noted and accepted part of the Scottish broadcasting landscape", said Ms Cunningham.

"Although Gaelic is a minority language, BBC ALBA continues to reach a wide and diverse audience, including substantial numbers of people viewing online via the BBC iPlayer.

"With such a breadth of support, there is opportunity for growth despite the continuing challenges we face in relation to funding. We remain fully committed to exploring all options to ensure that funding is maximised in future years.

“BBC ALBA is a key component of Gaelic media, however it is not the only component. The success of the channel offers significant opportunities for MG ALBA to expand the impact of Gaelic media and the service they offer the core audience."

The MG ALBA media strategy will focus on strategic initiatives including:-

  • • Learning: creating new multi-platform learning content, building on the highly valuable asset that is LearnGaelic.scot.
  • • Children: new brands for pre-school and primary school age.
  • • Digital media: initiatives to encourage and embed user-generated content and to develop Gaelic writing for screen.

MG ALBA is partnering with Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Leabhraichean, Comunn na Gàidhlig, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig and Fèisean nan Gàidheal, as well as other organisations, on its initiatives.

Dr Alasdair Allan, Minister for Learning, Science and Scotland’s Languages, said:

“MG ALBA has quickly established itself as a distinctive voice in Scottish broadcasting and is at the forefront of efforts to support the Gaelic language community and its future generations.

“This strategy for Gaelic digital media is a welcome addition that will strengthen efforts further as we seek to empower our Gaelic community and secure a bright future for Gaelic.”

Donald Campbell, chief executive of MG ALBA, said: "The strategy delivers our assessment about how Gaelic media can best contribute to Gaelic revitalisation, and the steps required in order for that potential to be realised.

“It is clear that through partnership we have a unique opportunity to inspire and encourage the next generation through Gaelic and media. We have already seen how FilmG participants have used that competition as a springboard to not only enter the creative sector but also help build a positive image of Gaelic in modern Scotland.

“However, we cannot stand still. We need to further develop the assets at our disposal to ensure that Gaelic can continue to play a vibrant part in Scottish society but can also aid the education and skills of young people whilst helping to create economic value.

“We need to enact that strategy within the new digital age. With Census 2011 showing elements of growth in the proportion of young people speaking Gaelic, and other media data showing that this age group is the lowest consumer of TV content, it is essential that this demographic is self-motivated to create, share and enjoy their own media content in Gaelic.

“This area is arguably one of the most important elements of the digital future for Gaelic and yet it is one in which institutions such as MG ALBA must necessarily have a ‘light touch’ role in encouraging participation, in order to ensure that growth is authentic, sustainable and grassroots-led.”

MG ALBA announced its strategic plan following a year in which all elements of Gaelic media - BBC ALBA, LearnGaelic.net and FilmG - continued to perform strongly. MG ALBA said it was committed to ensuring that the channel’s success is aided by a drive to make Gaelic content available outside of Scotland.

Mr Campbell added: “We are ambitious for the growth of the Gaelic media supply sector. One aspect of our development strategy for the supply sector is internationalisation, whether it be exporting our own content or engaging in international co-productions.

“We are committed to working with other agencies to ensure we adopt the correct strategy for this aim. MG ALBA will seek to create partnerships with other broadcasters, UK and non-UK, to create both scale and different market opportunities that can aid everyone within Scotland’s creative industries.”

 

Leirsinn 2021

17 Dùbhlachd 2015

MG ALBA A’ FOILLSEACHADH RO-INNLEACHD ÙIR GUS CRUTH-ATHARRACHADH A THOIRT AIR BUAIDH NAM MEADHANAN GÀIDHLIG

Dh’fhoillsich MG ALBA an-diugh plana ro-innleachd còig bliadhna gus cruth-atharrachadh a thoirt air buaidh nam meadhanan Gàidhlig.

Am measg prìomh amasan a’ phlana tha iomairtean gus ceumannan-adhartais susbainteach a dhèanamh a thaobh mar a tha daoine òga an sàs anns na meadhanan Gàidhlig agus gus leasachadh a dhèanamh ann an raoin ùrlaran ionnsachaidh.

Tha com-pàirteachas le buidhnean Gàidhlig eile aig cridhe a’ phlana ro-innleachd ùir. Thuirt Magaidh Choineagan, cathraiche MG ALBA, gu robh e a’ cur bunait an sàs airson ama ùr anns na meadhanan Gàidhlig.

Tha MG ALBA a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC agus cuideachd LearnGaelic.net agus FilmG, farpais nam filmichean goirid Gàidhlig.

“’S i seanail an ìre mhath òg ach soirbheachail a tha ann am BBC ALBA, agus tha i mar-thà mar phàirt ainmeil agus gabhte de dh’àrainneachd craolaidh na h-Alba”, thuirt Magaidh Choineagan.

“Ged a tha Gàidhlig na mion-cànan, tha BBC ALBA a’ leantainn le bhith a’ ruigsinn luchd-amhairc farsaing agus iomadachd, nan luib àireamhan susbainteach de luchd-cleachdaidh a tha a’ coimhead air-loidhne tro iPlayer a’ BhBC.

“Le uiread de thaic, tha cothrom fàs ann a dh’aindheoin gach dùbhlan a tha romhainn mu mhaoineachadh. Tha sinn daingeann nar rùn a bhith a’ coimhead ri na roghainnean a th’ ann gus dèanamh cinnteach gu bheil maoineachadh aig an ìre as àirde sna bliadhnaichean air thoiseach.

“Tha BBC ALBA mar phàirt bhunaiteach de na meadhanan Gàidhlig, ach chan i an aon phàirt. Tha soirbheas na seanail a’ tabhann cothroman mòra do MG ALBA leudachadh a dhèanamh air buaidh nam meadhanan Gàidhlig agus an t-seirbheis a tha iad a’ tabhann do Ghàidheil.”

Cuiridh ro-innleachd MG ALBA airson nam meadhanan fòcas air iomairtean ro-innleachdail, nam measg:

  • • Ionnsachadh: a’ cruthachadh susbaint ùr ioma-ùrlair, a’ togail air an t-so-mhaoin luachmhor a tha ann an LearnGaelic.scot;
  • • Clann: branndan ùra airson aois ro-sgoile agus bun-sgoile;
  • • Na meadhanan didseatach: iomairtean gus brosnachadh agus daingneachadh a dhèanamh air na tha ann de shusbaint fèin chruthaichte agus gus sgrìobhadh sa Ghàidhlig airson sgrion a bhrosnachadh.

Tha MG ALBA ag obair ann an com-pàirteachas le Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Leabhraichean, Comunn na Gàidhlig, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig agus Fèisean nan Gàidheal, a thuilleadh air buidhnean eile, air an cuid iomairtean.

Thuirt an t-Oll Alasdair Ailean, am Ministear airson Ionnsachadh, Saidheans agus Cànain na h-Alba:

“Tha MG ALBA air iad fhèin a stèidheachadh mar ghuth làidir suaicheanta ann an saoghal craolaidh na h-Alba agus tha iad a’ treòrachadh iomairtean gus taic a thoirt don coimhearsnachd Gàidhlig agus do na ginealaichean ri thighinn.

“’S e gluasad a th’ anns an ro-innleachd seo airson nam meadhanan Gàidhlig air a bheil sinn a’ cur fàilte, ro-innleachd a neartaicheas oidhirpean aig an dearbh àm ’s a tha sinn a’ coimhead ri comas a thoirt do ar coimhearsnachd Gàidhlig gus àm ri teachd dhòchasach a glèidheadh.”

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Tha an ro-innleachd a’ cur an cèill ar beachd air ciamar as fheàrr a chuireas na meadhanan Gàidhlig ri ath-bheothachadh na Gàidhlig, agus na ceumannan a tha dha-rèir gus an comas sin a thoirt gu buil.

“Tha e follaiseach gu bheil cothrom sònraichte againn tro chom-pàirteachas spionnadh agus brosnachadh a thoirt don ath ghinealach tron Ghàidhlig agus tro na meadhanan. Tha sinn mu thràth air faicinn ciamar a tha luchd-cleachdaidh FilmG air a’ cho-fharpais a chleachdadh mar thoiseachd tòiseachaidh chan ann a-mhàin dorsan fhosgladh a-steach don roinn-obrach chruthachail ach cuideachd gus ìomhaigh làidir a thogail airson na Gàidhlig ann an Alba an latha-an-diugh.

“Ach chan urrainn dhuinn a bhith nar tàmh. Feumaidh sinn leasachadh a bharrachd a dhèanamh air an t-so-mhaoin a tha ri làimh gus dèanamh cinnteach gun lean a’ Ghàidhlig air adhart le bhith a’ cluich pàirt bheothail ann am beatha na h-Alba agus aig an aon àm a’ cur ri ionnsachadh agus sgilean dhaoine òga agus a’ cruthachadh luach eaconamach.

“Feumaidh sinn an ro-innleachd sin a chuir an cèill san linn ùr dhidseatach. Le Cunntas-sluaigh 2011 a’ comharrachadh eileamaidean de dh’fhàs anns a’ cho-rèir de dhaoine òga a tha a’ bruidhinn na Gàidhlig, agus fios bho mheadhanan eile a’ sealltainn gur e an aois seo as lugha a tha a’ coimhead TBH, tha e riatanach gu bheil an aois seo air fhèin-bhrosnachadh gus a bhith a’ cruthachadh, a’ co-roinn agus a’ mealtainn an cuid susbaint mheadhanan fhèin sa Ghàidhlig.

Dh’fhaodar a ràdh gur e an raon seo aon de na h-eileamaidean as cudromaich den àm ri teachd didseatach airson na Gàidhlig agus ’s e stiùir aotrom a tha a dhìth bho bhuidheann mar MG ALBA airson com-pàirteachadh a bhrosnachadh, gus dèanamh cinnteach gu bheil an fhàs dha-rìribh fìor, seasmhach agus a’ tighinn bho na coimhearsnachdan.”

Dh’fhoillsich MG ALBA am plana ro-innleachdail an dèidh bliadhna anns an do lean soirbheas gach pàirt de na meadhanan Gàidhlig – BBC ALBA, LearnGaelic.net agus FilmG. Thuirt MG ALBA gu robh iad dealasach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil soirbheachas na seanail air a neartachadh le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil susbaint nam meadhanan Gàidhlig cuideachd air a sgaoileadh taobh a-muigh na h-Alba.

Thuirt Mgr Chaimbeul cuideachd: “Tha sinn àrd-amasach airson fàs an roinn solair de na meadhanan Gàidhlig. Is e eadar-nàiseanachadh aon taobh de ar ro-innleachd leasachaidh airson na roinne, an dà thaobh a bhith ag às-mhalairt ar prògraman fhèin thall thairis no a’ gabhail pàirt ann an pròiseactan co-riochdachadh eadar-nàiseanta.

Obraichidh MG ALBA gu dlùth ann an com-pàirteachas le buidhnean eile gus dèanamh cinnteach gu bheileas a’ cur an ro-innleachd cheart an sàs airson an amas seo. Bidh MG ALBA ag amas air a bhith a’ stèidheachadh com-pàirteachasan le craoladairean eile, san RA agus air taobh a-muigh na RA, gus sgèile a chruthachadh, agus cothrom air margaidhean eadar-dhealaichte gu maith na gnìomhachasan cruthachail ann an Alba”.

 

Leirsinn 2021


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman