GàidhligEnglish

News Naidheachdan

23 June 2017

LAUNCH OF 10TH ANNUAL NATIONAL GAELIC FILM COMPETITION – FILMG

FilmG Launch

The national Gaelic film competition, FilmG is celebrating its tenth year, with some famous faces in the world of Gaelic broadcasting launching this year’s competition in Wester Ross.

Fiona MacKenzie, the face of BBC ALBA, and journalist and footballer Calum Ferguson were on hand with pupils from Gairloch High School yesterday (Thursday 22 June) to launch the tenth FilmG competition.

FilmG, MG ALBA’s Gaelic short film competition, was established in 2008 as a means of developing Gaelic filmmaking talent and encouraging grassroots Gaelic storytelling through film. Over this time a bank of more than 650 Gaelic short films has been created online and the competition has become a springboard for young people keen to carve out a career in Gaelic media. These youngsters include two Gaelic children’s TV presenters, Megan MacLennan and Kerry Anne MacLeod who were both shortlisted for their wonderful performances at the first ever FilmG awards ceremony and who now appear regularly on BBC ALBA.

As well as individual successes, schools across the country regularly participate in the competition and the benefits have been wide-reaching. Gairloch High school became the focal point of this year’s launch due its success the previous year, with pupils taking home a hoard of prizes, including ‘Best Mobile Short’, ‘Best Script’ and ‘Best Animation’.

Gaelic teacher Iain Cumming said:
“We’ve had a great afternoon here in Gairloch, with the whole school as well as members of the community attending the launch and celebrating the excellent films made by Gairloch High School pupils. Over the last few years we’ve learned a lot about film-making and it was great that all that effort paid off in FilmG 2017. We’re very much looking forward to getting involved again this year, in fact some of the pupils are already developing their ideas and beginning work on their scripts!”

As ever the FilmG competition kicked off by announcing the competition theme and unveiling the three images/posters that illustrate the theme and give entrants a starting point for their ideas.

This year the chosen theme is ‘Fìrinn’(truth) and Fiona MacKenzie and Calum Ferguson unveiled the three dramatic images, one of which was initially designed by Plockton High school pupil Lucy Small as part of the FilmG 10th Anniversary poster competition.

Having been at the helm of the project since its inception, Project Manager Floraidh Forrest is delighted the competition has reached this important milestone. “FilmG has been such an exciting project for me and our talented team at Cànan Graphic Studio to work on. Over the course of the last ten years we have seen dramatic developments in the way video content is created and distributed and I’m pleased that within the Gaelic media sector, FilmG has been at the forefront of these developments. FilmG continues to engage with young Gaelic speakers and encourages them to make their voices and unique stories heard in what is a very crowded cyberspace environment. Roll on the next ten years!”

As well as the main competition, this year sees the introduction of some ‘flash’ mini-competitions to help entrants prepare for the competition and generate a buzz throughout the year.

These include the ‘Summer Stop Motion’ competition, which is open children of all ages to make a one minute animation on any subject. The winner of last year’s ‘Youth Animation Award’, Gairloch High School pupil Ruairidh Alexander was on hand to encourage is peers to get involved, he said: “I started making animations about a year or two ago, and when I heard that there was a FilmG competition, I was very excited. My whole experience working with FilmG has been great, and it’s given me the confidence to keep going. This is my first animation using voice over, but I don’t think it will be my last!”

The ‘Summer Stop Motion’ competition is open until the 18 August and other flash competition will be announced throughout the year. The main competition is open until the 8 December 2017 and entrants are asked to make shorts up to five minutes in length in Gaelic. All films from previous years are available to watch online at www.filmg.co.uk. If you’d like to make a film and want to know more about the competition, please contact the team at fios@filmg.co.uk.

23 Ògmhios 2017

10MH CO-FHARPAIS NÀISEANTA NAM FILMICHEAN GÀIDHLIG – FILMG - GA CHUR AIR BHOG

FilmG Launch

Tha co-fharpais nàiseanta nam filmichean Gàidhlig, FilmG, a' comharrachadh deich bliadhna bhon a chaidh a chur air bhonn agus cuid de na h-ainmean as cliùitiche anns na meadhanan Gàidhlig a' cur co-fharpais na bliadhna air bhog ann an Ros an Iar.

Bha Fiona NicCoinnich, preasantair BBC ALBA, agus an neach-naidheachd is cluicheadair ball-coise, Calum Fearghasdan an làthair cuide ri sgoilearan às Àrd-sgoil Gheàrrloch an-dè (Diardaoin 22 Ògmhios) airson an deicheamh co-fharpais a chur air chois.

Chaidh FilmG, co-fharpais nam filmichean Gàidhlig aig MG ALBA, a stèidheachadh ann an 2008 airson tàlant ann am film Gàidhlig a neartachadh agus sgrìobhadh sgeulachdan tro fhilm a bhrosnachadh. Tha stòras de chòrr is 650 film goirid Gàidhlig air a bhith ga chruthachadh air-loidhne agus tha daoine òga air a' cho-fharpais a chleachdadh mar mheadhan air tòiseachadh ann an dreuchd anns na meadhanan Gàidhlig. Am measg nan daoine òga seo tha dithis phreasantairean air prògraman chloinne sa Ghàidhlig, Megan Nicillinnein agus Kerry Anne NicLeòid a choisinn àite air a' gheàrr-liosta aig ciad chuirm duaisean FilmG airson nan taisbeanaidhean dràma iongantach aca agus a bhios a-nis rim faicinn gu minic air BBC ALBA.

Bidh sgoiltean air feadh na dùthcha a' gabhail pàirt ann, cho math ris na cleasaichean fa leth a shoirbhich, agus tha na buannachdan rim faicinn fad is farsaing. Chaidh co-fharpais na bliadhna fhoillseachadh ann an Àrd-sgoil Gheàrrloch air sgàth 's mar a shoirbhich leotha fhèin an-uiridh nuair a choisinn iad dòrlach dhuaisean a leithid 'Film Goirid As Fheàrr', 'Sgriobt As Fheàrr' agus 'Dealbh-beò As Fheàrr'.

Thuirt an tidsear Gàidhlig Iain Cuimeanach:
"Tha feasgar air leth math air a bhith againn an seo an Geàrrloch, agus tha an sgoil gu lèir agus muinntir na coimhearsnachd air a bhith an seo aig an fhoillseachadh agus a' comharrachadh nan sàr fhilmichean le sgoilearan Àrd-sgoil Gheàrrloch. Tha sinn air an t-uabhas a thaobh ciamar a nithear fhilmichean ionnsachadh thar nam bliadhnaichean agus chunnaic sinn gum b' fhiach an t-saothair sin leis na choisinn sinn aig FilmG 2017. Tha fadachd oirnn a bhith a' dol an sàs a-rithist am-bliadhna, agus tha cuid de na sgoilearan air na beachdan-smuain aca a leasachadh cheana agus air tòiseachadh air na sgriobtaichean aca!"

Thòisich FilmG a-rithist am-bliadhna le foillseachadh cuspair na farpais agus trì ìomhaighean/postairean stèidhichte air a' chuspair a bheir beachd-smuain don luchd-farpais.

'S e 'Fìrinn' cuspair na bliadhna agus dh'fhoillsich Fiona NicCoinnich agus Calum Fearghasdan trì ìomhaighean drùidhteach, agus tè dhiubh sin air a dealbhadh le Lucy Small às Àrd-sgoil a' Phluic mar phàirt de co-fharpais phostairean airson 10 bliadhna de FilmG a chomharrachadh.

Tha am Manaidsear Pròiseict, Flòraidh Forrest, a tha air a bhith a' stiùireadh FilmG bhon a chaidh a chur air bhonn, air a dòigh leis mar a tha a' cho-fharpais air a' chlach-mhìle chudromach seo a ruighinn:

"'S e pròiseact fìor inntinneach a tha air a bhith ann am FilmG, dhomh fhèin agus don sgioba thàlantach againn aig Cànan. Anns na deich bliadhna sin tha sinn air leasachaidhean mòra fhaicinn anns na dòighean leis am bithear a' cruthachadh agus a' sgaoileadh bhideo agus tha mise fìor thoilichte gu bheil FilmG air a bhith air thoiseach anns na meadhanan Gàidhlig an lùib nan leasachaidhean seo. Bidh FilmG a' conaltradh le Gaidheil òga agus gam brosnachadh gus an cluinnear an cuid ghuthan is sgeulachdan ann an saoghal an eadar-lìn a tha buailteach a bhith caran trang is faramach. Tha sinn a' dèanamh fiughair ris na deich bliadhna ri thighinn!"

Tha co-fharpaisean beaga 'flash' ann am-bliadhna airson a' chiad uair, a leigeas leis an luchd-farpais ullachadh airson na farpais agus a cumail air aire an t-sluaigh fad na bliadhna.

Tha a' cho-fharpais 'Dealbh-beò an t-Samhraidh' ann a tha fosgailte do chloinn de gach aois airson dealbh-beò fad mionaid a dhèanamh air cuspair sam bith. Bha Ruairidh Alexander às Àrd-sgoil Gheàrrloch, a bhuannaich duais 'Dealbh-beò na h-Òigridh' an-uiridh, an làthair airson beagan brosnachaidh a thoirt do chloinn eile a dhol an sàs san fharpais.

Thuirt Ruairidh:
"Thòisich mi air dealbhan-beò a dhèanamh o chionn bliadhna no dhà, agus bha mi air bhiorain nuair a chuala mi gun robh FilmG ann. Tha FilmG air a bhith glè mhath dhomhsa agus tha e air misneachd a thoirt dhomh airson cumail a' dol leis. 'S e seo a' chiad dhealbh-beò agam le guth air gu ruige seo, agus saoilidh mi nach eil mi ach air tòiseachadh leis an dòigh-obrach seo a-nis!"

Tha a' cho-fharpais 'Dealbh-beò an t-Samhraidh' fosgailte gu 18 Lùnastal agus thèid farpaisean flash eile fhoillseachadh tron bhliadhna. Tha a' phrìomh cho-fharpais fosgailte gu 8 Dùbhlachd 2017 agus thathar ag iarraidh air an luchd-farpais filmichean Gàidhlig a dhèanamh nach eil nas fhaide na 5 mionaidean. Chithear a h-uile film a chaidh a dhèanamh a-riamh airson FilmG air-loidhne aig www.filmg.co.uk. Ma tha thu fhèin airson film a dhèanamh agus barrachd fios fhaighinn mun cho-fharpais nach cuir thu fios don sgioba aig fios@filmg.co.uk.


2017 News Archive Tasglann Naidheachdan 2017

MG ALBA and Bòrd na Gàidhlig offer a new “LearnGaelic” Scholarship at The Glasgow School of ArtMG ALBA agus Bòrd Na Gàidhlig a’ tabhann Sgoilearachd “LearnGaelic” aig Sgoil Ealain Ghlaschu
SPFL announces new broadcast deal with BBC ALBASPFL a’ foillseachadh cùmhnant craolaidh ùr le BBC ALBA
Annual Report 2016/17Aithisg Bhliadhnail 2016/17
FilmG 1010mh FilmG
Casting Opportunities in two dramasCothroman cleasachd ann an dà dhràma ùr
MA Television Fiction Writing scholarshipSgoilearachd cùrsa Sgrìobhadh Ficsean Telebhisein
YOUNG ARDNAMURCHAN SPORTS COMMENTATOR AND FILMG WINNER GOES BEHIND THE SCENES AT LIVE GLASGOW WARRIORS MATCHNEACH-AITHRIS ÒG IS BUANNAICHE FILMG À ÀIRD NAM MURCHAN A’ DOL AIR CÙL CHÙISEAN AIG GÈAM BEÒ GLASGOW WARRIORS
Key long-term production contractsPrìomh chùmhnantan riochdachaidh fad-ùine
BBC Gaelic Apprenticeship programmePreantasachd Gàidhlig aig a’ BhBC
Briseadh na Cloiche / The Breaking of the Stone DebutSealladh air Briseadh na Cloiche
Celtic Media Festival bursary schemeBursaraidh Fèis nam Meadhanan Ceilteach
Celtic Media Festival nominationsGeàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach
Statement from Maggie CunninghamAithris bho Magaidh Choineagan
FilmG AwardsDuaisean FilmG
FilmG live streamDuaisean FilmG beò air-loidhne
MG ALBA appointment boosts creative teamSgioba phrògraman MG ALBA ga neartachadh



2017 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2017
2016 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2016
2015 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2015
2014 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2014
2013 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2013
2012 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2012


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman