GàidhligEnglish

Programme Archive Tasglann Phrògraman

Air An Rathad: Series Five

BBC ALBA Thursday 15 November at 10.00pm

Air An Rathad: Sreath Còig

BBC ALBA Diardaoin 15 Samhain aig 10.00f

Presenters

ENGINES READY AS BBC ALBA RETURNS TO THE ROAD

A brand new series of ‘Air an Rathad / On the Road’, Scotland’s very own popular car series, returns to our screens on BBC ALBA with top cars, top speeds and top entertainment.

True to form, the Air an Rathad team of Fiona MacKenzie, Murray MacLeod and Calum Iain MacKenzie have been busy travelling all over the country to bring you the best of the summer’s high-octane motorsport action, and all the very latest car models, including the World Car of the Year, the VW Up, the Subaru BRZ and the eclectic Renault Twizy.

The new series of Air an Rathad roars into view with coverage of the Solway Junior Rally, where competitors age 14-16 show off their driving skills. Calum Iain puts his foot down in a Subaru BRZ and the team welcome a new presenter – mechanic Donald Neil Macleod, better known to all as Cudig - who shares his extensive knowledge of classic cars in a brand new weekly feature – but will you agree with his choice?

Series highlights include a very eager Calum Iain paying a visit to the Lotus track in Norwich where he test drives the Exige S. Fiona tries her hand at Banger Racing, at Crimond Raceway, where she shows them what Rudhach women are made of, and Murray is in seventh heaven as he gets behind the wheel of a Monster Truck.

Air an Rathad veteran ‘Rollover Roy’ has come out of retirement and is back on the rallying circuit this year competing in his Peugeot 205. The team catch up with him at the Speyside Rally, but will he live up to his name?

And, what do you get when you put together shellsuits, segways and a Royal pastime –the Wacky Races of course! Can Murray and Fiona get the better of Calum Iain this year, or is he on for the hat-trick?

Tune in to Air an Rathad to find out! ‘Air an Rathad’ - it’s all about cars!

Coming up:

Programme 1 – Thursday 15 November
• Drivers aged 14-16 show off their rallying skills in the Solway Junior Rally, Calum Iain puts his foot down in a Subaru BRZ and the team welcome a new presenter – mechanic Donald Neil Macleod, better known to all as Cudig!

Programme 2 – Thursday 22 November
• Calum Iain is living the dream on the Lotus test track, while Murray takes a spin round Ballater in World Car of the Year, the VW Up. There’s more fun and games in Wacky Races and Cudig shares another classic car choice.

Programme 3 – Thursday 29 November
• Fiona is at Crimond Raceway competing in her first Banger Race, while Calum Iain tries out the Citroen DS4 – but is he a fan of French styling? Cudig shares another classic car and the competition on the Wacky Race track is super close!

Programme 4 – Thursday 6 December
• Calum Iain is at Crail Raceway getting a masterclass in Drifting, while Murray is test driving the Volvo XC60 on Lewis. It’s a crossover SUV but is it fit for his purpose? Cudig’s classic is one of Fiona’s favourites – the ever popular MG.

Programme 5 – Thursday 13 December
• Murray takes on The Grizzly - 8 tons of American Monster truck, while Fiona is turning heads in the super light, eco friendly Renault Twizy. Cudig’s classic car is the Rover 2000, and everyone ‘s lost the plot in this week’s Wacky Races!

Programme 6 – Thursday 20 December
• Murray investigates the Hydrogen powered car, while the Arnold family put the all electric Vauxhall Ampera through its paces. Cudig’s classic is the much loved Ford Cortina and Calum Iain is all out to increase his modest lead in Wacky Races.

Programme 7 – Thursday 27 December
• Murray is on Skye taking part in his first auto test challenge, while Fiona is in the Cairngorms behind the wheel of a Skoda Yeti. Cudig’s classic choice of the Bedford CA van takes the team down memory lane, and Calum Iain is determined to maintain his lead in Wacky Races.

Programme 8 – Thursday 3 January
• ‘Rollover Roy’ gets a new car ready for the race circuit, and takes it for a run in the Speyside Rally. Cudig’s classic car is the Landrover series 1 and Fiona is behind the wheel of the mini roadster. It’s the final challenge in Wacky Races -who’s name will be on the cup this time?

Air an Rathad is an eight part series, produced by Eyeline Media for BBC ALBA and commences on Thursday 15th November at 10pm and each subsequent Thursday.

Einnseanan deiseil...

oir tha sreath ùr de Air an Rathad a’ tòiseachadh san fhoghair air BBC ALBA!

Tha preseantairean Fiona NicChoinnich, Murray MacLeòid agus Calum Iain MacCoinnich air ais leis a’ chòigeamh sreath den aon phrògram càraichean ann an Alba. Agus mar as àbhaist, tha sgioba Air an Rathad air a bhith air feadh na dùthcha gus am faigh sibhse na tachartasan as fheàrr bhon t-samhradh a thaobh spòrs càraichean agus nam modailean as ùire a th’ ann.

Tha an sgioba a’ cur an Subaru BRZ, VW Up, Citroen DS4 agus an Renault Twizy (a tha rudeigin àraid) gu deuchainn, agus tha an teaghlach Arnold à Glaschu a’ toirt dhuinn am beachd air a’ chàr ùr Eco aig Vauxhall, an Ampera.

Cuideachd san t-sreath seo, tha Calum Iain a’ tadhal air a’ chuairt-deuchainn aig Lotus ann an Norwich, far a bheil e a’ draibheadh an Exige S, agus abair gu bheil e air bhioran mu dheidhinn. Tha Fiona a’ feuchainn beagan Banger Racing, aig cùrsa-rèis Crimond, far a bheil i a’ sealltainn dhaibh dè cho math ’s a tha boireannaich Rubhach, agus tha Murray a’ smaoineachadh gu bheil e ann an nèamh, is e air cùlaibh cuibhle-stiùiridh Truga Bèisteil.

Tha seann charaid Air an Rathad, ‘Rollover Roy’ air tighinn air ais gu railidhean na bliadhna seo, ’s e a’ gabhail pàirt sa Pheugeot 205 aige. Tha an sgioba a’ coinneachadh ris aig Railidh Srath Spè, ach a bheil am far-ainm aige buileach cho ceart ’s a bha e?

Agus dè gheibh thu nuair a chuireas tu còmhla shellsuits, segways agus cur-seachad Rìoghail? Na Rèisean Craicte! An dèan Murray agus Fiona a’ chùis air Calum Iain am-bliadhna, no am faigh e an ‘hatrick’?

Coimheadaibh Air an Rathad – a’ tòiseachadh Diardaoin 15 Samhain air BBC ALBA – airson faighinn a-mach!

‘Air an Rathad’ – tha e gu tur mu chàraichean!

Tha barrachd fiosrachadh ri fhaighinn air duilleag Facebook

Prògram 1 - Diardaoin 15 Samhain
• Bidh dràibhhearan òga a’ taisbeanadh an sgilean ann an Ralaidh Òigridh Shalmhaigh, bidh Calum Iain a’ gabhail cuairt ann an Subaru BRZ agus tha sinn a’ cur fàilte air fear ùr dhan sgioba - am meacanaig Dòmhnall Niall MacLeòid, no Cudaig mar as fheàrr a dh’aithnichear e.

Prògram 2 - Diardaoin 22 Samhain
• Tha Calum Iain air a dhòigh glan air raon-rèisidh Lotus agus tha Murray a’ dol air chuairt air rathaidean mu thimcheall Bhealladair ann an Càr na Cruinne airson na bliadhna seo, an VW Up. Tha spòrs is geamaichean anns na Wacky Races cuideachd agus tha Cudaig a’ dèanamh taghadh eile air seann chàr.

Prògram 3 - Diardaoin 29 Samhain
• Tha Fiona ann an Crimond ’s i a’ feuchainn anns a’ chiad Rèis Banger aice. Tha Calum Iain a’ toirt beachd air Citroen DS4 – ach a bheil an stoidhle Frangach a’ còrdadh ris? Tha Cudaig a’ dèanamh taghadh eile air seann chàr agus abair gu bheil na Wacky Races teann!

Prògram 4 - Diardaoin 6 Dùbhlachd
• Tha Calum Iain ann an Crail ’s e a’ faighinn oideachadh air Drifting. Tha Murray ann an Leòdhas le Volvo XC60 - ’s e SUV a th’ ann ach dè cho goireasach ’s a tha e? Tha Cudaig a’ taghadh fear dhe na càraichean as fheàrr le Fiona – dè eile ach MG?

Prògram 5 - Diardaoin 13 Dùbhlachd
• Tha Murray anns a’ Ghrizzly – Monster Truck anns a bheil 8 tunna agus tha Fiona anns an Renault Twizy – càr beag aotrom nach eil trom air an àrainneachd. Tha Cudaig a’ taghadh an Rover 2000 agus tha iad uile a’ dol às an ciall ann an Wacky Races na seachdain seo.

Prògram 6 - Diardaoin 20 Dùbhlachd
• Tha Murray a’ toirt sùil air càr le connadh hàidridean agus tha an teaghlach Arnold a’ toirt beachd air càr dealain, an Vauxhall Ampera. Tha Cudaig a’ taghadh Ford Cortina agus tha Calum Iain a’ feuchainn gluasad nas fhaide air thoiseach ann na Wacky Races.

Prògram 7 - Diardaoin 27 Dùbhlachd
• Tha Murray san Eilean Sgitheanach ri dùbhlan autotest, tha Fiona sa Mhonadh Ruadh le Skoda Yeti, tha Cudaig air Bedford CA a thaghadh agus tha Calum Iain a’ feuchainn ri fuireach air thoiseach air chàch anns na Wacky Races.

Prògram 8 - Diardaoin 3 Faoilleach
• Tha ‘Rollover Roy’ a’ rèiseadh ann an Ralaidh Taobh Spè. ’S e an Landrover series 1 a tha Cudaig a’ taghadh agus tha Fiona air cùl na cuibhle ann am mini roadster. Seo na Wacky Races mu dheireadh - cò gheibh a’ chuach?


News Archive Tasglann Naidheachdan

Follow this link to the 2014 news press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann naidheachdan 2014.