GàidhligEnglish

Programme Archive Tasglann Phrògraman

Eòrpa

BBC ALBA Wednesday 28 November at 8.30pm

Eòrpa

BBC ALBA Diciadain 28 Samhain aig 8.30f

Anne and Darren

BBC ALBA’S EÒRPA INVESTIGATES THE FUTURE OF THE GAELIC ATHLETIC ASSOCIATION

Eòrpa reporter Darren Laing investigates what the future holds for the Gaelic Athletic Association (GAA) and the players who take part, in the next programme of the new series on BBC ALBA.

No sport in Ireland has the following and prestige of the Gaelic Games - an amateur group of sports including Gaelic football and hurling, run by the GAA. A striking example of the GAA’s power and status can be found in Dublin’s Croke Park. Home of the GAA, it has room for over 80,000 fans and where full houses can be expected for the big inter-county games.

One thing separates the GAA from other sporting organisations of a similar size, and that is its amateur status. Players can expect to receive nothing more than basic travel expenses and training support from their club and representatives at the Gaelic Players’ Association. With games now regularly televised live, and players training just as hard and as often as professional athletes, Eòrpa examines the debate as to whether players should be compensated more.

Also in the programme Anne Lundon reports from Spain on the problems they facing in the Delta Ebra with Apple Snails, common to South America, that are eating their way through the rice crops which could devastate the rice production in the region. There is no concrete evidence as to how the snails were introducted into the eco-system, however attempts to eradicate them are proving very difficult. Both sides of the delta are now affected and there are fears that 2014 could be catastrophic for the rice producers.

Produced by BBC Gàidhlig, Eòrpa is broadcast weekly on BBC ALBA at 8.30pm.

EÒRPA AIR BBC ALBA A’ COIMHEAD AIR SAOGHAL COMANN LÙTH CHLEAS GAEL (GAA)

Anns an ath phrògram den t-sreath ùr air BBC ALBA, tha an neach-aithris Darren Linc a’ coimhead air na tha ri thighinn ann an saoghal Comann Lùth Chleas Gael agus nan cluicheadairean a tha a’ gabhail pàirt.

Chan eil spòrs sam bith eile ann an Èirinn a tha a’ faighinn taic agus cliù mar a tha nan geamannan Gaelic – buidheann spòrs neo-dhreuchdail, nam measg ball-coise Gaelic agus iomain - an dà chuid leis an GAA aig an stiùir. Tha pàirce ‘Croke’ na dheagh eisimpleir air a’ chumhachd ’s a’ chliù a th’ aig an GAA. Mar dhachaigh dhan GAA, gabhaidh am pàirce 80 mìle neach na bhroinn agus bidh e loma-làn aig nan geamannan eadar-siorrachd.

Tha aon rud a tha a’ dèanamh sgaradh eadar an GAA agus buidhnean spòrs eile mun aon mheud, agus ’s e sin gu bheil e neo-dhreuchdail. Chan eil nan cluicheadairean a’ faighinn tuarastal bhon spòrs agus iad dìreach a’ faighinn cosgaisean siubhail agus taic-trèanaidh bhon chlub agus bhon Chomann Chluicheadairean Gaelic. Le nan geamannan tric air an craoladh beò air an telebhisean, agus nan cluicheadairean a’ trèanadh agus ag obair a cheart cho cruaidh ri lùth-chleasaichean proifeasanta, tha Eòrpa a’ coimhead air an deasbad am bu chòir dha na cluicheadairean barrachd airgid fhaighinn bhon spòrs.

Cuideachd sa phrògram, tha Anne Lundon ag aithris às an Spàinn air an trioblaid a tha aca san Delta Ebre leis na seilcheagan-ubhail a bhuineas bho thus do dh’Ameireagaidh a Deas, agus iad ag ithe tron bharr-rus, a’ dèanamh cron mòr san sgìre. Chan eil fianais làidir sam bith aca air ciamar a thàinig iad dhan dùthaich agus chan eil na h-oidhirpean aca sgaradh a dhèanamh orra air a bhith ro shoirbheachail. Tha na seilcheagan a-nis air an dà thaobh dhan Delta agus thathas fo iomagain gu bheil cunnart ann gun dèan iad loma-chreach air nam barr-rus ann an 2014.

Air a riochdachadh le BBC Gàidhlig, tha Eòrpa a’ craoladh gach seachdain air BBC ALBA aig 8:30f.


News Archive Tasglann Naidheachdan

Follow this link to the 2014 news press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann naidheachdan 2014.