GàidhligEnglish

Programme Archive Tasglann Phrògraman

Lorgan Linda – Linda’s Story

BBC ALBA – Monday 8 October 9.00 – 10.00pm

Lorgan Linda – Linda’s Story

BBC ALBA – Diluain 8 Dàmhair 9.00 – 10.00f

Linda Norgrove's parents with children

PARENTS OF LINDA NORGROVE TRAVEL TO AFGHANISTAN FOR A NEW BBC ALBA DOCUMENTARY

The parents of a Scottish aid worker kidnapped and killed in Afghanistan will share their personal story in a new BBC ALBA documentary to be shown on the second anniversary of Linda Norgrove’s tragic death.

John and Lorna Norgrove allowed cameras access to their home on the Isle of Lewis, and to accompany them during their first trip to Afghanistan since Linda’s passing.

The hour-long documentary, Linda’s Story, has been filmed for BBC ALBA by independent production company MacTV, which is also based in Linda’s home island of Lewis.

Linda, 37, was working for the American aid agency DAI International when she was kidnapped by Afghan rebels. For two weeks her captors led her into a hostile mountain region, moving between a series of remote farmsteads. On October 8 2010, Linda was killed during a pre-dawn rescue that also saw all of her captors killed.

Linda's Story traces the emotional journey taken by family and friends in the two years since, and their determination not to apportion blame, which has earned them international respect.

The documentary explores John and Linda’s darkest hours, when their idyllic Hebridean croft seemed indelibly cast in shadow, and their mission to set up the Linda Norgrove Foundation continuing humanitarian projects in Linda’s name, culminating in their first journey to the troubled heart of Afghanistan in March 2012.

In this often dangerous yet richly colourful land where their daughter lived and died, they meet her friends and colleagues, visit projects funded by the Foundation set up in Linda’s name and start to piece together their daughter’s life and passion for aid work.

Linda’s Story is an intimate documentary, exploring a family’s loss whilst painting a rich portrait of Linda - the high achiever, the girl who loved fun and adventure and whose zest for life lives on through her legacy in the country she loved so much, Afghanistan.

PÀRANTAN LINDA NORGROVE A’ SIUBHAL GU AFGANASTAN AIRSON PRÒGRAM ÙR AIR BBC ALBA

Tha na croitearan, John is Lorna Norgrove air cothrom a thoirt dha camarathan sealladh fhaighinn a-steach dhan t-saoghal atharraichte aca, an dà chuid aig an taigh ann an Leòdhas agus tron turas aca gu Afganastan far an do bhàsaich Linda, an nighean aca nuair a dh'fhàilig oidhirp air a sàbhaladh ann an 2010.

Bha Linda, a bha 37, ag obair dhan bhuidhinn cobhair Ameireaganach, DAI Eadar-nàiseanta nuair a chaidh a toirt am bruid le reubaltaich Afganach. Airson dà sheachdain chùm a luchd-glacaidh i ann an àite iomallach, beanntach, ga gluasad eadar sreath de thuathanasan. Air 8 Dàmhair 2010 chaidh Linda a mharbhadh nuair a bhathas a' feuchainn ri sàbhaladh ro bheul an latha agus chaidh an luchd-glacaidh uile a mharbhadh cuideachd.

Tha Lorgan Linda a' sealltainn lorgan an teaghlaich is a caraidean san dà bhliadhna bhon uair sin is iad air turas tiamhaidh, is iad gun a bhi a chur coire air neach sam bith, rud a th' air spèis mhòr eadar-nàiseanta a chosnadh dhaibh.

Tha an aithris a' gluasad bho bhith a' cuimhneachadh air na h-amannan bu duirche dha John is Lorna, nuair a bha coltas ann gun robh sgàile mhaireannach air a' Chroit eireachdail Eileanach aca, gun rùn aca an Linda Norgrove Foundation a stèidheachadh gus leantainn le pròiseactan cobhair ann an ainm Linda, agus mu dheireadh gu na h-ullachaidhean iomagaineach agus gun turas gu meadhan trioblaideach Afganastain sa Mhàrt 2012.

San dùthaich dhathach, fhòirneartach seo far na dh'fhuirich is na bhàsaich an nighean aca, choinnich iad ri a caraidean is a co-obraichean, thadhail iad air pròiseactan a fhuair maoineachadh bhon charthannas a chaidh a steidheachadh ann an ainm Linda agus thòisich iad a' cur ri chèile beatha na h-ìghne aca agus an dealas a bh' aice airson obair charthannach. Mar a tha iad a' faighinn a-mach gu pearsanta mun bheatha a bh' aig Linda dha-rìribh agus mu na sochairean a bha i a' feuchainn ri thoirt dha boireannaich is clann Afganastain, tha iad mothachail air cho maoth 's a tha na faireachdainnean aca fhathast agus gum bi greis mus traogh goirteas am bròin.

'S e prògram a tha seo a th' air aithris gu càirdeil, ach gu fìrinneach, a' beantainn ri mothachadh iomadh neach agus e a' rannsachadh buaidh call teaghlaich is leigheas sèimh, mar sin a' tarraing dealbh saidhbhir de Linda, an t-àrd bhana-ghaisgeach, an neach spòrsail is an neach-dùraigidh aig an robh sunnd-beatha a tha fhathast follaiseach, eadhon na bàs.


News Archive Tasglann Naidheachdan

Follow this link to the 2014 news press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann naidheachdan 2014.