GàidhligEnglish

Programme Archive Tasglann Phrògraman

Trusadh: The Children’s Panel

BBC ALBA – Monday 11 November at 9.00pm

Trusadh: Èist ris a’ Chloinn

BBC ALBA - Diluain 11 Samhain aig 9.00f

Peter MacLeod, Head of Social Work at Renfrewshire Council

BBC ALBA PROVIDES AN INSIGHT INTO THE WORK OF THE CHILDREN’S PANEL

Each year thousands of families are helped by the Children’s Hearing System, Scotland’s unique care and justice system for children and young people who are in trouble or at risk. At its core is the work of the Children’s Panel.

A new BBC ALBA documentary, ‘Trusadh: Èist ris a’ Chloinn / The Children’s Panel’, will take a closer look at the work of the Children’s Panel, hear from its members and find out what challenges they face in Scotland today.

Out with Scotland many people involved in social work are envious of the system as Peter MacLeod, Head of Social Work at Renfrewshire Council explains: “I’ve spoken to other people involved in social work in Europe who ask about the Children’s Panel in Scotland and its effectiveness for children and their families. They tell me that they’d like something like the Children’s Panel in their country.”

Roddy MacLeod in Aberdeen finds the work as a panel member hugely rewarding: “You hope that you’re helping someone, somewhere. You’re happy to be doing something for somebody else, especially the children.”

Christine Stone is also a panel member, based in Caithness, and wanted to give something back to the community she lived in: “People think that Caithness is a small, beautiful place with no problems but that’s not the case. Caithness is like anywhere else. There are the same problems, difficulties, poverty and conflict between young and old.”

Taxi driver Hugh McNaughtan is the Authority chair of the Glasgow Children’s Panel which has 600 members. For Hugh, meeting people through his work encouraged him to find out more about the system: “You’re actually picking up the people and I think that’s probably one of the reasons that I got involved in the hearing system because of things that I saw and heard in the taxi.”

There are currently over 16,000 children in care in Scotland. Many are looked after through foster care, as well as through children’s homes and other units run by the local authorities.

One such successful care project in Scotland is the Kibble Education and Care Centre in Paisley. ‘Please Listen’ is a play which is the result of the centre’s unique drama course where the children drew on the many challenges they’ve had in their lives to express their feelings.

This BBC ALBA documentary will provide viewers with an understanding of a system where Scotland has led the way for a number of years, with a vision of everyone working together to make sure that all children are heard, valued, respected and cared for.

Trusadh: Èist ris a’ Chloinn / The Children’s Panel has been produced for BBC ALBA by MacTV and will be transmitted on Monday 11 November at 9.00pm.

Gach bliadhna tha na mìltean de theaghlaichean a’ faighinn taic bho Shiostam Èisteachd na Cloinne, dòigh-obrach sònraichte na h-Alba ann a bhith a’ toirt cùram agus ceartas seachad do chloinn agus daoine òga a tha ann an trioblaid.

Gu dearbha tha mòran taobh a-muigh na dùthcha a’ coimhead air an t-siostam le farmad mar a tha Peadar MacLeòid, Ceannard na Roinne Sòisealta, aig Comhairle Shiorrachd Rinn Friù a’ mìneachadh – “Tha mi a’ bruidhinn ri feadhainn bho Obair Shòisealta ann an dùthchannan eile tron Roinn Eòrpa agus bidh iadsan gam cheasnachadh mu Pannal na Cloinne agus dè cho math ‘s a tha e son clann agus nan teaghlaichean aca anns an dùthaich agams’, agus bidh iad a’ cantainn riumsa gun robh iadsan ag iarraidh rudeigin mar Pannal na Cloinne anns an dùthaich aca fhèin.”

Aig a chridhe tha obair riatanach Pannal na Cloinne. Ach dè a tha an lùib na h-obrach, cò iad a tha nam buill, agus dè na dùbhlain a tha fa-near dhaibh ann an Alba san là an diugh?

Dha Ruaraidh MacLeòid, a tha na bhall air Pannal na Cloinne ann an Obar Dheathain, tha tlachd a tha dha-rìribh prìseil san obair – “Tha thu a’ dèanamh feum do chuideigin am badeigin tha min dòchas. Toileachas gu bheil thu a’ dèanamh rudeigin do chuideigin eile agus gu h-àraidh don chloinn.”

Tha Cairistiona Stone a tha cuideachd na ball a’ fuireach ann an sgìre Ghallaibh agus bha i ag iarraidh rudeigin a thoirt air ais dhan choimhearsnachd sa bheil i a’ fuireach – “ Bidh daoine ag ràdh ann an Gallaibh gu bheil a h-uile duine modhail, ‘s nach eil an sin ach àite beag sìtheil. Ach chan e an fhìrinn a tha sin. Tha Gallaibh coltach ri baile mòr sam bith eile. Tha na h-aon seòrsa trioblaidean ann, na h-aon seòrsa duilgheadasan. An aon seòrsa bochdainn agus an aon seòrsa strì eadar sean is òg."

Tha Hugh McNaughtan, a tha a’ dràibheadh tagsaidh, na fhear-cathrach air cha mhòr sia ceud ball de Phannal na Cloinne ann an Glaschu. Dhàsan ‘s e a bhith a’ coinneachadh diofar dhaoine na obair a thug air barrachd fhaighinn a-mach mun obair – “Tha thu a’ togail nan daoine agus saoilidh mi gur e sin aon de na rudan a thug orm a dhol an lùib Siostam Èisteachd na Cloinne. Air sàillibh na chunnaic mi agus na chuala mi san tagsaidh.”

Tha còrr is 16,000 de cuid chloinne na dùthcha ann an cùram. Tha mòran a’ faighinn cùram tro dhaltachd, a bharrachd air na dachaighean cloinne agus ionadan eile a tha na diofar ùghdarrasan ionadail a’ ruith.

‘S e pròiseact Kibble, stèidhte ann am Pàislig, aon de na h-ionadan cùraim agus foghlaim as soirbhiche ann an Alba. Am measg na tha iad a’ tabhann, tha cùrsa sònraichte dràma. B’ e an òigridh fhèin a sgrìobh an dealbh chluich, ‘Please Listen’, ’s iad a’ tarraing air na faireachdainnean aca fhèin agus an iomadh dùbhlan a th’ air a bhith aca nam beatha.

Èist ris a’ Chloinn – sealladh dlùth air siostam sònraichte ann an Alba a th’ air a bhith air thoiseach air càch fad iomadh bliadhna, le bun-stèidh gun obraicheadh gach neach is buidheann còmhla gus guth, cothrom èisteachd, spèis agus cùram a thoirt dha clann na dùthcha air fad.


2013 Programme Archive Tasglann Phrògraman 2013

Hogmanay Cèilidh 2013Cèilidh na Bliadhn' Ùire 2013
Siubhal le ShepherdSiubhal le Shepherd
CunnartCunnart
Capercaillie @ 30Capercaillie @ 30
Na Trads 2013 – LIVENa Trads 2013 – BEÒ
Trusadh: The Private DiseaseTrusadh: An Galar Dìomhair
EòrpaEòrpa
Hibernian v Inverness Caledonian ThistleHibernian v Inverness Caledonian Thistle
Trusadh: The Children’s PanelTrusadh: Èist ris a’ Chloinn
Ramsdens CupCupa Ramsdens
Scotland v Northern IrelandAlba v Èirinn a Tuath
Two Days In OctoberDà Là San Dàmhair
My Brother the Ark RaiderBràithrean na h-Airce
HoneyballersHoneyballers
WeddingsBainnsean
BethesdaBethesda
Referendum DebateRathad an Referendum
From Harris with LoveChì Mì’n Tìr
Rapal TVRapal Tbh
BelladrumBelladrum
Albion Rovers v RangersAlbion Rovers v Rangers
Sutherland Cup FinalCuairt Dheireannach Cupa an t-Sutharlanaich
Hebridean Celtic FestivalFeis Cheilteach Innse Gall
Islands of the WestInnsean an Iar
Highland MidwivesMnathan-Glùine
Trusadh: The Ladies and Gents Trusadh: Gaisgich nan Goireasan
Ricky RossRicky Ross
Taghadh bho Na TradsTaghadh bho Na Trads
Gothenburg ‘83Gothenburg ‘83
Glasgow Warriors v OspreysGlasgow Warriors v Ospreys
A Hooker's JourneyTuras Huiceara
Scottish Challenge Cup FinalCupa Dùbhlan na h-Alba
HomelessGun Dachaigh
Sgoil nan Cuileanan - Where Obedient Dogs RuleSgoil nan Cuileanan
RaboDirect PRO12RaboDirect PRO12
Eòrpa - 20th anniversary this weekEòrpa - 20 bliadhna an t-seachdain seo
Turas TonyTuras Tony
Fuine / Home BakingFuine
Dà-FhillteDà-Fhillte
The Little Prince / Am Prionnsa BeagAm Prionnsa Beag
Trusadh: Tiree – Outside the BoxTrusadh: Buaidh Thiriodh - Beò air a’ Bhogsa
Scarlets v Edinburgh RugbyScarlets v Edinburgh Rugby
Trusadh : Living with DementiaTrusadh : Seargadh-Inntinn
RAPAL TVRAPAL Tbh
St Johnstone v CelticSt Johnstone v Celtic
Lisdoonvarna 'When Love Comes To Town'Lisdoonvarna
Trusadh: Stornoway Maritime MattersTrusadh: Sealladh bhon Chaladh
Cuirm @ Celtic: SMO@40Cuirm @ Celtic: SMO@40
Solas - Shamrock CitySolas - Shamrock City

2015 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2015

2014 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2014

2013 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2013

2012 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2012


News Archive Tasglann Naidheachdan

Follow this link to the 2014 news press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann naidheachdan 2014.