GàidhligEnglish

Programme Archive Tasglann Phrògraman

Taghadh bho Na Trads

BBC ALBA – Monday 27 May at 8.30pm

Taghadh bho Na Trads

BBC ALBA - Diluain 27 Cèitean aig 8.30f

Linda MacLeod

THE BEST OF THE TRADS COMES TO BBC ALBA

Recorded at Glasgow's iconic Arches arts venue, the latest series of Taghadh Bho Na Trads features some of Scotland's finest traditional musicians. New presenter Linda MacLeod hosts eight episodes that showcase the musical talents of the winners of the MG ALBA Trad Awards 2012.

Now in its tenth year, The Trads have become an established part of the musical calendar, the awards having grown immeasurably from low-key beginnings at a show in Edinburgh back in 2003. In addition to the musical performances and conversations with winning musicians, each episode sees Linda looking back over a successful decade with Trads creative director, Simon Thoumire and broadcaster and Trads host, Mary Ann Kennedy.

This latest series boasts a rolling cast of award-winning singers and musicians, all of whom provide ample evidence of the musical heft and diversity of the contemporary scene. The line up for the series includes: Tutor of the Year Gillian Frame; Folk Band of the Year, Breabach and Composer of the Year, Mike Vass, feted for his critically acclaimed winter soundtrack Decemberwell.

Gillian Frame brings not one, but two, bands along to the Taghadh Bho Na Trads stage. Her latest project – along with fellow musicians, Bella Hardy and Siobhan Miller - is Hunter's Law, a band who are confident enough to move between 19th century ballads and James Taylor songs. Hunter’s Law’s sound is vastly different to that of Gillian’s other band - Findlay Napier and the Bar Room Mountaineers. Fronted by Gillian’s husband, Findlay Napier, Gillian is a cornerstone of the group who practically re-cast contemporary folk music as nu-folk.

Duncan Chisholm & Allan Henderson

Instrumentalist of the Year Duncan Chisholm and a ridiculously talented band gets the series off to a rousing start with two of his own compositions, The Erchless Scout and Isaac's Welcome to the World. In the same episode, Gaelic Singer of the Year, Riona Whyte discusses how her Argyll roots influenced her singing and repertoire. The first episode provides a singing double header, as serial Trads winner, Paul McKenna, joins Linda to discuss his musical background. The Barrhead-based singer delves into his back catalogue and demonstrates why he was voted Scots Singer of the Year with Again for Greenland, a staple of his live set.

Taghadh bho Na Trads was produced by Bees Nees Media for BBC ALBA and will be broadcast on Monday 27 May at 8.30pm and each consecutive Monday throughout the eight part series.

TAGHADH BHO NA TRADS AIR BBC ALBA

Chaidh an sreath as ùire de Thaghadh Bho Na Trads a chlàradh anns na h-Arches an Glaschu, ’s tha e a’ taisbeanadh cuid dhen luchd-ciùil as tàlantaiche ann an Alba. Tha an tè-lìbhrigidh ùr, Linda NicLeòid, a’ toirt thugaibh ochd prògraman a tha a’ soilleireachadh na tàlantan ciùil aig na bhuannaich duais aig cuirm Na Trads aig MG ALBA ann an 2012.

Às dèidh tòiseachadh na thachartas meadhanach beag, ann an Dùn Èideann air ais ann an 2003, tha Na Trads air sìor fhàs agus air cliù sònraichte a chosnadh thairis air na bliadhnaichean. Tha iad a-nis a’ teannadh air an deicheamh bliadhna, ’s tha àite seasmhach aca ann am mìosachan a’ chiùil bho bhliadhna gu bliadhna. San t-sreath seo, chan ann a-mhàin gum fhaighear sealladh air taisbeanaidhean ciùil agus còmhraidhean leis an luchd-ciùil a shoirbhich aig na duaisean, tha Linda cuideachd a’ toirt siùil air ais air an deichead soirbheachail seo le stiùiriche cruthachail Na Trads, Simon Thoumire, agus craoladair ’s tè-lìbhrigidh cuirm nan duaisean, Màiri Anna NicUalraig. Tha an sreath seo cuideachd a’ cur an aithne grunnan shàr sheinneadairean agus luchd-ciùil, ’s iad uile a’ soilleireachadh am beairteas, am farsaingeachd agus an doimhneachd a tha am measg ceòl an latha an-diugh. An lùib nan daoine tàlantach seo tha: Neach-Teagaisg Na Bliadhna, Gillian Frame; Còmhlan Folk Na Bliadhna, Breabach agus Gleusaiche Ciùil Na Bliadhna, Mike Vass, ’s e a’ faighinn aithne airson am pìos ciùil geamhrachail aige, Decemberwell.

Tha Gillian Frame a’ toirt dà chòmhlan leatha gu àrd-ùrlar Taghadh Bho Na Trads. Sa chòmhlan as ùire aice, Hunter’s Law, tha a deagh charaidean agus sàr luchd-ciùil, Bella Hardy agus Siobhan Miller. A bharrachd air an tàlantan sònraichte, tha misneachd agus spionnadh aig a’ chòmhlan seo gus òrain domhainn le sgeulachdan cumhachdach a mheasgachadh gu soirbheachail le òrain Seumas Taylor. Tha fuaim gu tur eadar-dhealaichte aig Hunter’s Law an coimeas ris a’ chòmhlan eile anns a bheil Gillian an sàs, ’s e sin, Findlay Napier and the Bar Room Mountaineers. ’S e cèile Gillian, Findlay Napier, a tha os cionn a’ chòmhlain seo a th’ air dreach ùr a chuir air ceòl dùthchasach, ’s tha tàlantan ’s beachdan ciùil Gillian fhèin air a bhith riatanach san ùrachadh seo.

Duncan Chisholm & Allan Henderson

Tha an sreath a’ faighinn deagh thòiseach-tòiseachaidh bho Neach Ciùil na Bliadhna, Donnchadh Siosal agus a’ chòmhlan sònraichte, ’s iad a’ cluich dà phort le Donnchadh fhèin, The Erchless Scout agus Isaac’s Welcome to the World.

San aon phrògram, tha Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna, Riona NicIlleBhàin ag innse mar a bha buaidh shònraichte aig a freumhan an Earra-Ghàidheal air a cuid seinn agus air na h-òrain a bhitheas i a’ gabhail an-diugh. A bharrachd air an sin, tha Paul McKenna, a th’ air iomadh duais a bhuannachadh aig Na Trads, cuideachd a’ tadhail air Linda gus bruidhinn mun dualchas ciùil aige fhèin. Tha an seinneadair òg seo à Barrhead a’ soilleireachadh carson dìreach a chaidh Seinneadair Albais Na Bliadhna a bhuileachadh air, ’s e a’ gabhail Again for Greenland.

Chaidh Taghadh bho Na Trads a riochdachadh le Bees Nees Media airson BBC ALBA.


2013 Programme Archive Tasglann Phrògraman 2013

Hogmanay Cèilidh 2013Cèilidh na Bliadhn' Ùire 2013
Siubhal le ShepherdSiubhal le Shepherd
CunnartCunnart
Capercaillie @ 30Capercaillie @ 30
Na Trads 2013 – LIVENa Trads 2013 – BEÒ
Trusadh: The Private DiseaseTrusadh: An Galar Dìomhair
EòrpaEòrpa
Hibernian v Inverness Caledonian ThistleHibernian v Inverness Caledonian Thistle
Trusadh: The Children’s PanelTrusadh: Èist ris a’ Chloinn
Ramsdens CupCupa Ramsdens
Scotland v Northern IrelandAlba v Èirinn a Tuath
Two Days In OctoberDà Là San Dàmhair
My Brother the Ark RaiderBràithrean na h-Airce
HoneyballersHoneyballers
WeddingsBainnsean
BethesdaBethesda
Referendum DebateRathad an Referendum
From Harris with LoveChì Mì’n Tìr
Rapal TVRapal Tbh
BelladrumBelladrum
Albion Rovers v RangersAlbion Rovers v Rangers
Sutherland Cup FinalCuairt Dheireannach Cupa an t-Sutharlanaich
Hebridean Celtic FestivalFeis Cheilteach Innse Gall
Islands of the WestInnsean an Iar
Highland MidwivesMnathan-Glùine
Trusadh: The Ladies and Gents Trusadh: Gaisgich nan Goireasan
Ricky RossRicky Ross
Taghadh bho Na TradsTaghadh bho Na Trads
Gothenburg ‘83Gothenburg ‘83
Glasgow Warriors v OspreysGlasgow Warriors v Ospreys
A Hooker's JourneyTuras Huiceara
Scottish Challenge Cup FinalCupa Dùbhlan na h-Alba
HomelessGun Dachaigh
Sgoil nan Cuileanan - Where Obedient Dogs RuleSgoil nan Cuileanan
RaboDirect PRO12RaboDirect PRO12
Eòrpa - 20th anniversary this weekEòrpa - 20 bliadhna an t-seachdain seo
Turas TonyTuras Tony
Fuine / Home BakingFuine
Dà-FhillteDà-Fhillte
The Little Prince / Am Prionnsa BeagAm Prionnsa Beag
Trusadh: Tiree – Outside the BoxTrusadh: Buaidh Thiriodh - Beò air a’ Bhogsa
Scarlets v Edinburgh RugbyScarlets v Edinburgh Rugby
Trusadh : Living with DementiaTrusadh : Seargadh-Inntinn
RAPAL TVRAPAL Tbh
St Johnstone v CelticSt Johnstone v Celtic
Lisdoonvarna 'When Love Comes To Town'Lisdoonvarna
Trusadh: Stornoway Maritime MattersTrusadh: Sealladh bhon Chaladh
Cuirm @ Celtic: SMO@40Cuirm @ Celtic: SMO@40
Solas - Shamrock CitySolas - Shamrock City

2012 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2012


News Archive Tasglann Naidheachdan

Follow this link to the 2014 news press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann naidheachdan 2014.