GàidhligEnglish

Programme Archive Tasglann Phrògraman

Cuirm @ Celtic

BBC ALBA – Starts Saturday 1 February at 9.00pm

Cuirm @ Celtic

BBC ALBA - A’ tòiseachadh Disathairne 1 Gearran aig 9.00f

Julie Fowlis

BBC ALBA SCREENS THE BEST OF CELTIC CONNECTIONS 2014

The cream of Celtic Connections 2014 concerts will come to our screens in February as BBC ALBA presents a new series of Cuirm @ Celtic.

With the channel once again boasting an eclectic line-up from Celtic Connections, the series will feature performances from top acts including Capercaillie, Julie Fowlis, The Great Gathering, RANT, Stocton’s Wing and Blazin’ Fiddles.

Festival favourites Capercaillie launch the series on February 1 with a concert set celebrating their 30th anniversary tour. With Glasgow’s Royal Concert Hall being known as the spiritual home of the festival, then surely Capercaillie can be branded the house band. Drawing on both their latest material and a repertoire which has taken the band to the top of the music charts, Capercaillie flex their considerable musical might in front of a packed house. The band are joined by a superb array of special guests including Kathleen MacInnes, Sineag MacIntyre, Kris Drever, Gerry O’Connor and Mark Duff.

Capercaillie

Cuirm @ Celtic continues on February 8 with one of the brightest Gaelic folk artists around - Julie Fowlis - who brings a bigger band to our screens, although it’s the songs that shine as she showcases her upcoming fourth album. For someone who has, in the past, candidly admitted to being obsessed by songs and who regards songs as gifts, Julie Fowlis is a generous artist on the evidence of this transcendental performance. Some special musical guests, including support act - the joyous sounding RANT, augment her regular band -the effortlessly talented trio of Éamon Doorley, Duncan Chisholm and Tony Byrne - here. This quartet of violinists, stars in their own right, are worth the entrance fee alone for the crowd in attendance. If anyone needs proof of how vibrant our traditional music scene is, look no further than Cuirm @ Celtic: Julie Fowlis.

The wonderfully diverse in-concert series continues on February 15 with Stockton’s Wing, a trad band who dominated the folk scene of the 1980s and 90s, achieving major international success. Developing a folk-pop sound around Mike Hanrahan’s original songs, they took traditional music and made their own sound, influencing an entire generation of Irish musicians. Mike Hanrahan returns to the Celtic Connection stage with founder members, Paul Roche and Tommy Hayes, plus fiddler Dezi Donnelly and Enda Scahill on banjo and mandolin. The pioneering Blazin’ Fiddles have revolutionized fiddle music and have taken old and new tunes to stages all over the world. This formidable cast of musicians celebrated their 15th anniversary in 2013, but show no signs of ageing and they aren’t about to rest their fiddles yet. Despite their own accomplishments, they remain fans of Stockton’s Wing and join musical heroes onstage for a few tunes.

The fourth and final programme on February 22 upends preconceived notions of where a concert ends and cèilidh dancing begins. Renowned accordionist Alasdair MacCuish and top Shetland fiddler Chris Stout channel magic to our screens through a night of songs and tunes to make something for the head and for the feet. The Great Gathering sees a brilliant ensemble cast of contemporary musicians taking to the stage of the Old Fruitmarket for a mix of high-octane contemporary folk and ceilidh music.

Cuirm @ Celtic is produced by Bees Nees Media for BBC ALBA with the first programme in the four part series being broadcast on Saturday 1 February at 9pm and subsequent programmes following each Saturday thereafter.

CELTIC CONNECTIONS 2014 A’ TIGHINN GU BBC ALBA

Bidh a’ chuid as fheàrr de chuirmean Celtic Connections 2014 a’ tighinn thugainn sa Ghearran le sreath ùr de Cuirm @ Celtic air BBC ALBA.

Aon uair eile bidh an t-seanail a’ foillseachadh measgachadh fharsaing de thàlant bho fhèis Celtic Connections, agus am measg na nochdas anns an t-sreath seo bidh sàr rionnagan mar Capercaillie, Julie Fowlis, The Great Gathering, RANT, Stockton’s Wing agus Blazin’ Fiddles.

Capercaillie

A’ cur an t-sreath air bhog air 1 Gearran bidh còmhlan air a bheil meas agus iarraidh mhòr aig an fhèis – Capercaillie – agus iad a’ comharrachadh clach-mhìle nan deich bliadhna fichead aca. Ma ’s e Talla Rìoghail Ghlaschu an dachaigh spioradail aig Celtic Connections, tha fios gur e Capercaillie còmhlan-ciùil na dachaigh sin. A’ tarraing air an stuth as ùire aca agus cuid den cheòl is òrain a tha air an toirt gu mullach nan clàran ciùil, bidh Capercaillie a’ cur an cliù sin an cèill gu làidir ann an talla a bhios làn chun a’ mhullaich. Còmhla riutha air an oidhche sin bidh Kathleen NicAonghais, Sìneag Nic an t-Saoir, Kris Drever, Gerry O’Connor agus Mark Duff ‘s iad uile a’ toirt spèis do chòmhlan ciùil a tha air an ìre as àirde a ruighinn.

Leanaidh Cuirm @ Celtic air 8 Gearran le aon de na seinneadairean Gàidhlig as tarraingiche a tha againn - Julie Fowlis. Bidh ise a’ faighinn taic bho chòmhlan nas motha nan àbhaist ach ‘s iad na h-òrain a sheasas a-mach ’s i ‘toirt cothrom dhuinn èisteachd ri cuid den stuth ùr a bhios air a’ cheathramh clàr aice. Tha i air aideachadh gu bheil i air a beò-ghlacadh le òrain agus gu bheil i a’ coimhead orra mar thiodhlacan, agus ‘s ann fialaidh dha-rìribh a tha i fhèin le cuid òrain gach uair a thèid i air an àrd-ùrlar. A thuilleadh air an triùir as àbhaist a bhith a’ cumail taic rithe – Eamonn Doorley, Donnchadh Siosalach agus Tony Byrne – bidh aoighean ciùil sònraichte eile na cuideachd. Nam measg bidh RANT, ceathrar fhìdhleir nach eil gann de chliù agus a bheireadh luach an airgid do luchd-èisteachd ged nach biodh aig a’ chuirm ach iad fhèin.

Leanaidh an t-sreath iongantach de chuirmean ciùil air 15 Gearran, le Stockton’s Wing. Thàinig an còmhlan air adhart mar chumhachd ùr ann an ceòl traidiseanta, agus gu dearbha bha buaidh làidir aca air a’ ghluasad sin anns na 80an agus na 90an agus shoirbhich iad aig ìre eadar-nàiseanta. Bha an dreach ciùil folk-pop aca air a bhonntachadh air na h-òrain aig Mike Hanrahan – dreach a chuir am blas fhèin air ceòl traidiseanta. Thar còrr is dà fhichead bliadhna, tro chuairtean is chlàran, thug an còmhlan buaidh air ginealach slàn de luchd-ciùil Èireannach. Tha Mike Hanrahan a’ tilleadh gu àrd-ùrlar Celtic Connections le dithis eile a stèidhich Stockton’s Wing – Paul Roche agus Tommy Hayes – agus còmhla riutha tha am fìdhleir, Dezi Donnelly agus Enda Scahill air banjo and mandolin. Tha Blazin’ Fiddles air cruth-atharrachadh a thoirt air ceòl na fìdhle agus air puirt ùr is eachdraidheil a thoirt gu luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail. Ann an 2013 chomharraich iad còig bliadhn’ deug mar chòmhlan, ach chan eil càil a choltas gu bheil an aois a’ laighe orra. Gu fortanach dhuinne tha iad cho èasgaidh ’s a bha iad a-riamh. Tha spèis luchd-leantainn aca do Stockton’s Wing agus tha iad ro-dheònach stùr a chur às an àrd-ùrlar seo còmhla ri na gaisgich-ciùil aca.

Bidh an ceathramh prògram agus am fear mu dheireadh san t-sreath air 22 Gearran a’ cur barrachd is teagamh anns a’ bheachd gu bheil e follaiseach far a bheil a’ chuirm a’ crìochnachadh agus an dannsa-cèilidh a’ tòiseachadh. Bidh an cluicheadair bogsa cliùiteach, Alasdair MacCumhais agus an sàr fhìdhleir Sealtainneach, Chris Stout, a’ cur casan is cinn ann an sunnd le oidhche air leth de dh’òrain ‘s de cheòl. Chan ann gun adhbhar a chaidh an sgioba seo, The Great Gathering, a chomharrachadh, le measgachadh mìorbhaileach de luchd-ciùil a’ gabhail thairis an àrd-ùrlar sa Fruitmarket airson oidhche chumhachdach de cheòl dùthchais is ceòl cèilidh.

Tha Cuirm @ Celtic air a riochdachadh le Bees Nees Media airson BBC ALBA, agus thèid a’ chiad phrògram ann an t-sreath de cheithir pàirtean a chraoladh air Disathairne 1 Gearran aig 9f. Leanaidh an còrr den t-sreath gach Disathairne às dèidh sin.


2014 Programme Archive Tasglann Phrògraman 2014

Hogmanay Ceilidh 2014Cèilidh na Bliadhn' Ùire 2014
Gemma’s OrphansDìlleachdain Gemma
An Dotair MòrAn Dotair Mòr
MànranMànran
Turas Tony: The Ben Nevis RaceTuras Tony: The Ben Nevis Race
Torcuil's Guide to Being a GaelTorcuil's Guide to Being a Gael
Sàr-Sgèoil: Lewis TrilogySàr-Sgèoil: Lewis Trilogy
An Oidhche Ron Nollaig An Oidhche Ron Nollaig
McQueen of ScotsAm Balach MacCuidhein – McQueen of Scots
Trusadh: The Commonwealth GameseTrusadh: Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis
Big John: Sgeulachd John HartsonBig John: Sgeulachd John Hartson
Na Trads 2014 – LiveNa Trads 2014 – Beò
Gillean GrinnGillean Grinn
Caileagan a' Chogaidh Mhòir/A Great AdventureCaileagan a' Chogaidh Mhòir
Netherlands v ScotlandNetherlands v Scotland
Fonn Fonn FonnFonn Fonn Fonn
Live FootballBall-coise Beò
Live FootballBall-coise Beò
HMS TimbertownHMS Timbertown
Cobhair ChloinneCobhair Chloinne
Small Hands In a Big WarClann a’ Chogaidh Mhòir
FIFA World Cup 2015 qualifierCupa Cruinne nam Ban 2015
Live FootballBall-coise Beò
Rugby double headerRugbaidh
Munster v EdinburghMunster v Edinburgh
RAPAL TVRAPAL TBH
Petrofac Training Cup – Rangers v ClydePetrofac Training Cup – Rangers v Clyde
Live Shinty - Skye v Glen UrquhartCamanachd beò - Skye v Glen Urquhart
Belladrum 2014Belladrum 2014
Commonwealth CèilidhCèilidh a’ Cho-Fhlaitheis
A gu U GlaschuA gu U Glaschu
Bliadhna Kerry / Kerry’s YearBliadhna Kerry
Live Football - Scotland v SwedenBall-coise beò - Scotland v Sweden
Trusadh - Two-Eight-TwoTrusadh - Dhà-Ochd-Dhà
Jock SteinJock Stein
Leinster v Glasgow WarriorsLeinster v Glasgow Warriors
Of Diabolical PurposeOf Diabolical Purpose - Sgeulachd Monsieur Chantrelle
All That Lies Behind MeAll That Lies Behind Me – Sgeulachd Donald Merrett
Eileanan FraoichEileanan Fraoich
Ramsdens Cup FinalChuairt Deireannach Cupa Ramsdens
Scotland v PolandScotland v Poland
Rathad an ReferendumRathad an Referendum
Nationwide an Alba: EastNationwide an Alba: An Taobh An Ear
Nationwide an Alba: WestNationwide an Alba: An Taobh An Iar
Smile PleaseDìleab Thormoid
Air an RathadAir an Rathad
BBC Radio Scotland Young Traditional Musician 2014BBC Radio Scotland Neach-ciùil Traidiseanta Òg 2014
Celtic Connections 2014Celtic Connections 2014
Trusadh – Slàinte na Sgìre: An Island PracticeTrusadh – Slàinte na Sgìre: An Island Practice
The Minister’s WifeBean a’ Mhinisteir
DIY le DonnieDIY le Donnie
Ceitidh MòragCeitidh Mòrag

2015 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2015

2014 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2014

2013 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2013

2012 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2012


News Archive Tasglann Naidheachdan

Follow this link to the 2014 news press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann naidheachdan 2014.