GàidhligEnglish

Programme Archive Tasglann Phrògraman

Cobhair Chloinne

BBC ALBA – Starts Monday 22 September at 8.30pm

Cobhair Chloinne

BBC ALBA - Diauain 22 Sultain aig 8.30f

BBC ALBA HIGHLIGHTS THE LIFE SAVING WORK OF THE SCOTTISH PAEDIATRIC RETRIEVAL SERVICE

Cobhair chloinne

The Scottish Paediatric Retrieval Service provides a unique and vital service at the heart of Scotland's NHS. Operating 24 hours a day, 365 days a year, this team of specialist doctors and nurses are on call to ensure that critically ill children receive life-saving treatment wherever they are in Scotland.

Now, with exclusive and intimate access to the world of this eye-opening and utterly life-affirming division of NHS Scotland, Cobhair Chloinne brings the work of the Paediatric Retrieval Service to BBC ALBA.

The Service’s job is to get doctors and nurses fast to any of the 200+ hospitals in Scotland, so that seriously ill children can be transported to access the major intensive care units in Glasgow and Edinburgh. What’s more remarkable is that the Retrieval team doctors and nurses must provide the highest level of life support while in transit often inside ambulances, helicopters, airplanes and rapid response vehicles.

The Paediatric Retrieval Service work with cutting edge equipment in demanding, ever-changing environments – but the job still boils down to their unique ability to stay calm, and keep these children alive throughout their often long journeys.

Paediatric Retrieval Team Helicopter

Cobhair Chloinne spent 6 months in the company of the Paediatric Retrieval Teams based at Glasgow's Royal Hospital for Sick Children, Yorkhill and Edinburgh's Royal Hospital for Sick Children. We hear first-hand from the doctors and nurses who, day in day out, provide a life-saving services to the remotest parts of Scotland. They work closely with medical staff in rural communities ensuring children in those areas can receive the highest level of medical care, when they need it.

Paediatric Retrieval Team

Over the course of the series, we see how the NHS across Scotland delivers care to our children. From the central belt we travel to Shetland, the Western Isles and even Belfast. In the company of the Team, we experience incredibly positive stories as we see children with life threatening conditions nursed back to health, often with some of the most advanced medical treatments available. Sadly not every child can be saved, and our brave families have consented to their stories being told too.

Across six episodes we get to know the central characters from the Retrieval Teams - they provide our way into the stories and families that the Service touches upon every day of the year. We meet the parents, often at the moment they always dreaded, when their child becomes gravely sick. These families feel indebted to the team, and the connected service that the NHS provides. Produced by Bees Nees for BBC ALBA, Cobhair Chloinne starts on Monday 22 September at 8.30pm and runs for six consecutive weeks.

Cobhair chloinne

Aig cridhe Seirbheis Nàiseanta na Slàinte ann an Alba tha obair riatanach ’s chudromach sgioba Cobhair Chloinne na dùthcha. Tha an sgioba sònraichte seo do dhotairean ’s bhanaltram speisealta ag obair timcheall a’ ghleoc, gach uair dhen latha agus gach latha dhen bhliadhna, gus dèanamh cinnteach gu bheil òigridh a tha uabhasach meadhanach no ìosal a’ faighinn an cobhair a tha dhìth orra, g’e bith càit’ a bheil iad an Alba.

A-nis, sa phrògram Cobhair Chloinne, thathar a’ faighinn sealladh prìseil a-steach gu saoghal thrang nan eòlaichean seo, ’s saothair làitheil an t-Seirbheis Cobhair Chloinne air a sgaoileadh gu luchd-amharc BBC ALBA.

Tha e na dhleastanas dhan t-Seirbheis seo dotairean agus banaltraman fhaighinn gu còrr is dà cheud ospadal ann an Alba cho luath ’s a ghabhas, son ’s gun urrainnear clann a tha tinn a ghluasad gu prìomh aonadan dlùth-aire ann an Glaschu no Dùn Èideann. Nas iongantaiche buileach, tha aig na dotairean agus na banaltraman seo ri cobhair riatanach aig an ìre as àirde, a thoirt do dh’euslaintich beaga fhad ’s a tha iad a’ siubhal bho àite gu àite, ’s iad tric taobh a-staigh carbad-eiridinn, heileacoptair, itealan no carbadan luath eile.

Heileacoptair aig Sgiobaidhean Cobhair Chloinne

Chuir sgioba-clàraidh Cobhair Chloinne seachad sia mìosan ann an cuideachd Sgiobaidhean Cobhair Chloinne stèidhichte aig Ospadal Yorkhill ann an Glaschu agus san Ospadal Rìoghail airson Cloinne Tinne ann an Dùn Èideann. Mar sin, cluinnidh sinn bho dhotairean agus bhanaltraman a tha mion-eòlach air a bhith a’ toirt cobhair beatha-shàbhalaidh do chloinn ann an cuid de na sgìrean as iomallaiche ann an Alba, bho latha gu latha. Bidh sgiobaidhean na seirbheis seo ag obair gu dlùth còmhla ri luchd-obrach meidigeach ann an coimhearsnachdan dùthchail gus dèanamh cinnteach gum faigh gach pàiste meadhanach sna sgìrean sin cobhair dhen ìre as àirde, nuair a tha feum aca air.

Sgioba Cobhair Chloinne

Tron t-sreath seo chì sinn mar a tha Seirbheis Nàiseanta na Slàinte a’ toirt cùram do chloinn air feadh Alba; bho Na Crìochan, suas cho fada tuath ri Sealtainn agus a-null chun nan Eilean an Iar agus fiù ’s gu Beul Feirste. Ann an cuideachd sgioba Cobhair Chloinne, cluinnidh sinn mu stòiridhean agus suidheachaidhean mìorbhaileach nuair a tha an cuid oidhirpean ag altram cuid dhe na h-euslaintich as tinne air ais gu slàinte, ’s iad tric a’ cleachdadh cuid dhe na cungaidhean-leighis ’s na dòighean-obrach as sgileil ’s a th’ ann. Gu mì-fhortanach ge-tà, tha amannan ann nuair nach gabh a h-uile pàiste ri oidhirpean nan sgiobaidhean, ach tha cuid dhe na teaghlaichean seo air aontachadh na stòiridhean duilich aca innse cuideachd.

Thairis air sreath de shia phrògraman, cuiridh sinn eòlas air cuid dhen luchd-obrach am measg Sgiobaidhean Cobhair Chloinne, ’s a tha iad ag innse dhuinn mu shuidheachadh cuid a theaghlaichean a bhitheas an eisimeil orra. Coinnichidh sinn cuideachd ri pàrantan na cloinne, aig àm doirbh nam beatha ’s iad fo iomagain, ’s cuid dhiubh a’ faighinn naidheachd gu bheil am pàiste air fàs nas miosa. Ach, tha earbs’ aca uile ann an Sgiobaidhean Cobhair Chloinne; tha iad nan comain agus taingeil gu bheil an leithid de sheirbheis air a thabhann tro Sheirbheis Nàiseanta na Slàinte san dùthaich seo.


2014 Programme Archive Tasglann Phrògraman 2014

Hogmanay Ceilidh 2014Cèilidh na Bliadhn' Ùire 2014
Gemma’s OrphansDìlleachdain Gemma
An Dotair MòrAn Dotair Mòr
MànranMànran
Turas Tony: The Ben Nevis RaceTuras Tony: The Ben Nevis Race
Torcuil's Guide to Being a GaelTorcuil's Guide to Being a Gael
Sàr-Sgèoil: Lewis TrilogySàr-Sgèoil: Lewis Trilogy
An Oidhche Ron Nollaig An Oidhche Ron Nollaig
McQueen of ScotsAm Balach MacCuidhein – McQueen of Scots
Trusadh: The Commonwealth GameseTrusadh: Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis
Big John: Sgeulachd John HartsonBig John: Sgeulachd John Hartson
Na Trads 2014 – LiveNa Trads 2014 – Beò
Gillean GrinnGillean Grinn
Caileagan a' Chogaidh Mhòir/A Great AdventureCaileagan a' Chogaidh Mhòir
Netherlands v ScotlandNetherlands v Scotland
Fonn Fonn FonnFonn Fonn Fonn
Live FootballBall-coise Beò
Live FootballBall-coise Beò
HMS TimbertownHMS Timbertown
Cobhair ChloinneCobhair Chloinne
Small Hands In a Big WarClann a’ Chogaidh Mhòir
FIFA World Cup 2015 qualifierCupa Cruinne nam Ban 2015
Live FootballBall-coise Beò
Rugby double headerRugbaidh
Munster v EdinburghMunster v Edinburgh
RAPAL TVRAPAL TBH
Petrofac Training Cup – Rangers v ClydePetrofac Training Cup – Rangers v Clyde
Live Shinty - Skye v Glen UrquhartCamanachd beò - Skye v Glen Urquhart
Belladrum 2014Belladrum 2014
Commonwealth CèilidhCèilidh a’ Cho-Fhlaitheis
A gu U GlaschuA gu U Glaschu
Bliadhna Kerry / Kerry’s YearBliadhna Kerry
Live Football - Scotland v SwedenBall-coise beò - Scotland v Sweden
Trusadh - Two-Eight-TwoTrusadh - Dhà-Ochd-Dhà
Jock SteinJock Stein
Leinster v Glasgow WarriorsLeinster v Glasgow Warriors
Of Diabolical PurposeOf Diabolical Purpose - Sgeulachd Monsieur Chantrelle
All That Lies Behind MeAll That Lies Behind Me – Sgeulachd Donald Merrett
Eileanan FraoichEileanan Fraoich
Ramsdens Cup FinalChuairt Deireannach Cupa Ramsdens
Scotland v PolandScotland v Poland
Rathad an ReferendumRathad an Referendum
Nationwide an Alba: EastNationwide an Alba: An Taobh An Ear
Nationwide an Alba: WestNationwide an Alba: An Taobh An Iar
Smile PleaseDìleab Thormoid
Air an RathadAir an Rathad
BBC Radio Scotland Young Traditional Musician 2014BBC Radio Scotland Neach-ciùil Traidiseanta Òg 2014
Celtic Connections 2014Celtic Connections 2014
Trusadh – Slàinte na Sgìre: An Island PracticeTrusadh – Slàinte na Sgìre: An Island Practice
The Minister’s WifeBean a’ Mhinisteir
DIY le DonnieDIY le Donnie
Ceitidh MòragCeitidh Mòrag

2015 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2015

2014 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2014

2013 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2013

2012 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2012


News Archive Tasglann Naidheachdan

Follow this link to the 2014 news press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann naidheachdan 2014.