GàidhligEnglish

Programme Archive Tasglann Phrògraman

BBC ALBA SCREENS BBC MUSIC DAY 2015

BBC ALBA – Starts Friday 5th June at 9pm

BBC ALBA A’ TAISBEANADH LÀ CIÙIL 2015 A’ BhBC

BBC ALBA – A’ tòiseachadh Dihaoine 5mh Ògmhios aig 9f

Daimh

The inaugural BBC Music Day takes place on Friday 5 June, and to coincide with the occasion, BBC ALBA will be showcasing a range of musical talent featuring live performances and a look at Scotland’s musical heritage.

The evening gets underway with Ceòl Air A’ Chluaidh, a concert from Pacific Quay on the River Clyde. Linda MacLeod hosts the best of Scottish and Gaelic traditional music with sets from an exciting and diverse musical bill including Finlay MacDonald and guitarist Ross Martin; Maeve MacKinnon; Top Floor Taivers, featuring BBC Young Traditional Musician of the Year, Clare Hastings; top tunesmiths RURA featuring much-lauded vocalist Adam Holmes and Gaelic supergroup Dàimh, with fabulous singer Ellen Macdonald as the latest addition to their ranks.

RURA

The celebration of traditional music and song continues as musician and broadcaster Mary Ann Kennedy presents the first glimpse of Seirm, part of the BBC ALBA autumn season. Filmed at the atmospheric Cottiers Theatre during Celtic Connections, Seirm features an amazing array of artists who lit up freezing January nights with some exhilarating music.

Mary Ann Kennedy

According to Kennedy, part of the attraction of Celtic Connections lies in the unexpected; discovering new music from all over the world and renewing old friendships. It’s hard to disagree. Over the course of the half hour, viewers will see familiar bands and singers - Màiri MacInnes, Adam Cohen, Luka Bloom and Breabach - and discover some that you’ve never heard before, including Canadian five-piece Fish & Bird and The California Feetwarmers, a jazz and ragtime outfit, making their first visit to Glasgow. Mary Ann Kennedy and Seirm return to BBC ALBA in the autumn.

Adam Cohen

To round off the musical evening, Julie Fowlis presents Stòras, a personal journey through Scotland’s musical archives. In addition to the musicians and singers who influenced Julie, Stòras is a showcase for almost seven decades of musical talent that make up a large part of Scotland’s television and film archives. Tracing the continuum of Scotland’s music, Julie Fowlis takes us from the formal parlour music of early recordings in the 1950s, through the populist light entertainment shows of the 60s and 70s before surveying the broad contemporary traditional music scene.

Julie Fowlis

Seminal performances and key musicians form the narrative, taking in prime-time favourites such as Anne Lorne Gillies, impresario Calum Kennedy, pioneering rockers Runrig and the much-missed visionary Martyn Bennett.

If the music was shaped around the prevailing fashions of the decades, then the actual programmes underwent radical changes; technology and trends impacting on how music was presented onscreen. A reflection on traditional music, Stòras is a fitting way to close a stellar evening of music on BBC ALBA.

Produced by Bees Nees Media for BBC ALBA, BBC Music Day gets underway on BBC ALBA on Friday 5 June from 9.00pm.

Thèid a’ chiad Là Ciùil leis a’ BhBC air adhart Dihaoine, an 5mh dhen Ògmhios. Tha an fhèill chiùil is chultair ag amas air daoine a tharraing còmhla bho gach ceàrnaidh agus ginealach agus bho gach nòs ciùil. Bidh Là Ciùil a’ BhBC air an àidhear thairis air na seachdainean a tha romhainn, le BBC ALBA a’ cur fad aon fheasgair seachad am bogadh ann an ceòl beò, a’ dèanamh luaidh air gaisgich ciùil agus dualchas ceòlmhor na Gàidhlig.

Tòisichidh an clàr feasgar le ‘Ceòl Air a’ Chluaidh’, cuirm aig Pacific Quay air abhainn Chluaidh. Bidh Linda NicLeòid na bean an taighe air sàr-chruinneachadh de luchd-ciùil gach taobh de dhualchas na h-Alba. Am measg an fheadhainn air aoigheachd, bidh am pìobaire Fionnlagh Dòmhnallach le taic bho Ros Màrtainn air a’ ghiotàr; an seinneadair Maeve NicFhionghuin; Top Floor Taivers, le Clare Hastings nam measg – Neach-Ciùil Òg Traidiseanta BBC Radio Alba 2015; an còmhlan RURA le Adam Holmes os cionn an t-seinn, agus fìor ghaisgich ceòl na Gàidhealtachd agus an ceangalan thall thairis – Dàimh, iad sin leis an t-seinneadair àlainn ùr, Ellen NicDhòmhnaill nan cuideachd.

RURA

Leanaidh an cèilidh le aiteal de shreath ciùil gu tur ùr an cuideachd an neach-ciùil is craoladair Màiri Anna NicUalraig – Seirm - a nochdas air BBC ALBA a-rithist as t-fhoghar. Chaidh an sreath a chlàradh aig taigh-cluiche iomraiteach Cottiers an Glaschu aig àm Celtic Connections – le reultan ciùil bho thall ’s a bhos a’ cur nan sradagan-ciùil air oidhcheannan reòthte an Fhaoillich.

Mary Ann Kennedy

A rèir Màiri Anna, is e aon de bheusan Cheltic Connections, a bhith a’ tachairt air annas a’ cheart cho math ri fàilteachadh seann chàirdean-ciùil bho air feadh na cruinne. Cha b’ urrainn a dhol as àicheadh sin. Bheir an taghadh leth uair a thìde blasad de luchd-ciùil gu math aithnichte, leithid Màiri NicAonghais, Adam Cohen, Luka Bloom agus Breabach – agus bidh cothrom ann cuideachd nithean ùra a chluinntinn, nam measg Fish & Bird à Canada agus muinntir Dixieland – na California Feetwarmers, a’ tadhal air Glaschu airson a’ chiad turas. Bidh Màiri Anna NicUalraig agus Seirm air ais air BBC ALBA as t-fhoghar.

Adam Cohen

Aig deireadh na h-oidhche, bidh Julie Fowlis an làthair le Stòras, cuairt phearsanta tro stòrlann ciùil na h-Alba. A bharrachd air seinneadairean a thug buaidh air Julie fhèin, tha Stòras na shlighe a-steach do sheachdad bliadhna dhen neart-ciùil a tha na chuibhrionn cho mòr de stòran film is telebhisean na h-Alba. A’ leantainn sruth eachdraidh cluinnear, an cuideachd Julie, riochd foirmeil nan clàraidhean a thogadh anns na 50an, ceòl aotrom, gleansach nan 60an is 70an agus sùil fharsaing air ceòl ùr-nodha suas chun latha an-diugh.

Julie Fowlis

Aig cridhe gnothaich, tha cuirmean àraid is sàr luchd-ciùil, nam measg reultan leithid Anna Latharna NicGillIosa, an impresario Calum Ceanadach, an còmhlan cliùiteach roc, Runrig agus am pìobaire, sgrìobhaiche is riochdaire gaolaich, Màrtainn Bennett nach maireann. Ma bha blas an latha air gach ceòl, chaidh na prògraman fhèin tro chruth-atharrachadh gach linn, le teicneòlas is fasain a’ toirt buaidh air mar a bhathar a’ cur-air-làr. Dè mar a b’ fheàrr oidhche dhealrach ciùil traidiseanta a thoirt gu crìch air BBC ALBA na Stòras?

Air a dhèanamh le Bees Nees Media airson BBC ALBA


2015 Programme Archive Tasglann Phrògraman 2015

Hogmanay Ceilidh 2015Cèilidh na Bliadhn' Ùire 2015
Stick Man / BioranStick Man / Bioran
Trusadh - The Highland Railway/Rathad-iarainn na GàidhealtachdTrusadh - Rathad-iarainn na Gàidhealtachd
Trusadh – Cancer Club / Balaich a’ BruidhinnTrusadh – Balaich a’ Bruidhinn
Jolomo: The People’s PainterJolomo: Dealbhadair nan Daoine
Scotland v BelarusAlba v Belarus
Royal National MòdMhòd Nàiseanta Rìoghail
Cobhair ChloinneCobhair Chloinne
Dòtaman at 30Dòtaman aig 30
Jonathan’s ArmyFeachdan Ionatain
Jim BaxterJim Baxter
Balaich a’ Bhìobaill / Bible BoysBalaich a’ Bhìobaill
The Pope’s Eriskay JumperTrusadh - Geansaidh a’ Phàpa
Canada v Glasgow WarriorsCanada v Glasgow Warriors
Belladrum 2015Belladrum 2015
Geamannan nan Eilean 2015 – Island Games 2015Geamannan nan Eilean 2015
Am Balach MacCuidhein – McQueen of ScotsAm Balach MacCuidhein
World Orienteering Championships 2015Co-Fharpais Sligheadaireachd Na Cruinne 2015
Trusadh – DiabetesTrusadh – Tinneas an t-Siùcair
MacTavish Cup FinalCuairt Dheireannach de Chupa MhicTàmhais
Ceòl air Abhainn ChluaidhCeòl air Abhainn Chluaidh
Trusadh - Berlin 25 Years OnTrusadh – Leag am Balla
Air na Rigs / Life OffshoreAir na Rigs
FuineFuine
An Dùbhlan – Sanjeev Kohli does Gaelic An Dùbhlan – Sanjeev Kohli does Gaelic
Glasgow City v Paris Saint-GermainGlasgow City v Paris Saint-Germain
Eileanan FraoichEileanan Fraoich
Cuirm@Celtic: Le Vent Du NordCuirm@Celtic: Le Vent Du Nord
The Real Jekyll & Hyde? The Deacon Brodie StorySgeulachd Deacon Brodie
Baby Killer? Sgeulachd Jessie KingBaby Killer? Sgeulachd Jessie King
Eòrpa MH17Eòrpa MH17
Brian WilsonBrian Wilson
Tartan PrideTartan Pride

2016 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2016

2015 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2015

2014 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2014

2013 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2013

2012 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2012


News Archive Tasglann Naidheachdan

Follow this link to the 2014 news press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann naidheachdan 2014.