GàidhligEnglish

Programme Archive Tasglann Phrògraman

Cobhair Chloinne

BBC ALBA – Wednesday 7 October at 9.00pm

Cobhair Chloinne

BBC ALBA – Diciadain 7 Dàmhair aig 9.00f

Cobhair Chloinne

NEW BBC ALBA PROGRAMME WITNESSES THE MOVE OF YORKHILL’S SICKEST CHILDREN UNDER THE WATCHFUL EYE OF THE SCOTTISH PAEDIATRIC RETRIEVAL SERVICE

The Scottish Paediatric Retrieval Service provides a unique and vital service at the heart of Scotland's NHS. Operating 24 hours a day, 365 days a year, this team of specialist doctors and nurses are on call to ensure that critically ill children receive life-saving treatment wherever they are in Scotland.

Following this incredible division of the NHS in Scotland, BBC ALBA series Cobhair Chloinne provides an insight into the remarkable work of the doctors and nurses charged with transporting seriously ill children to the major intensive care units in Glasgow and Edinburgh. And what’s more extraordinary is that the retrieval team must provide the highest level of life support while in transit often inside ambulances, helicopters, airplanes and rapid response vehicles.

In Wednesday’s episode, we witness one of the most unusual – but historic - tasks undertaken by the retrieval service: moving the entire Paediatric Intensive Care Unit at Yorkhill hospital, to the Glasgow’s new Royal Hospital for Children at the Southern General.

BBC ALBA follows the two day process, undertaken in June this year, to transfer 16 critically ill patients at Yorkhill to the new hospital across the River Clyde under the watchful planning and care of consultants Mark Davidson and Christina Harry. Patients include infants such as Olivia, who will be experiencing her first trip outside the hospital since arriving at Yorkhill seven months ago.

As well as the move from old to new units, we see more of the more of the standard yet lifesaving work that the Paediatric Retrieval Service conducts every day.

That includes the move of three year old Euan, who is critically ill with meningococcal septicemia, from Forth Valley Hospital in Larbert to Edinburgh’s Royal Hospital for Sick Children.

Cobhair Chloinne spent nine months in the company of the Paediatric Retrieval Teams based at Glasgow's Royal Hospital for Sick Children, Yorkhill and Edinburgh's Royal Hospital for Sick Children. We hear first-hand from the doctors and nurses who, day in day out, provide a life-saving services to the remotest parts of Scotland. They work closely with medical staff in rural communities ensuring children in those areas can receive the highest level of medical care, when they need it.

Aig cridhe Seirbheis Nàiseanta na Slàinte ann an Alba, tha obair riatanach ’s chudromach sgioba Cobhair Chloinne na dùthcha. Tha an sgioba sònraichte seo de dhotairean ’s bhanaltraman speisealta ag obair timcheall a’ chleòc, gach uair dhen latha agus gach latha dhen bhliadhna, gus dèanamh cinnteach gu bheil òigridh a tha uabhasach meadhanach no ìosal a’ faighinn an cobhair a tha a dhìth orra, ge bith càit’ a bheil iad an Alba.

Às dèidh dhuinn an saoghal seo a shealltainn do luchd-amhairc BBC ALBA ann an 2014, tha Cobhair Chloinne a’ tilleadh le sreath ùr, is tuilleadh bhon roinn shònraichte seo de Sheirbheis Nàiseanta na Slàinte ann an Alba.

Tha e na dhleastanas air an t-Seirbheis seo dotairean agus banaltraman fhaighinn chun chòrr is dà cheud ospadal ann an Alba cho luath ’s a ghabhas, airson ’s gun urrainnear clann a tha tinn a ghluasad gu prìomh aonadan dlùth-aire ann an Glaschu no Dùn Èideann. Nas iongantaiche buileach, tha aig na dotairean agus banaltraman seo ri cobhair riatanach aig an ìre às àirde, a thoirt do dh’euslaintich bheaga fhad ’s a tha iad a’ siubhail bho àite gu àite, ’s iad tric taobh a-staigh carbad-eiridinn, heileacoptair, itealan no carbadan luath eile.

Bidh an t-Seirbheis Cobhair Chloinne ag obair le uidheamachd sònraichte ann an iomadh suidheachadh eadar-dhealaichte. A dh’aindeoin sin ge-tà, feumaidh na h-eòlaichean seo obrachadh gu sgiobalta ’s iad fo uallach, son ’s gun urrainn dhaibh am prìomh amas aca a choileanadh; cobhair cheart a thoirt dhan òigridh agus cridhe a chumail riutha thairis air astar a tha uaireannan gu math fada.

Am bliadhna, chì sinn an sgioba a’ cur aghaidh air aon de na dùbhlain as motha a bh’ aca a-riamh – a’ gluasad an Aonad Dlùth-Aire gu lèir aig ospadal Yorkhill tarsainn a’ bhaile Ghlaschu gu Ospadal Rìoghail na Cloinne ùr.

Chuir sgioba-clàraidh Cobhair Chloinne seachad naoi mìosan ann an cuideachd Sgiobaidhean Cobhair Chloinne stèidhichte aig Ospadal Yorkhill ann an Glaschu agus san Ospadal Rìoghail airson Cloinne Tinne ann an Dùn Èideann. Mar sin, cluinnidh sinn bho dhotairean agus bhanaltraman a tha mion-eòlach air a bhith a’ toirt cobhair beatha-shàbhalaidh do chloinn ann an cuid de na sgìrean as iomallaiche ann an Alba, bho latha gu latha. Bidh sgiobaidhean na seirbheis seo ag obair gu dlùth còmhla ri luchd-obrach meidigeach ann an coimhearsnachdan dùthchail gus dèanamh cinnteach gum faigh gach pàiste meadhanach sna sgìrean sin cobhair dhen ìre as àirde, nuair a tha feum aca air.


2015 Programme Archive Tasglann Phrògraman 2015

Hogmanay Ceilidh 2015Cèilidh na Bliadhn' Ùire 2015
Stick Man / BioranStick Man / Bioran
Trusadh - The Highland Railway/Rathad-iarainn na GàidhealtachdTrusadh - Rathad-iarainn na Gàidhealtachd
Trusadh – Cancer Club / Balaich a’ BruidhinnTrusadh – Balaich a’ Bruidhinn
Jolomo: The People’s PainterJolomo: Dealbhadair nan Daoine
Scotland v BelarusAlba v Belarus
Royal National MòdMhòd Nàiseanta Rìoghail
Cobhair ChloinneCobhair Chloinne
Dòtaman at 30Dòtaman aig 30
Jonathan’s ArmyFeachdan Ionatain
Jim BaxterJim Baxter
Balaich a’ Bhìobaill / Bible BoysBalaich a’ Bhìobaill
The Pope’s Eriskay JumperTrusadh - Geansaidh a’ Phàpa
Canada v Glasgow WarriorsCanada v Glasgow Warriors
Belladrum 2015Belladrum 2015
Geamannan nan Eilean 2015 – Island Games 2015Geamannan nan Eilean 2015
Am Balach MacCuidhein – McQueen of ScotsAm Balach MacCuidhein
World Orienteering Championships 2015Co-Fharpais Sligheadaireachd Na Cruinne 2015
Trusadh – DiabetesTrusadh – Tinneas an t-Siùcair
MacTavish Cup FinalCuairt Dheireannach de Chupa MhicTàmhais
Ceòl air Abhainn ChluaidhCeòl air Abhainn Chluaidh
Trusadh - Berlin 25 Years OnTrusadh – Leag am Balla
Air na Rigs / Life OffshoreAir na Rigs
FuineFuine
An Dùbhlan – Sanjeev Kohli does Gaelic An Dùbhlan – Sanjeev Kohli does Gaelic
Glasgow City v Paris Saint-GermainGlasgow City v Paris Saint-Germain
Eileanan FraoichEileanan Fraoich
Cuirm@Celtic: Le Vent Du NordCuirm@Celtic: Le Vent Du Nord
The Real Jekyll & Hyde? The Deacon Brodie StorySgeulachd Deacon Brodie
Baby Killer? Sgeulachd Jessie KingBaby Killer? Sgeulachd Jessie King
Eòrpa MH17Eòrpa MH17
Brian WilsonBrian Wilson
Tartan PrideTartan Pride

2016 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2016

2015 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2015

2014 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2014

2013 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2013

2012 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2012


News Archive Tasglann Naidheachdan

Follow this link to the 2014 news press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann naidheachdan 2014.